Faidhle Eachdraidh > Eaglaisean > Eaglais na h-Aoidhe
Eaglais na h-Aoidhe Eaglais na h-Aoidhe
Dachaigh Blàir Caistealan Caochladh chuspairean Ceatharnaich Eaglaisean Fèilltean Naoimh


Eaglais na h-Aoidhe
Eachdraidh

Tha Eaglais na h-Aoidhe anns an Rubha ann an Leòdhas a' dol air ais chun na 14mh linne no eadhon chun na 12mh linne ged a bha togalach air an làraich sin a' dol air ais iomadh linn agus air ainmeachadh air an Naomh Catan.'S iongantach mur robh àite-adhraidh an seo bho àm nam pàganach. B' e Ruaraidh MacLeòid ceann-feadhna Leòdaich Leòdhais a thog an eaglais.

Tha clachan inntinneach rim faicinn am broinn na h-eaglaise a tha a' toirt cunntas air eachdraidh. Tha e coltach gu bheil 19 de chinn-feadhna nan Leòdach air an tiodhlacadh ann an seo, ach tha uaighean Chloinn Choinnich ann cuideachd.

B' e Uilleam MacCoinnich, an 5mh Iarla Shìophort, an aon cheann-feadhna de Chloinn MhicChoinnich a chaidh a thiodhlacadh an seo. Bha e air fhearann air tìr-mòr a chall air sgàth a dhìlseachd do na Seumasaich. Chithear an cabar-fèidh air uaighean Chloinn MhicChoinnich.

Tha uaighean eile am broinn bhallachan - taighean-adhlacaidh. Tha Cailean MacCoinnich, a bha na 'Surveyor General' air na h-Ìnnseachan, air adhlacadh ann an taigh-adhlacaidh.

Air taobh thall a' chlaidh tha talamh le balla letheach timcheall air. B' e seo an àite-adhlacaidh a bha gu bhith aig teaghlach MhicMhathain a bha cho ainmeil ann an Leòdhas anns an 19mh linn deug, ach cha deach duine a-riamh a thiodhlacadh ann.

Tha bean agus cuid de chloinn Uilleam MhicChoinnich, am bàrd, air an tiodhlacadh an seo. Bha fios aig Uilleam nuair a rinn e airson falbh a Chanada nach deigheadh esan a chladh na h-Aoidhe agus mus do dh'fhalbh e shlaod e fiaclan às a bheul agus dh'adhlaic e iad an uaigh a mhnatha.

Tha an Clàrsair Dall, fear-ciùil Leòdaich Dhùn Bheagain air adhlacadh an seo cuideachd.

Bha an eaglais air a cleachdadh mar àite-adhraidh suas gu 1828. Chaidh eaglais ùr deilbhte le Tòmas Telford a thogail air a' Chnoc aig an àm sin agus chaidh an seann thogalach fhàgail aig na siantan.

Ailtireachd
'S e clach 'Lewisian gneiss' agus blocaichean de chloich ghainmhich dhearg a th' anns an eaglais. Tha na blocaichean sin air am pacaigeadh le clachan beaga agus sligean pronn airson an cumail ri chèile. Bha mullach sglèat air an rum as lugha ach 's e tughadh a bhiodh air an rum eile. Aithnichidh duine nach b' ann aig an aon àm a chaidh an dà rum a thogail oir tha a' chlachaireachd cho eadar-dhealaichte.

Tha leac cloiche air balla na h-eaglaise air an taobh a-staigh le dealbh laoich air a shnaidheadh innte. Tha an leac seo mar chuimhneachan air Ruaraidh MacLeòid VII a bhàsaich ann an 1498. Bha sgrìobhadh air an leac aig aon àm ach chan eil sgeul air an-diugh. Tha leac eile air cùl an dorais mar chuimhneachan air Mairead, nighean Ruaraidh. B' ise màthair na h-abaid mu dheireadh a bh' ann an Eilean Idhe. Tha snaidheadaireachd bhrèagha Cheilteach air an leac seo. Bhàsaich Mairead seo ann an 1503 ach cha ghabh an sgrìobhadh seo a leughadh a-nise. B' ann air làr na h-eaglaise a bha an dà leac seo aig aon àm.

Gnìomhan
1. Sgrìobh beagan ag innse eachdraidh na h-eaglaise.
2. Sgrìobh ainmean cuid de na daoine ainmeil a chaidh a thiodhlacadh an seo.
3. Rannsaich beagan mu eachdraidh aon dhiubh.
4. Cuin a chaidh an eaglais a chleachdadh mar àite-adhraidh mu dheireadh agus carson?

Iomradh
Tha uaigh fhosgailte anns a' chladh ri taobh na h-eaglaise. A rèir beul-aithris b' ann airson duine ainmeil à Leòdhas a bha an uaigh oir bha deòin aige a bhith air a thiodhlacadh am measg nan uaislean. Gu mì-fhortanach chaidh a chall aig muir agus cha d' fhuaras a chorp a-riamh. Ach bha cuideigin anns an uaigh!

Bhiodh muinntir an àite a' feurach an cruidh anns a' chladh air an oidhche ach dh'fheumadh iad sùil a chumail a-mach oir cha robh an cleachdadh seo laghail agus cuideachd dh'fhaodadh an crodh a bhith air an goid. Tha e coltach gun robh boireannach calma a' fuireach ann an Aiginis agus chaidh i don uaigh seo le aodach geal mu a ceann. Mu mheadhan-oidhche nuair a thàinig creachadairean a dh'iarraidh a' chruidh leum ise an-àirde is i ag èigheachd, "Èirich a MhicLeòid tha iad a' goid a' chruidh, Èirich, Èirich". Ruith na creachadairean le am beatha agus cha do chuir iad a chaoidh tuilleadh dragh air crodh Aiginis.

An eaglais an-diugh
Tha an eaglais gun mhullach an-diugh ach chithear dà rum le cinn bhiorach.

Tha an eaglais agus an eachdraidh co-cheangailte rithe a' crìonadh gach là fo bhuaidh na mara, na gaoithe agus an uisge. Tha a' chuid mhòr de na leacan a-nise briste no air a dhol fodha fon talamh.

Ann an 2000 chaidh buidheann a chur air chois le muinntir an Rubha ann an Leòdhas airson an eaglais seo agus na tha mu timcheall a leasachadh. Thathas a' sireadh ionmhas airson seo a dhèanamh bho neach sam bith a tha deònach sin a thoirt seachad is gu h-àraidh bho Rubhaich thall thairis.

© na dealbhan Christine Campbell & GRD