| Màiri Mhòr nan Òran
(Màiri Nic a' Phearsain) |
|
Rugadh Màiri NicDhòmhnaill
(Màiri Nighean Iain Bhàin) ann an Sgèabost
san Eilean Sgitheanach ann an 1821. B' ann à Uig ann an Sgìre
Thròtarnais a bha a màthair.
Ann
an 1848, phòs i Isaac Mac a' Phearsain à Inbhir
Nis. B' e greusaiche a bh' ann agus rinn iad an dachaigh ann an
Inbhir Nis. Chaochail Isaac ann an 1871 's chaidh a fàgail
le sianar chloinne. B' fheudar dhi a dhol a-mach an ceann a cosnaidh
agus fhuair i obair mar bhanaltram.
B' ann fhad 's a bha i ris an dreuchd seo a
dh'fhulaing i an tàmailt "a thug mo bhàrdachd
beò". Bha i a' frithealadh tè às a'
bhaile agus chaidh aodach an tè seo a ghoid a-mach às
an taigh an dèidh don bhoireannach bàsachadh. Chaidh
a chur air Màiri gur i a ghoid an t-aodach. Chaidh a dìteadh
sa chùirt agus a cur don phrìosan fad dà
fhichead là. Bha mòran dhaoine ainmeil ann an Inbhir
Nis air a taobh 's an uair a chaidh rannsachadh a dhèanamh
's a dh'aidich searbhant eile gur ise a ghoid an t-aodach, fhuair
Màiri ma sgaoil.
Goirid an dèidh sin chaidh i gu ruige
Glaschu, 's thug i a-mach teisteanas mar bhanaltram, agus fhuair
i teisteanas mar bhean-glùine cuideachd. Ann an 1876, chaidh
i gu Grianaig far an robh i na bean-altram-àrainn ach bhiodh
i a' tilleadh gu Glaschu airson cèilidhean mòra
nan Sgitheanach.
Bhiodh i a' dol dhachaigh dhan Eilean Sgitheanach
gu math tric 's a' fuireach còmhla ri caraid a bha a' fuireach
ann an Os. Thill i dhachaigh a dh'fhuireach ann an 1882, 's bha
i a' fuireach ann an Os gus an d' fhuair i bothan beag ann an
Sgèabost.
Bha ùidh mhòr aice ann an cùisean
an fhearainn 's bhiodh i a' frithealadh choinneamhan a bhithte
a' cumail air feadh an àite.
Bha i cuideachd math air snìomh. Thug
i deise chlòimhe do Theàrlach Friseal Mac an Tòisich
's dhath is shnìomh i fhèin a' chlòimh. Dhealbh
i breacan eile air an tug i an t-ainm 'The Blackie' mar urram
don Ollamh Blackie. Bha i am measg nan seinneadairean a bh' aig
a' chiad Mhòd san Òban ann an 1892.
Chaochail i ann am Port Rìgh an dèidh
tinneas goirid ann an 1898 agus chaidh a tiodhlacadh ri taobh
a cèile ann an Inbhir Nis.
Tha feadhainn den bheachd gur ann ri linn
a tàmailteachadh a thòisich i ri bàrdachd,
mar a thuirt i fhèin, "'S e na dh'fhulaing mi de thàmailt
a thug mo bhàrdachd beò."
Cuid de bàrdachd:
A' Chlach agus Màiri
Airgead-cinn Alasdair Bhàin
Breacan Màiri Uisdein
Brosnachadh nan Gaidheal
Caithream Buaidh
Camanachd Ghlaschu
Ceatharnaich Bheàrnaraigh
Clò na Cùbaid
Cogadh Sìobhalta eadar Bean Òis agus Màiri
Coinneamh nan Croitearan
Còmhradh Eadar Iain Bàn 's Coille-chuinnlidh
Deoch-shlàinte Gaidheil Ghrianaig
Duilleag bho Bhealach nan Cabar
Eilean a' Cheò
Fàgail Eilean a' Cheò
Faistneachd agus beannachd do na Gaidheil
Fios gu Clach Àrd Uige
Gaisgich Loch Carainn
Luchd na Beurla
Marbhrann do Dhtr Neacal Màrtainn Husabost
Na dh'fhuiling mi de dh'fhòirneart
Nuair bha mi òg
Òran Beinn Lì
Òran Sàrachaidh
Soraidh le Eilean a' Cheò
Tuilleadh fiosrachaidh:
Ainmeil an Eachdraidh (Gairm Publications 1997)
An Introduction to Gaelic Poetry - Derick Thomson, Edinburgh,
1990
Gairm, àireamh 10 td 154
Gairm, àireamh 13 td 317-322
Gairm, àireamh 52 td 316
Gairm, àireamh 102 td 181
Gairm, àireamh 114 td 122-123
Gairm, àireamh 132 td 321
Gairm, àireamh 187 td 282
Màiri Mhòr nan Òran - D.E. Meek (Gairm Publications
1977)
Màiri Mhòr nan Òran - S. MacLean (Calgacus, 1, 1974)
Màiri Mhòr nan Òran - S. MacLean (West Highland
Free Press 16/5/1975)
Màiri Nighean Iain Bhàin - M. Murray, Luach na Saorsa,
Glaschu 1970, td 127-147
Poems and Songs by Mary MacPherson - A & W MacKenzie, Inverness
1891
Ris a' Bhruthaich - S. MacLean (Acair Earranta 1985)
Scottish Gaelic Studies Vol. 16 td 1
The Companion to Gaelic Scotland - Derick Thomson (Gairm Publications
1994)
The Poetry of Scotland; Gaelic, Scots and English - Roderick Watson,
Edinburgh, 1995
Transactions of the Gaelic Society of Inverness Vol. 37 td 294-318
Transactions of the Gaelic Society of Inverness Vol. 38 td 293-324
Transactions of the Gaelic Society of Inverness Vol. 49 td 309-376


Camanachd Ghlaschu
(a' chiad dà rann air an seinn le Catriona-Anna Nic a'
Phì, Barraigh)
'S iad gillean mo rùin
a thogadh mo shunnd,
'S i seo a' Bhliadhna Ùr thug sòlas duinn;
'S iad gillean mo rùin a thogadh mo shunnd.
'S iad gillean mo ghràidh
tha an Glaschu nan sràid,
Is fhada bho àite an eòlais iad.
'S ann goirid ron Challainn a
chruinnich an comann,
'S a chuireadh an iomain an òrdugh leòtha.
Nuair thàinig an t-àm
gun chruinnich na suinn,
'S bha caman an làimh gach òigeir dhiubh.
Aig aon uair deug a rinn iad
an triall,
Le pìob 's bu bhrèagha an còmhlan iad.
Nuair ràinig na sàir
gu ionad a' bhlàir,
Gun chuireadh gun dàil an òrdugh iad.
Bha glainneachan làn dhen
Tòisidheachd a b' fheàrr,
Is aran is càise còmhla ris.
Bha bonnaich gun taing is pailteas
dhiubh ann,
'S clann-nighean nan gleann gan còcaireachd.
Nuair roinneadh na laoich 's
a ghabh iad an taobh,
Bha mise air an raon toirt còmhdhail dhaibh.
'S e an sealladh as brèagha
a chunnaic mi riamh,
Gach òigear gun ghiamh 's a chòta dheth.
Gach fleasgach gun mheang 's
a chaman na làimh,
'S a' chnapag le srann ga fògar leòtha.
Bha cuid dhiubh cho luath ri
fèidh air an ruaig,
'S cha chluinnte ach "A-suas i, Dhòmhnaill,"
leotha.
'S ann ann a bha an ealain le
glagadaich chaman,
'S gach curaidh cur fallais is ceòthain dheth.
Bha duine gun chearb le siosa-cot
dearg,
'S cha bhiodh am boc-earba còmhla ris.
Fear eile gun ghiamh 's a chiabhagan
liath,
Chuir 'tigh' i bhàrr fiacail mòran diubh.
'S e duine gun tùr nach
faiceadh le shùil,
Gun robh iad bho thùs an òige ris.
Nuair chuireadh am blàr
gun choisich na sàir
Le pìob gu Sràid an Dòchais leòtha.
Suidhibh, a chlann is gabhaidh
sinn rann,
Gun cuirear an dràm an òrdugh dhuibh.
Gun dhealaich na suinn mar thàinig
iad cruinn,
Len cridheachan coibhneil, 's b' òrdail iad.
CD & teip air a bheil an t-òran
'Camanachd Ghlaschu':
'Catherine-Ann MacPhee sings Màiri Mhòr' (Greentrax
Recordings 1994 CDTRAX 070)
|