|
Tha dà
sheòrsa ròn ann a bha an gnàth rim faicinn
sna h-Eileanan Siar, an ròn cumanta agus an ròn
glas. 'S e an ròn glas as cumanta sna h-eileanan ged
is e as ainneamh a chithear ann an àitean eile.Aithnichear
iad le am meud, le cumadh an cinn agus le an sròn ach
feumar a bhith an ìre mhath faisg orra mus fhaic thu
an sròn.Mar as trice tha an ròn glas fireann
còrr air trì meatairean a dh'fhaid agus an tè
bhoireann mu dhà mheatair. Tha ise nas motha na an
ròn cumanta nach eil a' ruighinn dà mheatair
a dh'fhaid. Tha sròn Ròmanach air an ròn
glas ach tha sròn an ròin chumanta coltach ri
sròn coin. Tha cuinneanan an ròin chumanta coltach
ri V aig am bonn ach chan eil cuinneanan an ròin ghlais.
Tha na ròin glasa a' sìolachadh air tìr
ach tha an fheadhainn eile a' sìolachadh air sgeirean
agus creagan. Mar sin tha mòran ròin ann an
eileanan mar Rònaigh a Tuath, na h-Eileanan Flannach,
Gascair, na h-Eileanan Monach, Shillay agus Causamul nuair
a bhios iad a' sìolachadh as t-foghar.
Bha fear, Robert
Atkinson a' sgrùdadh chleachdaidhean nan ròn
glasa ann an Shillay ann an Caolas na Hearadh agus sgrìobh
e leabhar, "Shillay and the Seals", a tha ag innse mòran
mu nan ròin seo.
|