Bàird Ghàidhlig > Dùghall Bochanan
Bàird Ghàidhlig
 

Màiri nighean Alasdair Ruaidh
Iain Lom
Sìleas na Ceapaich
Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair
Iain MacCodrum
Rob Donn
Dùghall Bochanan

Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir
Uilleam Ros
Iain Gobha na Hearadh
Màiri Mhòr nan Oran
Bàrd Iarsiadair
Uilleam Dhòmhnaill 'ic Choinnich
Bàrd Bharabhais
Dòmhnall Ruadh Chorùna
Bàrd Phàislig
Bàrd Mhealaboist
Am Bocsair
Somhairle MacGill-Eain
Dòmhnall MacAmhlaigh
Anna Frater
Dùghall Bochanan
Rugadh Dùghall Bochanan ann an Àrdoch, Srath Èire, Siorrachd Pheairt ann an 1716. Cha robh e ach sia bliadhna a dh'aois an uair a bhàsaich a mhàthair ach bha cuimhne air a beatha dhiadhaidh 's air a tagraidhean ga leantainn fad a bheatha.

Dùghall Bochanan mapFhuair e beagan foghlaim san sgìre ann an tè de sgoiltean an S.S.P.C.K. agus bho aois dà bhliadhna-dheug gu ceithir bliadhna-deug bha e na thaoidhtear aig teaghlach nach robh a' sealltainn mòran spèis do nithean Dhè.

An uair sin bha e greis ann an Sruighlea 's an Dùn Èideann airson tuilleadh foghlaim. Thug e greis ag ionnsachadh saorsainneachd ann an Kippen 's an Dùn Bhreatann cuideachd ach cha do mhair sin. 'S e àm na bheatha anns an robh e anabarrach gòrach a bha seo, suas gu 1744 an uair a chaidh iompachadh. Bhiodh e a' frithealadh nan dùsgaidhean a bha an cois nan comanachaidhean mòra ann an Cambuslang, Cill Saoithe agus Muthal eadar 1742 agus 1743.

Ann an 1749, phòs e Mairead Brisbane agus rinn iad an dachaigh ann an Àrdoch. Fhuair e dreuchd maighstir-sgoile agus ceistear bhon S.S.P.C.K., ann an Ceann Loch Raineach agus lean e ris an obair sin. B' ann an seo a sgrìobh e an leabhar-là airson nam bliadhnachan bho 1741 gu 1750 agus na laoidhean a choisinn urram cho mòr dha mar bhàrd spioradail Gàidhlig. Bha e fo throm uallach gu bhith ag innse do dhaoine mun t-slàinte a fhuair e fhèin agus mun pheanas shìorraidh a bha a' feitheamh air daoine gun ghràs.

Bha a' Ghàidhlig agus a' Bheurla taobh ri taobh ann an dualchas Bhochanain agus ged a bha e a' sgrìobhadh air cuspairean a bha fasanta ann an litreachas na Beurla, bha e a' dèanamh sin ann an cainnt a bha gu math Gaidhealach.

Chaidh na laoidhean aige fhoillseachadh ann an 1767, a' bhliadhna san do nochd an Tiomnadh Nuadh ann an Gàidhlig na h-Alba. Bha e fhèin ann an Dùn Èideann a' stiùireadh an Tiomnaidh Nuaidh tron chlò.

Ann an 1768 chaidh fios air a dhol dhachaigh a dhèanamh cobhair air an teaghlach a bha tinn le fiabhras. Ghlac e fhèin seo agus bhàsaich e leis, aig aois dà-fhichead 's a dhà-dheug.

Cuid de bhàrdachd:
Am Bruadar
An Claigeann
An Gaisgeach
An Geamhradh
Fulangas Chriosd
Là a' Bhreitheanais
Mòrachd Dhè
Ùrnaigh

Tuilleadh fiosrachaidh:
An Introduction to Gaelic Poetry - Derick Thomson, Edinburgh, 1990
Buchanan, the Sacred Bàrd of the Scottish Highlands (Simpkin, Marshall & Hamilton 1919)
Dàin Spioradail le Dùghall Bochanan - D MacLean, Glasgow
Gaelic Poetry in the Eighteenth Century - Derick Thomson, Aberdeen, 1993
Gairm, àireamh 6 td 147
Gairm, àireamh 147 td 269
Gairm, àireamh 148 td 319
Gairm, àireamh 188 td 379
Laoidhe Spioradail, Edinburgh, 1767
Sàr-obair nam Bàrd Gaelach - John MacKenzie
Scottish Gaelic Studies Vol 17, td 263
The Companion to Gaelic Scotland - Derick Thomson (Gairm Publications 1994)
The Spiritual Songs of Dugald Buchanan - Donald MacLean, Edinburgh, 1913
Transactions of the Gaelic Society of Inverness Vol. 2 td 80-92
Transactions of the Gaelic Society of Inverness Vol. 3-4 td 101-115
Transactions of the Gaelic Society of Inverness Vol. 16 td 8
Transactions of the Gaelic Society of Inverness Vol. 27 td 340
Transactions of the Gaelic Society of Inverness Vol. 37 td 80