Bàird Ghàidhlig > Dòmhnall MacAmhlaigh
Bàird Ghàidhlig
 

Màiri nighean Alasdair Ruaidh
Iain Lom
Sìleas na Ceapaich
Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair
Iain MacCodrum
Rob Donn
Dùghall Bochanan

Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir
Uilleam Ros
Iain Gobha na Hearadh
Màiri Mhòr nan Oran
Bàrd Iarsiadair
Uilleam Dhòmhnaill 'ic Choinnich
Bàrd Bharabhais
Dòmhnall Ruadh Chorùna
Bàrd Phàislig
Bàrd Mhealaboist
Am Bocsair
Somhairle MacGill-Eain
Dòmhnall MacAmhlaigh
Anna Frater
Dòmhnall MacAmhlaigh

Rugadh Dòmhnall MacAmhlaigh ann am Beàrnaraigh Leòdhais. Bho dh'fhàg e Sgoil MhicNeacail fhuair e foghlam anns an oilthigh ann an Obar Dheathain agus ann an Cambridge. Bha e greis a' teagaisg anns na h-oilthighean ann an Dùn Èideann agus ann am Baile Ath Cliath. An dèidh sin chaidh e gu bhith na cheann air an Roinn Cheiltich ann an Obar Dheathain, agus às an sin chaidh e a Ghlaschu. Mar sin 's e bàrdachd sgoileir aig ìre àrd ris a bheil sinn a' coimhead an seo.

Dòmhnall MacAmhlaigh mapNochd cruinneachadh den bhàrdachd aige fon tiotal 'Seòbhrach as a' Chlaich' ann an 1967. Ann an 1976 dheasaich e 'Nua-bhàrdachd Ghàidhlig', cruinneachadh tapaidh den bhàrdachd aige fhèin agus aig Somhairle MacGill-Eain, aig Deòrsa Mac Iain Deòrsa, Ruaraidh MacThòmais agus Iain Mac a' Ghobhainn. Bha MacAmhlaigh mothachail air a' phiseach a bh' air a thighinn air bàrdachd Ghàidhlig air a sgrìobhadh san nòs ùr anns an dà fhichead bliadhna ron sin agus tha eadar-theangachadh Beurla anns an leabhar sin a tha toirt blasad dhith gu luchd-leughaidh air taobh a-muigh saoghal na Gàidhlig.

Tha mòran den obair aig Dòmhnall MacAmhlaigh ag èirigh às eòlas fhèin air Beàrnaraigh agus air Eilean Leòdhais, agus às a dhàimh riutha. Tha beagan de dhìomhaireachd timcheall air ciamar a tha a chuimhne bho làithean òige, agus fhèin-fhiosrachaidhean an uair a thilleadh e dhan eilean, a' dol an glaic a chèile. Tha dol a-steach gheur aige do eachdraidh agus do dhòighean an eilein anns an deach àrach, agus tha ealan shònraichte aige air a shealladh fhèin orra sin a chur ann an cainnt dhealbhach, bhuadhach.

Tha MacAmhlaigh gu tric a' cur a smuaintean an cèill tro ìomhaighean, agus aig iomadach àm faodar tuilleadh agus aon seagh a leughadh anns na h-ìomhaighean. Mar a tha a' bhàrdachd aige air a snìomh cho ealanta agus cho snasail, gabhaidh rùsg an dèidh rùisg de chèill a thoirt aiste.

Tha saorsa mhòr agus ùrail aig MacAmhlaigh ga chleachdadh na bhàrdachd a-thaobh rannaigheachd agus ruitheam. Glè thric tha na sreathan agus na rainn aige de fhad eadar-dhealaichte, agus tha liut aige air faclan deatamach a chleachdadh gus pàtran a chruthachadh.

Uaireannan chithear e a' bualadh smuain dhachaigh ann an aon sreath mar gum buaileadh duine tarrag. Tha seo ri fhaicinn ann an earrannan mar 'Suaicheantas' agus 'Ceumannan'. Aig amannan eile tha e mar gum biodh e a' cur snaim air brìgh na bàrdachd aige leis a' chrìochnachadh a tha e a' cur oirre, mar ann an 'Amasra 1957', 'An t-Sean Bhean' agus 'Penny for the guy, Mister . . . '.

Chan eil leisg air MacAmhlaigh na bhàrdachd cuspairean a thogail a dh'fhaodadh nach biodh daoine anns an àbhaist cofhurtail leotha. Tha sin ri fhaicinn gu soilleir ann am pìosan mar 'Frionas' agus 'Soisgeul 1955'.

Tha beagan de bhàrdachd inntinneach ann a rinn e ann an lùib ùine a chuir e seachad anns An Tuirc fhad 's a bha e a' dèanamh a sheirbheis nàiseanta. Seo am bàrd Gàidhlig a' sgaoileadh clàr a chuspairean gus rud a ràdh mun t-saoghal mhòr a-muigh agus e aig an aon àm a' dèanamh ceangal eadar sin agus saoghal a dhaoine fhèin.

Anns an obair aig Dòmhnall MacAmhlaigh tha bàrdachd a tha da-rìribh anns an nòs ùr ri fhaicinn, an dà chuid a-thaobh cruth agus a-thaobh cuspairean.

Cuid de bhàrdachd:
Gairm 17 td td 18
Gairm 21 td td 27
Gairm 26 td td 120
Gairm 27 td td 257
Gairm 29 td td 27
Gairm 32 td td 327
Gairm 35 td td 235
Gairm 37 td td 17
Gairm 38 td td 172
Gairm 39 td td 231
Gairm 40 td td 348
Gairm 41 td td 51
Gairm 45 td td 59
Gairm 51 td td 217
Gairm 52 td td 345
Gairm 53 td td 24
Gairm 86 td td 132
Gairm 160 td td 310

Tuilleadh fiosrachaidh:
Gairm 76 td 335-337
Gairm 98 td 173
Gairm 109 td 33
Gairm 125 td 68-73
Modern Gaelic Verse - I C Smith (An Comunn Gaidhealach 1966)
Nua-bhàrdachd Ghàidhlig (Southside Publishers Ltd., Edinburgh)
Oighreachd agus Gabhaltas (Roinn an Fhoghlaim Cheilteach, Oilthigh Obar Dheathain)
Scottish Gaelic Studies, Vol 11, Part 1, p60
The Companion to Gaelic Scotland - Derick Thomson (Gairm Publications 1994)
The New Verse in Scottish Gaelic: A Structural Analysis - D S Thomson (University College, Dublin 1974)