Bàird Ghàidhlig > Dòmhnall Ruadh Chorùna
Bàird Ghàidhlig
 

Màiri nighean Alasdair Ruaidh
Iain Lom
Sìleas na Ceapaich
Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair
Iain MacCodrum
Rob Donn
Dùghall Bochanan

Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir
Uilleam Ros
Iain Gobha na Hearadh
Màiri Mhòr nan Oran
Bàrd Iarsiadair
Uilleam Dhòmhnaill 'ic Choinnich
Bàrd Bharabhais
Dòmhnall Ruadh Chorùna
Bàrd Phàislig
Bàrd Mhealaboist
Am Bocsair
Somhairle MacGill-Eain
Dòmhnall MacAmhlaigh
Anna Frater
Dòmhnall Ruadh Chorùna (Dòmhnall MacDhòmhnaill)
Ceol

Tha deagh gheàrr-eachdraidh mu Dhòmhnall Ruadh Chorùna san leabhar 'Dòmhnall Ruadh Chorùna' le Fread MacAmhlaigh agus Seonaidh Ailig Mac a' Phearsain anns a bheil faisg air trì fichead dhe na h-òrain aige. Chaidh an leabhar seo fhoillseachadh le Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath ann an 1995.

Rugadh Dòmhnall MacDhòmhnaill ann an 'Corùna' air Cladach a' Bhaile Shear an Uibhist a Tuath ann an 1887. Thugadh Corùna air an àite a chionn 's bha shìn-seanair na shaighdear aig Blàr Chorùna san Spàinn ann an 1809. Thathar ag ràdh gun robh shìn-sheanmhair ann cuideachd às an Eilean Sgitheanach agus gur ann sa Spàinn a thachair iad ri chèile.

Na ghille òg bha Dòmhnall na sgoilear ann an Sgoil Chàirinis far an robh còrr 's sia fichead sgoilear aig an àm. Chithear ainm fhathast ann an seann leabhraichean na sgoile sin.

Greis an dèidh dha an sgoil fhàgail ghabh e anns a' mhilisi agus nuair dh'èigheadh a' Chiad Chogadh ann an 1914 bha Dòmhnall ann an rèisimeid nan Camshronach. Chaidh a dhroch leòn aig Blàr an Somme agus chaidh a thilleadh dhachaigh dhan rìoghachd seo. Ach thill e air ais don Fhraing. Tha a' chiad earrann den bhàrdachd aige mu dheidhinn a' Chiad Chogaidh.

Nan lùib sin sgrìobh e an t-òran ainmeil sin 'An Eala Bhàn'. Cha robh e air a dhòigh idir nuair chaidh fonn an òrain seo atharrachadh. Cha do phòs Dòmhnall 'An Eala Bhàn' - Magaidh NicLeòid. Phòs e Anna NicDhòmhnaill (Anna Ruairidh 'ic Nèill) agus bha mac is nighean aca a bhàsaich le chèile roimhe fhèin.

'S e clachair a bh' ann an Dòmhnall agus fìor chlachair cuideachd. Thog e iomadh taigh snasail an Uibhist a Tuath na là. 'S e sealgair air leth math a bh' ann cuideachd. Tha seo follaiseach sna h-òrain aige m.e. 'Òran na Seilge',

Eubhal', 'Dhan t-Sealgaireachd' agus 'Cuilean Dhòmhnaill Ruaidh'.

Sgrìobh e mòran dhiubh seo eadar an dà chogadh. Sna bliadhnaichean mu dheireadh dha bheatha dh'fhuiling e mòran tinneis agus cion fradhairc. 'S e dàin spioradail a bha e a' sgrìobhadh mu dheireadh. Thathar ag ràdh gun do gheall e dha mhàthair nach aoireadh e duine. Chùm e a ghealladh.

Bhàsaich Dòmhnall Ruadh Chorùna air an treas là deug den Lùnasdal, 1967. An-diugh tha cuimhneachan snasail aig an uaigh aige ann an Cladh Chille Mhoire an Uibhist a Tuath. Tha mòran dhe na h-òrain aige nach eil ann an clò. Thathar an dòchas seo a cheartachadh agus ath-sgrìobhadh a dhèanamh den leabhar le na h-òrain seo a chur ris.

Cuid de bhàrdachd:
Air an Somme
Aisling an t-saighdeir
Am bàs
Am fianais Uibhist
An drochaid ùr
An eala bhàn
'An gille dubh' - Tombaca Siùsaidh
An rùda a cheannaich Alasdair Ailein
An t-eallach arbhair
Bha dùil agam mus fhaighinn bàs
Calum Moireasdan an Arlington Court
Caochladh suidheachadh na dùthcha
Cha b' e gunna mo nàmhaid
Chan fhaic mi rionnag
Chuala mi an damh donn
Cò 's urrainn mo thilleadh?
Comhairle Dhòmhnaill Ruaidh dhan mhisgear
Cuilean Dhòmhnaill Ruaidh
Dhan Ghàidhlig
Dhan mheanbhchuileig
Dhan t-sealgaireachd
Dh'fhalbh na gillean grinn
Do Ghilleasbaig Eachainn
Do mo charaid, Eachainn Dòmhnallach
Do Ruaraidh Chirceabost
Do Sheumas Chia-òra
Eubhal
Gillean Chorea
Gu mo mhàthair
Là iasgaich, cuide ri Dòmhnall Sheumais
Leannain Dhòmhnaill Ruaidh
Marbhrann do dh'Ailean, Mac Iain na Càrnaich
Marbhrann do Dhòmhnall Aonghais Iain Mhòir
Marbhrann do Dhòmhnall Eàirdsidh Howie
Moladh Eubhal
Motor-boat Heillsgeir
Na Camshronaich san Fhraing
Nam bithinn mar eun
Òran Arras
Òran a' gheòidh
Òran a' ghuàna
Òran a' Home Guard
Òran an H-Bomb
Òran a' phuinnsein
Òran Ceit Nic Uisdein
Òran dhan Chogadh
Òran dhan Dara Cogadh
Òran na cruaich-arbhair a chosg £40
Òran na h-aeroplane
Òran na làire
Òran na seilge
Òran nan sgoilearan
Ò thugainn dhachaigh
Port do dh'Alasdair Fearghasdan
Rocaid an Ameireaganaich
Smuaintean nam sheann aois
Tha gruaim air na bealaichean
Tha mi duilich, cianail, duilich
Thig 's cha tig
Tilleadh dhachaigh
Uibhist mu Thuath

Tuilleadh fiosrachaidh:
Dòmhnall Ruadh Chorùna (Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath)
Gairm, àireamh 68 td 369


Ceol

An Eala Bhàn

(a' chiad rann air a sheinn le Iain MacAoidh, An Rubha, Leòdhas)

Gur duilich leam mar tha mi 's mo chridhe an sàs aig bròn
Bhon an uair a dh'fhàg mi beanntan àrd a' cheò,
Gleanntanan a' mhànrain, nan loch, nam bàgh 's nan sròm,
'S an eala bhàn tha tàmh ann gach là air am bheil mi an tòir.

A Mhagaidh na bi tùrsach, a rùin, ged gheibhinn bàs
Cò am fear am measg an t-sluaigh a mhaireas buan gu bràth?
Chan eil sinn uile ach air chuairt mar dhìthein buaile fàs,
Bheir siantanan na bliadhna sìos 's nach tog a' ghrian an-àird.

Tha mise an seo 's mo shùil an iar on chrom a' ghrian san t-sàl;
Mo dhùrachd leig mi às a dèidh ged thrèig i mi cho tràth,
Gun fhios am faic mi màireach i nuair dhìreas i gu h-àrd,
Is iomairt lann gu bhith ri chèile nuair 's lèir dhuinn beul an là.

Tha mi an seo san fhàsach air sliabh a' bhlàir 's mi leònte:
'S e an nàmhaid rinn mo shàradh 's a chuir saighead cràidh nam fheòil;
An gaol thug mi dhan mhàldaig, a' ghruagach àlainn òg,
A-nochd chan fhaod mi àicheadh nach e chuir ceàrr mo dhòigh.

Mas e 's gu bheil e an dàn dhomh on bhlàr gun till mi beò
Is gu faic mi an t-àite san deachaidh m' àrach òg,
Bidh sinne 's crathadh làmh againn is bilean blàth toirt phòg
'S mo ghealltanas bidh pàighte dhut le fainne chur mud mheòir.

Oidhche mhath leat fhèin, a rùin, nad leabaidh chùbhraidh bhlàth;
Cadal sàmhach air a' chùl 's do dhùsgadh sunndach slàn.
Tha mise an seo san trannsaidh fhuair 's nam chluasan fuaim a' bhàis,
Gun dùil ri faighinn às le buaidh 's tha an cuan cho buan ri shnàmh.

Teipichean air a bheil an t-òran 'An Eala Bhàn':
A Night with Angus - Angus Macleod
Am Fianais Uibhist - Niall MacFhearghais (Comann Eachdraidh Uibhist a Tuath)
An Comunn Gaidhealach Fèis 84 - Iain MacKay (An Comunn Gaidhealach 1985)
Cascade - Capercaillie (Etive Records, Taynuilt, Argyll 1984)
Causeway - Mairi MacInnes (Lismor Recordings, Glasgow 1989)
Ceòl Òr Mhuile - Duncan MacGilp (Mull Recordings, Isle of Mull 1988)
Fàilte to Uist - Isobel Mitchell (MacDonald - Mitchell)
Murdo MacDonald - Murdo MacDonald (Smith/Mearns, Guildtown, Perth 1989)
Tìr a' Mhurain - Norman MacKinnon (Watercolour Music, Lochaber 1995)
Voice of the Hebrides - Iain MacKay (Lismor Recordings, Glasgow 1988)