Caochladh Chuspairean
|
|
|

'S e glè bheag de sgrùdadh
a tha cho inntinneach ri bhith a' rannsachadh mu ainmean-àite.
Tha iad mar leabhar-eachdraidh ar dùthcha ag innse
mu threubhan is ionnsaighean, obraichean agus eadhon mu chruth
na tìr. A bheil fhios agad dè an ceangal a tha
eadar Gallaibh is na h-Eileanan Siar? |
|
|
|

B' e gnìomhachas air leth prothaideach a bh' anns an
iasgach aig aon àm mus robh guth air cuotathan no cead
iasgaich. Tha cunntas an seo air mar a bha an t-iasgach a'
ceangal na Gaidhealtachd is nan eilean ri dùthchannan
fada air falbh. Tha eachdraidh ann cuideachd mu dhiofar dhòighean
iasgaich is mar a dh'adhbhraich sin gum feumte bàtaichean
eadar-dhealaichte. |
|
|
|

Tha iomradh an seo air sàr shaighdear agus air batail
ach carson a dh'fhàilig iomairt agus carson a bha na
saighdearan Gaidhealach cho mì-thoilichte? |
|
|
|

Bha dròbhaireachd na phàirt cudthromach de dhualchas
na h-Alba aig aon àm. Leugh an seo mu obair nan dròbhairean
agus mun bhuaidh a bh' aig bàtaichean-smùid
air a' ghnìomhachas. |
|
|
|

Tha Mort Ghlinne Comhainn iomraiteach an eachdraidh cuideachd
agus ri linn chan eil Caimbeulaich is Dòmhnallaich
uair sam bith cofhurtail an cuideachd a chèile, eadhon
chun là an-diugh. |
|
|
|

Tha a bhreacan fhèin aig gach cinneadh ann an Alba
ach an robh fios agad gur ann an dèidh Blàr
Chùil Lodair a thòisich na cinnidhean a' gabhail
tartan mar shuaicheantas dhaibh fhèin - an tachartas
a dh'fheuch ri cur às dha na fèilidhean? |
|
|
|

'S iomadh facal a chaidh a sgrìobhadh mu na Fuadaichean.
Leugh tuilleadh an seo mun cheangal a bh' aig na Fuadaichean
ri Blàr Chùil Lodair agus mu shuidheachadh nan
eilthireach air na bàtaichean a bha gan toirt a-null
thairis. |
|
|
|

An ann bhon droch-shùil a bha
an dà-shealladh a' tighinn? Ciamar a chitheadh is a
chluinneadh tu rudan nach robh idir ann? Leugh mun deidhinn
an seo agus mun dearbhadh a tha ainmean-àite a' toirt
dhuinn mun chreideamh seo. |
© na dealbhan Christine Campbell & GRD
|
|