Bàird Ghàidhlig > Bàrd Iarsiadair
Bàird Ghàidhlig
 

Màiri nighean Alasdair Ruaidh
Iain Lom
Sìleas na Ceapaich
Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair
Iain MacCodrum
Rob Donn
Dùghall Bochanan

Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir
Uilleam Ros
Iain Gobha na Hearadh
Màiri Mhòr nan Oran
Bàrd Iarsiadair
Uilleam Dhòmhnaill 'ic Choinnich
Bàrd Bharabhais
Dòmhnall Ruadh Chorùna
Bàrd Phàislig
Bàrd Mhealaboist
Am Bocsair
Somhairle MacGill-Eain
Dòmhnall MacAmhlaigh
Anna Frater
Bàrd Iarsiadair (Iain Mac a' Ghobhainn)
Thàinig an dealbh agus an iomradh a leanas às an leabhar 'Bàrdachd Leòdhais' a chaidh fhoillseachadh ann an 1916 le Alasdair MacLabhrainn agus a Mhic agus às ùr ann an 1998 le Acair Earranta.

  Rugadh Iain Mac a' Ghobhainn ann an Iarsiadar, ann an sgìre Uig Leòdhais, anns a' bhliadhna 1848. B' e athair, Pàdraig Mac a' Ghobhainn aig an robh tuathanas Iarsiadair aig an àm. Bha e na dhuine gleusta, tuigseach, agus na dheagh bhàrd cuideachd. Bhuineadh a mhàthair, Seònaid NicDhòmhnaill, do bhaile Tàcleit, ann am Beàrnaraigh Leòdhais. Fhuair Iain toiseach fhoghlaim ann an sgoil bhig Chrùlabhaig. Bha e dèidheil air an sgoil agus deas gu ionnsachadh, mar as trice leotha-san anns a bheil spiorad na bàrdachd, ged a bha an spiorad seo fhathast falaichte ann.

Aig aois ochd-bliadhna-deug, chaidh e gu Steòrnabhagh don sgoil. An uair sin, cha robh ann an Steòrnabhagh ach sgoil bheag a thog an Eaglais Shaor, ach is iomadh duine comasach a fhuair foghlam innte. Chuir e seachad dà bhliadhna an sin. Tha e coltach gur h-ann mun àm seo a thàinig spiorad na bàrdachd am follais ann an toiseach.

Bha nàbaidh àraid aige air an robh an t-ainm Calum Gobha. Rinn Calum rudeigin air nach do chòrd ris, agus is ann a thòisich am bàrd ri aoir a dhèanamh dha. Is e am 'Pulaidh' an t-ainm a thug e do Chalum anns an òran seo. Tha am bàrd ri dèanamh luaidh air treubhantas a' Phulaidh, gum briseadh e sìos a nàimhdean nan ceudan, gu robh buille bhon làimh chumhachdaich aige mar bhuille bho òrd mòr a' ghobhainn, gu robh crios òir mu mheadhan, mar urram agus mar chliù air a bhuaidh ann an gleac; agus ged a thigeadh laoich threuna thar chuain, nach robh iad comasach air an crios a thoirt bhuaithe.

Còmhla ri gach cliù a choisinn e, bha misneachadh na Rèisimeid Ghaidhealaich air leathad Alma. Le eagal roimhe theich fir Shasainn, agus thug iad an casan leotha, agus esan ri frasadh nan ceann gu làr le claidheamh a' chinn òir. An dèidh don bhàrd Calum a thogail don treas nèamh mar seo, tha e nis ga leagadh chun an làir air ball. Ars esan:



A Chaluim, cha b' fhiach thu na fhuair thu,
'S e fanaid an t-sluaigh a tha ann.
'S ann air Morsgail a thogadh tu suas,
Le stapaig is fuaraig ghann.
Nuair thigeadh do nàmhaid dhut dlùth,
'S tu ag amharc na ghnùis le greann,
Cha b' fheàrr am Pulaidh na an cù.
Cha dèanadh e tùrn san àm.

Nach b' fhurasta aithneachadh gu robh làithean mòra bàrdachd ri feitheamh air fear sam bith a dhèanadh aoir den t-seòrsa seo aig sia-bliadhna-deug?

An dèidh dha Iain Sgoil Steòrnabhaigh fhàgail chaidh e gu Oilthigh Dhùn Èideann airson eòlas-leighis ionnsachadh. Bha seo mu thimcheall na bliadhna 1870. Rè a chuairt anns an Oilthigh dh'oibrich e gu cruaidh. Bha deagh cheann aige, ach bha e air a chumail air ais le cion nan sochairean mòra sin a bhith aige na òige, agus a bha aig na h-oileanaich sin a bha air an teagaisg ann an sgoiltean mòra na Galldachd. Co-dhiù, bhuadhaich e anns a' chiad cheasnachadh agus an dèidh sin chaidh e air adhart airson foghlam lighiche. Bhuadhaich e anns a' chiad cheasnachadh airson lighichean, agus cha b' ann gun strì. Rè nan còig bliadhna bha e ann an Dùn Èideann, cha robh e aig an taigh ach dà uair. Bha seo ri sealltainn nach b' ann dìomhain a bha e ri cur seachad na h-ùine.

B' e an t-Urramach D MacNeacail à Uibhist a Deas a bha na chompanach agus na charaid aige. Tha esan ri toirt a' chunntais a leanas air an ùine a chuir iad seachad còmhla ri chèile:

"B' e sgoilear Laidinn a b' fheàrr na mise, agus bha dèidh mhòr aige air leughadh - gu h-àraidh bàrdachd. Bu toigh leis a bhith ri leughadh eachdraidh ar dùthcha cuideachd. B' ann glè ainneamh a chunnaic mi dìomhain e, agus b' iomadh uair a thuirt mi ris an uair a chithinn e cho dripeil ag obair, nach b' urrainn a' bhodhaig aige seasamh ris, mur gabhadh e tàmh agus mur toireadh e an aire air a shlàinte."

Thachair e mar a thuirt an t-Urramach. Bhris a shlàinte an ceann nan còig bliadhna. Rinn tuilleadh agus a' chòir den chuing an gnothach air. Bha e làidir gun teagamh, ach ghabh e cus brath air a neart. Cha do shaoil e fhèin no càch gu robh an gnothach cho dona is a bha e an toiseach. An uair a thòisicheadh e ri gearain ris a' chompanach aige, theireadh esan ris, "A lighiche, leighis thu fhèin", ri feuchainn ri misneach a thoirt dha, ach cha robh math sam bith an sin. Thromaich air cho mòr is gum b' fheudar dha Dùn Èideann fhàgail, agus am foghlam a leigeil seachad. Thòisich goirteas anns an taobh aige agus theann e ri cur a-mach na fala. Cha robh e fhèin airson gabhail ris cho dona is a bha e, agus mar sin cha robh e cho faiceallach air fhèin is bu chòir dha. Thàinig e dhachaigh do dh'Iarsiadar, àite a bhreith agus àraich. Chuir e seachad seachd bliadhna an sin mus do bhàsaich e, timcheall air a' Bhliadhna Uir, 1881, aig aois trì-bliadhna-deug thar fhichead - air a bhriseadh sìos an toiseach a là, an uair a bha a' ghrian fhathast an àirde nan speur.

Chan eil nì sam bith a tha toirt solais cho math dhuinn air inntinn duine ri na sgrìobhaidhean no a' bhàrdachd aige, ma tha sin ann; oir tha an sgriobtar ag ràdh, "à lànachd a' chridhe labhraidh am beul". Mar sin, tha fìor inntinn agus tograidhean Iain Mhic a' Ghobhainn air an toirt a-mach gu soilleir anns a' bhàrdachd aige, agus nach eil duine a leughas na h-òrain aige nach fhaic aon chruth co-dhiù den inntinn aige ri deàlradh a-mach anns gach ceathramh a chuir e ri chèile - is e sin a cho-fhulangas ri luchd-dùthcha air an robh fòirneart mòr air a dhèanamh le uachdaran agus bàillidh. Airson seo a dhèanamh nas soilleire, beachdaichidh sinn air cor Sgìre Uige, agus gu h-àraidh cor Bheàrnaraigh, agus tìr mòr aig an àm.

Bho chian bha muinntir Sgìre Uige ri cur an cruidh gu àirigh air a' mhòintich anns an t-samhradh. A-nuas gus a' bhliadhna 1872 b' ann aig Beannaibh a' Chuailein, faisg air crìch na Hearadh, a bha àirighean Bheàrnaraigh agus na tìr-mòire mu choinneimh. Bha iad ri faighinn na mòintich seo le na croitean gun tuilleadh màil a phàigheadh.

Anns a' bhliadhna 1871 thàinig fios don ionnsaigh bhon t-seumarlan, Dòmhnall Mac an Rothaich, gu robh Beannaibh a' Chuailein gu bhith air an toirt bhuapa airson an cur a-steach ri frìth fhiadh; ach nan àite gu robh iad ri dol a dh'fhaighinn mòinteach Iarsiadair. Bha mòran deasbaireachd agus rannsachaidh ri dol air adhart mu thimcheall seo eadar na croitearan agus an seumarlan, gus mu dheireadh gun deach buadhachadh air an tuath seo, an làmh a chur ri pàipear an oifis an t-seumarlain an Steòrnabhagh. Thuirt Dòmhnall Mac an Rothaich riutha gu robh an làmh a chur ris a' phàipear seo ri dearbhadh, gu robh iad gu toileach ri leigeil bhuapa Beannaibh a' Chuailein, agus ri gabhail nan àite mòinteach Iarsiadair, agus gun gleidheadh iad sealbh air sin cho fad is a phàigheadh iad màl, agus a ghiùlaineadh iad iad fhèin gu cubhaidh. Bha seo a-nis daingnichte mar gum b' ann le mionnan, agus cha robh dùil aca gun cuirte an còrr dragha orra. Air an cosg fhèin thog iad gàrradh - air fad sheachd mìle - eadar mòinteach Iarsiadair agus frìth Scealascro, gun taing gun duais bhon oighreachd. Phàigh iad am màl gu cunbhalach, agus ghiùlain iad iad fhèin gu modhail, ri creidsinn gum biodh iad air am fàgail aig fois.

Bha mòinteach Beannaibh a' Chuailein na b' fheàrr air gach dòigh, agus na bu mhotha na monadh Iarsiadair. Ach cha deach sgillinn ruadh a lùghdachadh dhaibh às a' mhàl. Bha seo glè chruaidh air na daoine bochda, ach dh'fheumadh iad gèilleadh a chionn nach robh suidheachadh seilbh aca air a' mhonadh seo. An dèidh dhaibh a bhith an seilbh air a' mhòintich seo fad bliadhna gu leth, thàinig fios thuca uile nach bu leotha mòinteach Iarsiadair na bu mhotha - gu robh i gu bhith air a toirt bhuapa, agus gu robh iad ri dol a dh'fhaighinn baile Tàcleit am Beàrnaraigh na h-àite. Cha robh iad ri dol a dh'fhaighinn bonn-a-sia a dhìoladh dhaibh airson nan seachd mìle de ghàrradh a rinn iad air an cosg fhèin. Bha am fearann a bha iad ri dol a dh'fhaighinn mòran na bu lugha na Iarsiadar, agus air a shon sin, dh'fheumadh iad an sumachadh a lùghdachadh, ach a dh'aindeoin sin uile, cha robh am màl gu bhith sgillinn na bu lugha.

Thòisich deasbaireachd mhòr eadar am Bàillidh agus na croitearan. Bha na croitearan ri diùltadh gabhail ris a' chùmhnant seo, airson gu robh e ri briseadh a' chùmhnaint a chaidh a dhèanamh riutha roimh sin, agus an seamarlan ri maoidheadh orra gun cuireadh e sìos iad leis an arm. Cha b' urrainn iad seasamh ris an fhòirneirt seo na b' fhaide. Dh'èirich iad ceart còmhla mar aon duine. Thug iad Steòrnabhagh orra - ceud gu leth gaisgeach tapaidh, le pìobaire air an ceann. Tro aon dhiubh fhèin - Aonghas MacArtair à Circebost am Beàrnaraigh - mar eadar-theangair, dh'innis iad facail air an fhacal mun fhòirneirt a rinneadh orra, don uachdaran, Sir Seumas MacMhathain. B' ann gun fhios don uachdaran a thachair gach nì bha seo. An uair a chuala e an gearan ghabh e riutha gu càirdeil. Chuireadh fios air Dòmhnall Mac an Rothaich, an seumarlan, airson gun toireadh e cunntas air an obair bhrùideil seo a rinn e. Thugadh gu cùirt e, agus fhuaradh ciontach e. Tha fios aig an t-saoghal gun tàinig crìoch bhochd air.

Tha co-fhaireachdainn Iain Phàdraig ri a cho-luchd-dùthcha anns a' chùis seo ri fhaicinn anns na h-òrain aige gu lèir. Dleasaidh 'Spiorad a' Charthannais' a' chiad àite am measg a bhàrdachd. An uair a leughas neach na rainn seo, cuiridh e na chuimhne air uairean, bàrdachd Iain Mhilton ann am 'Paradise Lost' agus ann am 'Paradise Regained'. Tha e ri labhairt ri spiorad a' charthannais mar gum biodh duine ann, agus ag innse dha gach nì ionmholta tha ri innse mun cuairt air. Tha e ri tionndadh gu cor a dhùthcha, agus gu euceartan Dhòmhnaill Mhic an Rothaich, an seumarlan. Tha e ri sealltainn gu soilleir nach robh gnè spiorad a' charthannais ann an goill rògaich an duine seo, an uair a bu toigh leis gum biodh na Leòdhasaich uile air am fògradh don choill.

Cha mhò tha spiorad caoimhneis anns na bàillidhean agus anns na tighearnan a chuir ar Gaidhealtachd fo fhèidh agus fo chaoraich, air chor is gu bheil tìr ar dùthchais an-diugh na fàsach, dòbhaidh truagh agus na leabaidh aig an fhiadh agus aig na cearcan-ruadha. Tha a chridhe goirt a chionn gun do chuir iad an tìr a bha àlainn fo naosgan, agus gun do bhuin iad cho brùideil ri daoine còire - ann an aon fhacal, gum bu mhiosa na bruid Bhabaloin an dìol a rinneadh orra.

Anns na roinn mu dheireadh tha e ri tionndadh gu seumarlan Leòdhais a-rithist, agus ri cur an cèill meud a dhroch-bheartan. Tha e sin ag ràdh gu bheil cumhachd ann nas motha na seumarlain Leòdhais, dom feum gach glùn lùbadh, agus gach teanga aideachadh, gur h-e seo Esan a bheir do gach neach a rèir a thoillteanais. Agus ged bu mhòr a chuid-san den t-saoghal, nach fhaigheadh e aig àm a bhàis, ach lèine agus dà cheum de thalamh.



An sin molaidh a' chnuimh-shnàigeach thu,
Cho tèirceach 's a bhios d' fheòil,
Nuair gheibh i air do chàradh thu,
Gu sàmhach air a bòrd.
Their i, "'S e fear miath tha seo,
Tha math do bhiast nan còs,
Bhon rinn e caol nan ceudan,
Gus e fhèin a bhiadhadh dhòmh-sa."

Bheireamaid an dara h-àite do 'Spiorad an Uamhair'. Tha am bàrd anns an dàn seo ri leantainn an dearbh chùrsa ri 'Spiorad a' Charthannais'. Is e sin a bhith ri labhairt ri cuspair a bhàrdachd mar gum biodh e ri bruidhinn ri duine. Is e seo an seòrsa bàrdachd ris an canar anns a' Bheurla 'Apostrophe', agus tha Iain Mac a' Ghobhainn glè dhèidheil air. Ghabh e cùrsa dha fhèin nach fhaic sinn ach tearc air a chleachdadh aig bàird Ghaidhealach, agus mar seo tha ùrachadh agus atharrachadh taitneach anns a' bhàrdachd, seach a' mhòr-chuid a tha ri luaidh air gaol, a' mhuir, am bàta, am monadh, am fraoch, an crodh agus an àirigh, agus na caileagan gràdhach le 'gruaidhean mar an ròs fo bhlàth'. Is iad seo na cuspairean bàrdachd a tha gu bitheanta aig mòran de ar bàird Ghaidhealach. Ach tha bàrdachd Iain Mhic a' Ghobhainn ri sealltainn inntinn a tha comasach agus breithneachail, agus a tha ri dol fada nas doimhne na seo. Tha e ri cur anama annta airson tiotain, agus ri luaidh air an cliù mar gum biodh iad an làthair.

Ann a bhith ri gabhail thairis air a' bhàrdachd aige chan fheum sinn dìochuimhne a dhèanamh air an òran 'Am Brosnachadh'. Ach saoilidh sinn nach eil Gaidheil a chluinneadh 'Am Brosnachadh' air a sheinn gu fonnmhor air sèist 'Eilean an Fhraoich' nach bu chòir gàirdeachas a bhith na chridhe gu bheil againn daoine a thogas ar cliù mar shluagh.

Chan eil cunntas againn gun do rinn e mòran de òrain aotrom, ach na tha againn, tha iad eirmseach. Feumaidh sinn a chuimhneachadh gur h-ann an dèidh dha tilleadh dhachaigh à Dùn Èideann, agus a shlàinte air briseadh, a rinn e a' chuid bu mhotha de na h-òrain. Agus an uair a bhios neach treòite, tinn, airsnealach na inntinn cha bhi togradh aige ri sùgradh. Seo an t-adhbhar gu bheil cho beag againn de òrain spòrsail am measg a bhàrdachd. Is e 'Òran an t-Seann Ghille' a chuireamaid air thoiseach am measg nan òran aotrom. Is e seòrsa de aoir don t-seann ghille, agus moladh air an staid phòsta tha seo. Tha e ri labhairt air na nithean matha a dhèanadh bean òg: taigh a chumail cofhurtail, glan, suilbhire, biadh a fir a dheasachadh, an crodh a bhleoghan, cuideachd a chumail ri a fear agus gnothaichean mar sin. A-rithist tha e ri tionndadh air an t-seann ghille, am fear a tha air a dhùil a thoirt thairis. Tha truas aige ris. An uair a thig e dhachaigh bidh a thaigh gun teine, gun tuar. Feumaidh e fhèin a bhiadh a dheasachadh, agus an t-aodach aige a chàradh, agus a lèine fhèin a nighe. An uair a thig an aois air, agus gun duine a sheallas ris, dè a nì e? Chan fhaigh e searbhant no sgalag. Chan eil e comasach air obair a dhèanamh, agus feumaidh e a dhol an eisimeil airgead nan cailleach.

Bha spèis mhòr aige do eachdraidh a dhùthcha, agus am measg nan òran a rinn e an co-cheangal ri eachdraidh saorsa na h-Albann fo chuing Shasainn, tha 'Allt a' Bhonnaich' ag innse mun chath fhuileachdach sin a bha na mheadhan air a bhith ri cosnadh saorsa dhùthchasach dhuinn. Ged nach eil an t-òran fada, tha e ri cur an cèill buadhan inntinn a tha làidir, domhainn, lèirsinneach. Tha eòlas mionaideach aige air ar n-eachdraidh mar rìoghachd. Ri moladh a' churaidh Raibeart Brus, tha e ag ràdh:



A Bhrusaich iomraidich nam buadh,
'S ann ort fhèin tha sgeul ra luaidh,
Tha cliù do dhùthcha dol mar riut suas,
Gu Talla bhuan do shìth.

Agus tha e ri crìochnachadh le bhith ag ràdh:

Na seall a-nuas, a spioraid thrèin!
Ma faic thu dìol do dhùthcha fèin,
Tha an gleannan làn de bhracsaidh breun,
Na gaisgich thrèig an dùthaich.


Dealbh: Carragh-cuimhne Bàrd Iarsiadair ann an Iarsiadar

 

Chaidh mòran de na h-òrain aige air chall, agus tha eagal òirnn nach fhaighear lorg orra. Tha e glè iongantach nach do sgrìobh e fhèin iad uile, ach tha e coltach nach robh e ach dìreach ri cur seachad na h-ùine le a bhith ri cur ri chèile nan òran seo rè a thinneis. Is cinnteach nam biodh dùil aige an clò-bhualadh gu robh e air an sgrìobhadh uile. Na chaidh a sgrìobhadh dhiubh, chailleadh cuid aca, ach tha lethbhric de chuid eil ri am faotainn aig duine no dhà am Beàrnaraigh fhathast. Chuir e ri chèile mu cheithir cheud deug sreath-sgrìobhaidh, agus tha sinn toilichte gu bheil a' chuid mhòr de sin anns an leabhar 'Bàrdachd Leòdhais'. Ged a tha sinn cho eagnaidh agus a b' urrainn sinn, ann a bhith ri feuchainn ri ceartas a thoirt do a bhàrdachd, chan urrainn sinn dearbhadh sam bith a thoirt gu bheil i air a cur sìos mar a sgrìobh esan i, oir an uair a ruitheas bàrdachd sam bith bho bheul gu beul, bidh e dualtach gun lean faclan fuadain rithe, agus gum bi tulg no dhà innte mar shuaicheantas an allabain a rinn i.

Cearbach is mar a dh'fhaodas cuid dhith a bhith anns an dòigh seo, tha sinn toilichte gu bheil i cruinn, agus cha chuireadh Leòdhas, no àite eile, droch fheum air gun èireadh bàrd eile air an tuiteadh fallainn Iain Phàdraig a rugadh ann an Iarsiadar.

Cuid de bhàrdachd:
Allt a' Bhonnaich
Am Brosnachadh
Am Pulaidh
An Samhradh
Coinneach Odhar
Gaisgeach Mòr na Feinne
Laoidh an Dòchais
Moladh a' Phulaidh
Na h-Eileanaich
Oidhche na Bliadhna Uire
Oidhche Shuirghe
Òran a' Bhalta
Òran an t-Seana Ghille
Òran Luchd na Spòrs
Òran Molaidh do Sheumas Òg am Maraiche
Sgoil a' Chruadail
Spiorad a' Charthannais
Spiorad an Uamhair
Tha am bàrdachd seo gu lèir ri fhaighinn san leabhar 'Bàrdachd Leòdhais' (bhon tàinig am fiosrachadh seo).

Tuilleadh fiosrachaidh:
Transactions of the Gaelic Society of Inverness Vol. 49 td 309