|
|

|
Chaidh rabaidean
an toirt a Bhreatainn bhon Roinn Eòrpa o chionn faisg
air mìle bliadhna ach 's ann o chionn faisg air ceud
bliadhna a chaidh an toirt a-steach dha na h-Eileanan Siar.
B' e fear air an robh an t-ainm Mgr Millbank a thug iad gu
Loch Shìophort an dèidh 1865 agus sgap iad às
an sin air feadh Leòdhais agus na Hearadh.
|
Bha iad air an toirt a
dh'Uibhist a Tuath mu 1870 agus a dh'Uibhist a Deas, a Bharraigh agus
a Bhatarsaigh uaireigin ro 1842. Chan eil iad air am faotainn ann
an Hiort, Rònaigh, Beàrnaraigh Bheag no Beàrnaraigh
Mhòr.
'S e creimich mar radain
a tha sna rabaidean agus nì iad call mòr air feur
agus air craobhan òga. Nì iad call mòr air
machraichean cuideachd far am bi iad a' cladhach tuill air feadh
an àite. Tha e air aithris gun ith trì rabaidean uiread
ri caora agus gun ith fichead 's a coig uiread ri bò. 'S
e an aon nì math mun deidhinn gu bheil iad nam biadh dha
mòran iseanan mar chlamhain, chlamhain nan cearc agus iolairean-bhuidhe
(dhubha). Mar is motha a dh'itheas iad dhiubh 's e as fheàrr.
Tha an call a tha rabaidean
a' dèanamh ann an àitean mar Astràilia agus
New Zealand agus eadhon ann an seo fhèin a' sealltainn gòraich
dhaoine a bhios a' toirt a-steach bheathaichean a tha coigreachail
dhan àite. Bu chòir dha daoine a bhith air am faiceall
nach toir iad beathaichean nach robh san àite a cheana a-steach
do na h-Eileanan Siar.
|