|
Àrd-eaglais an Naomh Giles
Eachdraidh
Thathas den bheachd gun robh eaglais air an làraich seo
ann an Dùn Èideann bho 854 agus gu bheil na pìosan
as aosta den togalach a th' ann an-diugh a' dol air ais gu 1120.
Chaidh an eaglais a losgadh gu làr le
na Sasannaich ann an 1385 ach chaidh a togail air ais goirid an
dèidh sin. Thar na 150 bliadhna an dèidh sin chaidh
leudachaidhean agus leasachaidhean mòra a dhèanamh
oirre. Chaidh caibeil a chur rithe agus chaidh sgeadachadh mòr
a dhèanamh air àirneis agus air ròbaichean
nan luchd-clèir. Air làithean-fèille bhiodh
solais dathte crochte bhon stìopal.
Ann an 1467 fhuair an eaglais inbhe cholaisteach.
Bha seo a' ciallachadh nach biodh i fo ùghdarras Easbaig
Chill Rìmhinn ach fo ùghdarras a' Phàp.
Chaidh an tùr agus an crùn a chrìochnachadh
ann an 1495. Tha iad seo maireann fhathast agus chaidh càradh
a dhèanamh orra ann an 1980. Tha an tùr seo air
a bhith air a chleachdadh ann an caochladh dhòighean tro
na linntean - mar thuraid-faire, phrìosan, ghearastan le
trì gunnachan mòra umha agus an dèidh an
Ath-leasachaidh mar àite-obrach aig breabadairean. Tha
coileach-gaoithe òr air an tùr a chaidh a chur air
aig àm Iain Knox.
Bho 1560 aig àm an Ath-leasachaidh chaidh
altairean agus an luchd-frithealaidh agus sgeadachadh de iomadh
seòrsa a chur a-mach às an eaglais seo mar à
eaglaisean eile air feadh Alba.
B' e Iain Knox a' chiad mhinistear Pròstanach
a bh' anns an eaglais. Airson ceud bliadhna bha buaidh aig na
buairidhean eaglaiseil air an aonad seo. Nach ann anns an eaglais
seo a shad Jenny Geddes an stòl air an t-searmonaiche.
Bha an Rìgh Teàrlach I airson Easbaigeachd a chur
an àite Clèireachd agus ghairm e Dùn Èideann
na Sgìre Easbaigeach agus an eaglais na h-àrd-eaglais
ach an dèidh a' Chùmhaint Nàiseanta thàinig
Clèireachd air ais. Ann an 1660 thill Easbaigeachd agus
lean seo gu 1690. On uair sin tha Àrd-eaglais an Naomh
Giles air a bhith na h-eaglais Chlèireach.
An dèidh an Ath-leasachaidh bha tachartasan
caran neònach a' gabhail àite ann an togalaichean
na h-eaglaise. Bha a' Bhànrigh Màiri Stiùbhairt
ga cleachdadh airson coinneamhan pàrlamaid, bha oifisean
a' bhaile agus cùirtean-lagha innte. Bha pàirt eile
dhi mar àite-dìon far an robh prìosanaich
- Na Cùmhnantaich - air an cumail agus bha stèisean
nam polas innte.
Bha an eaglais ann am fìor dhroch staid
aig toiseach na 19mh linne agus chaidh leasachaidhean mòra
a dhèanamh aig an àm sin. Bha beachdan dhaoine air
sgeadachadh air atharrachadh a-nise agus a thuilleadh air leasachadh
nan togalaichean fhèin chaidh ìomhaighean snaidhte
a chur innte. Tha na h-ìomhaighean seo rim faicinn fhathast
- rìghrean, bànrighrean, luchd-clèir agus
cuideachd an Naomh Giles fhèin leis an fhiadh agus an t-saighead.
Tha na h-uinneagan de ghlainne-dhathte a th' innte an-diugh a'
dol air ais chun na h-ama sin cuideachd. Thòisichear aig
an àm sin cuideachd, a' cleachdadh ceòl òrgain
agus ceòl chòisir.
Ailtireachd
Tha plana na h-eaglaise an-diugh caran neo-riaghaltach air sgàth
's gun deach clachaireachd ùr a chur oirre air fad agus
gur e glè bheag den t-seann chlachaireachd a tha air fhàgail.
Tha an tùr agus an crùn mar a bha iad o thùs
agus tha iad sin maiseach dha-rìribh. Na broinn tha dealbhadh
brèagha measgaichte ri dealbhadh a tha a' coimhead earraiseach
ach a dh'aindeoin sin tha gu leòr innte a tha a' taisbeanadh
a h-eachdraidh fhèin, eachdraidh a' bhaile agus eachdraidh
na rìoghachd air fad. 'S iad na suaicheantasan seo as cudthromaiche
den ailtearachd gu lèir.
Feumar cuimhneachadh gun robh an eaglais ann
an droch staid nuair a chaidh tòiseachadh air na leasachaidhean
agus gur h-iongantach mur an robh a' chuid mhòr den sgeadachadh
a bh' innte air chall co-dhiù. A dh'aindeoin nan gearanan
sin is math as fhiach tadhal air an eaglais seo far am faicear
rumannan is caibeil dìreach mar a bha iad anns na meadhan
linntean agus far a bheil eachdraidh na dùthcha air fad
air a thaisbeanadh mar nach eil ann an àite sam bith eile.
Chan eil càil aig nach eil a sgeulachd fhèin ri
innse.
Gnìomhan
1. Rannsaich carson a bhiodh na
Sasannaich a' losgadh eaglaisean, mar An Naomh Giles, ann an Alba
ann an 1385.
2. Saoil am biodh an eaglais na
b' fheàrr fo ùghdarras a' Phàp na fo ùghdarras
Chill Rìmhinn. Thoir adhbharan seachad.
3. Dèan rannsachadh mu Iain
Knox agus sgrìobh beagan mu dheidhinn.
4. Dè na dòighean
anns an robh beachdan dhaoine air atharrachadh an dèidh
an Ath-leasachaidh.
5. Rannsaich cò a bh' anns
Na Cùmhnantaich agus dè a bhiodh iad a' dèanamh.
6. Leugh mu Jenny Geddes ann an
leabhraichean eachdraidh.
Iomradh
A rèir beul-aithris b' e Greugach a bh' anns an Naomh Giles
- naomh nan cripleach, nan dèirceach agus nan lobhar. Rugadh
e ann an Athens mu 640 AC ach bha e a' fuireach anns an Fhraing
far an do rinn e càirdeas ri fiadh. Aon là bhathas
a' sealg an fhèidh seo ach cha do dh'amaisear air a bhualadh.
B' ann a bhuail an t-saighead Giles na àite.
Tha an sgeulachd seo air a toirt gu aire luchd-tadhail
ann an snaidheadaireachd, air uinneagan, air lampa agus air mullach
a' chaibeil Thistle. Chaidh an togalach a choisrigeadh don Naomh
Giles le Easbaig Chill Rìmhinn ann an 1243. Ann an 1454
tha cunntas againn air tiodhlac shònraichte a thug Sir
Uilleam Preston don eaglais - cnàmh à gàirdean
an Naoimh Giles.
An eaglais an-diugh
Tha an eaglais fosgailte do luchd-turais fad na bliadhna agus
is math as fhiach dhaibh a thighinn a dh'fhaicinn na tha de dh'eachdraidh
air fhoillseachadh innte. Tha neach-iùil ann airson daoine
a thoirt timcheall agus airson fiosrachadh a thoirt seachad air
na tha na broinn. Mar a h-uile togalach de a seòrsa tha
cafaidh agus bùth innte cuideachd.
Tha togalach mar seo an-còmhnaidh a'
cur feum air taic airgid airson nan leasachaidhean a tha dol air
adhart. Airson cuideachadh le seo tha bucais tionail air an cur
a-mach, ach tha an eaglais air a cleachdadh mar àite-adhraidh
cuideachd. Tha seirbheisean innte a h-uile Sàbaid agus
Sàcramaid a' Chomanachaidh air a chuairteachadh agus tha
sin ann cuideachd tron t-seachdain aig amannan sònraichte.
A thuilleadh air an sin tha seirbheis ghoirid innte bho Dhiluain
gu Disathairne aig meadhan-là.
© na dealbhan Christine Campbell & GRD
|