back to home page
Comhairle nan Eilean Siar | Education I Gaelic Resource Database | Eòin agus Ainmhidhean | Peadar Scott

Peadar Scott

B' e Peadar Scott am fear-eòlais-nàdair a b' ainmeil a bha san t-saoghal. B' e mac Caiptean Scott agus dhèanadh e nì sam bith ris an cuireadh a làmh fìor mhath. Tha sinn eòlach air na dealbhan bòidheach a rinn e de gheòidh agus de thunnagan agus 's dòcha gun cuala sinn e air an rèidio no gum faca sinn e air an telebhisean far an robh e ag innse mu nithean nàdair ann an dòigh cho sgileil agus cho tlachdmhor. Bha e na cheannard shoirbheachail air bàtaichean torpedo agus bàtaichean-cogaidh sa Chaolas Shasannach aig àm an dara cogaidh agus dhealbh e innleachdan airson falach a chur air
bàtaichean-cogaidh. Bha e na sheòladair sgoth a bha fìor mhath agus na phoidhleat-glaidhdear cuideachd ach 's ann mar fhear-stèidheachaidh "Wildlife Trust" ann an Slimbridge faisg air Bristol ann an 1946 as fheàrr a bhios cuimhne air. Ann an sin tha cruinneachadh gun shamhail de gheòidh agus de thunnagan far am bi ceudan de iseanan a tha a' dèanamh imrich a' tighinn gach bliadhna.

B' e Peadar Scott fear-cathrach "World Wildlife Fund" aig a bheil mar chomharradh am panda. Chaidh e air feadh an t-saoghail a' dèanamh a dhìcheall airson toirt air daoine agus air riaghaltais dìon a chur air an àrainneachd agus air beathaichean mar am panda a th' ann an cunnart a bhith air an sgrios. B' e a' chiad neach don deach ridire a dhèanamh (ann an 1973) airson an obair mhòir a rinn e airson dìon na h-àrainneachd.

Mullach na duilleige
Ag Obair Còmhla Airson Nan Eilean - Working Together For The Western Isles