| Anns an
earrainn seo tha cunntas againn air bàird Ghàidhlig
agus air an cuid bàrdachd tro na linntean.
Ach tha sinn cuideachd a' faighinn cunntas
air eachdraidh na h-Alba oir tha cuspairean na bàrdachd
dlùth-cheangailte ri na bha a' tachairt aig an àm.
Tha sinn a' toirt sgrìob tro iomadh
cuspair is faireachdainn an seo - moladh air daoine is obair-nàdair,
gaol is cogadh, cianalas, poileataics nan linntean gu nàiseanta
is ionadail agus fealla-dhà cuideachd.
Chì sibh an seo mar a dh'atharraich
ceàird a' bhàird, na h-ìomhaighean
a bhathas a' cleachdadh agus an rannaidheachd is an ruitheam
tro na linntean.
Fiosrachadh air leth luachmhor!
|
|
|
|
|