|
Eaglais nam Manach Liath
Eachdraidh
B' e Eaglais nam Manach Liath a' chiad eaglais a chaidh a thogail
ann an Dùn Èideann an dèidh an Ath-leasachaidh.
Tha i air a h-ainmeachadh an dèidh manachainn a bha aig
a' Grassmarket ann an Dùn Èideann bho àm
Rìgh Seumas I gu 1588. Chaidh an talamh air an robh a'
mhanachainn a chleachdadh airson àite-adhlaic ann an 1562
agus cha b' urrainn do eaglais Naomh Giles a' chùis a dhèanamh
leis mar a bha sluagh a' bhaile a' leudachadh, agus mar sin chaidh
òrdachadh gun deigheadh eaglais eile a thogail.
Ged nach deach a togail air an dearbh làraich
air an robh a' mhanachainn chaidh clachan às na togalaichean
sin a chleachdadh. Thugar bliadhnaichean mòra ga togail.
Tha clach leis an deit 1614 agus le suaicheantas a' bhaile àrd
air ceann an ear na h-eaglaise ach cha deach an eaglais fhosgladh
airson adhradh gu Là na Nollaige 1620.
Tha eachdraidh Eaglais nam Manach Liath co-cheangailte
ri eachdraidh bhuaireatach na h-Eaglaise anns an rìoghachd
aig an àm. Ann an 1630 b' ann anns an eaglais seo a chaidh
an Cùmhnant Nàiseanta a shoidhnigeadh an toiseach
mus deach copaidhean dheth a chur gu eaglaisean eile.
Ann an 1690 nuair a chaidh Clèireachd
a stèidheachadh mar dhòigh-adhraidh ann an Alba
b' e prìomh chomhairliche na dùthcha Uilleam Carstares,
a bha na mhinistear ann an Eaglais nam Manach agus na Phrionnsabal
air Oilthigh Dhùn Èidinn ann an 1703. Mar sin thòisich
ceangal a bha gu leantainn eadar an eaglais agus an oilthigh.
A thuilleadh air ceangal ris an oilthigh tha
ceangal cuideachd air a bhith aig an eaglais ris a' choimhearsneachd
agus ri na seann ospadail - George Heriots, The Merchant Maidens
agus George Watsons. Nuair a thàinig na h-aonadan sin gu
bhith nan sgoiltean lean an ceangal. Tha Heriots fhathast a' cumail
seirbheis crìochnachaidh na bliadhna anns an eaglais.
Bha an eaglais air a cleachdadh le saighdearan
Chromwell mar bharracs bho 1650 gu 1653 agus rinn iad milleadh
mòr. B' fheudar beagan sgeadachaidh a dhèanamh an
dèidh sin. Ann an 1684 bha planaichean air chois airson
stìopall a chur rithe. Cha tàinig seo gu bith oir
ann an 1718 spreagh fùdar-gunna anns an tùr agus
mhilleadh ceann an iar na h-eaglaise. Chaidh aontachadh gun deigheadh
togalach ùr a thogail an àite a' phìos seo.
B' e prothaid à càin air leann a phàigh airson
an togalaich seo! Bha seo deiseil ann an 1722. Mar sin bha dà
eaglais fon aon cheann mar gum biodh.
Mu 120 bliadhna an dèidh sin chaidh an
seann eaglais a mhilleadh le teine agus chaidh milleadh a dhèanamh
air mullach agus air àirneis na h-eaglaise ùire
cuideachd. Thachair seo cho goirid an dèidh Briseadh nan
Eaglaisean agus gun robh cuid den bheachd gum b' e breitheanas
a bh' ann agus gum bu chòir dhan eaglais a bhith air a
fàgail na làraich.
Chaidh tòiseachadh air leasachadh na
h-eaglaise ùire ach bha duilgheadasan an lùib leasachadh
na seann eaglaise. Co-dhiù lean iad air adhart agus nuair
bha i deiseil bha uinneagan dathte innte. Dh'fhosgail i a-rithist
ann an 1857. Lean an dà eaglais a' dol mar sin gu 1932.
Ann an 1938 an dèidh 220 bliadhna chaidh am balla eadar
an dà thogalach a thoirt air falbh agus bha i na h-aon
eaglais a-rithist.
Thàinig coitheanal eile, à Eaglais
Lady Yester nan ceann cuideachd agus ann an 1941 coitheanal à
Eaglais New North. Ann an 1979 thàinig an aonadh ri Eaglais
an Tolbooth, agus sin mar a thàinig an dà eaglais
a th' againn an-diugh gu bith - Greyfriars Tolbooth agus Highland
Kirk.
Ailtireachd
'S e stoidhle Gothic a th' air an eaglais. Tha i bhon taobh a-muigh
gu math sìmplidh gun thùr no sgeadachadh sam bith
a chomharraicheadh i mar eaglais mhòr ainmeil, ach tha
an taobh a-staigh eireachdail, bhon àirneis gu na h-uinneagan
brèagha dathte. Tha i air a roinn na h-earrannan airson
suidheachain agus le corp-eaglais brèagha cruinn. O thùs
bha i sìmplidh cuideachd gun sgeadachadh sam bith ach beagan
air a cheann an ear. Na broinn cha robh uinneagan dathte no altairean
ged a bha cuilbh innte a' dol suas chun a' mhullaich. Bha àirneis
gann cuideachd ach bha 'stòl an aithreachais' innte.
Airson seirbheisean comanachaidh dheigheadh
bùird agus beingean a thoirt a-steach. Chithear fhathast
anns an eaglais còmhdach bùird brèagha a
chaidh a dhèanamh gu sònraichte airson Bòrd
an Tighearna. Bidh seo air a chleachdadh nuair a bhios an t-sàcramaid
air a frithealadh do Ghaidheil nam Manach Liath agus do chomhairlichean
na h-Àrd Sheanaidh.
Gnìomhan
1. Ciamar a fhuair an eaglais seo
a h-ainm?
2. Dè an ceangal a th' aig
an eaglais seo ris a' Chùmhnant Nàiseanta?
3. Dè an dòigh annasach
anns an deach pàigheadh airson an leasachadh a chaidh a
chur ris an eaglais anns an 18mh linn?
4. Saoil dè a bh' ann an
'stòl an aithreachais'?
Iomradh
Cha bhiodh cunntas mu Eaglais nam Manach Liath coileanta gun iomradh
a thoirt air 'Greyfriars Bobby'. B' ann le fear, Iain Gray, a
bha an cuilean beag seo. Bhàsaich Iain Gray ann an 1858
agus chaidh a thiodhlacadh anns a' chladh ri taobh na h-eaglaise.
Gach là bhon uair sin gus an do bhàsaich e fhèin
ann an 1872 bha an cù dìleas seo na shuidhe air
uaigh a mhaighstir. Nuair a thuig muinntir a' bhaile nach gabhadh
e a bhith air fhuadach bhiodh iad a' toirt biadh thuige. Nuair
a bhàsaich e fhèin chaidh a thiodhlacadh faisg air
a mhaighstir, le flùraichean air uaigh. Chaidh eadhon sùil-uisge
a thogail mar chuimhneachan air le carragh-cuimhne de Bhobaidh.
Tha seo ri fhaicinn fhathast mu choinneimh geatachan na h-eaglaise.
An eaglais an-diugh
Nuair a thàinig Greyfriars Tolbooth agus Highland Kirk
gu bith chaidh aontachadh gum biodh seirbheisean Gàidhlig
mar phàirt den dòigh-adhraidh. 'S e Eaglais nam
Manach Liath an aon eaglais ann an taobh deas de Alba anns a bheil
seirbheisean air an cumail anns an dòigh Ghaidhealach.
Tha seirbheisean Beurla àbhaisteach a' gabhail àite
cuideachd.
Tha copaidh den Chùmhnant Nàiseanta
ann agus iomadh cuimhneachan bho àm nan Cùmhnantach.
Tha cunntas air eachdraidh na h-eaglaise ann le planaichean de
na chaidh a leasachaidhean a dhèanamh tro na bliadhnaichean.
Tha an eaglais fosgailte do luchd-turais agus
tha ionad-tadhail ga ullachadh. Tha bùth bheag ann cuideachd
mar as àbhaist a bhith ann an àitichean den t-seòrsa
sin.
Tha an eaglais cuideachd a' feuchainn ri leantainn
oirre leis an obair air an do thòisich na manaich o chionn
fhada - a' cuideachadh bochdan na coimhearsnachd.
© na dealbhan Christine Campbell & GRD
|