|
Eaglais Naomh Chliamhain
Eachdraidh
Tha an eaglais a th' ann an Roghadal na Hearadh an-diugh air a
togail air seann làraich.
Bha seann thogalach 'chràbhach' ann an
Roghadal a' dol air ais linntean. 'S dòcha gun robh seòrsa
de ghearastan ann a' dol cho fada air ais ri Linn an Iarainn agus
nuair thàinig an creideamh Crìosdail gun deach an
aon làrach a chleachdadh. Tha an suidheachadh air leth
fàbharach mar àite fradharcach.
Tha an Deadhan Rothach a' sgrìobhadh
ann an 1549, ag innse gun robh manachainn le aon stìopall
ann an Roghadal. Chan eilear cinnteach an e 'eaglais' a bha e
a' ciallachadh le 'manachainn' no an robh manachainn dha-rìribh
ann. Tha cuid den bheachd gu bheil comharraidhean am measg nan
clachan mun eaglais a' sealltainn gun robh an leithid de thogalach
ann aig aon àm.
Chan eil cinnt cò a bh' ann an Cliamhan
fhèin nas mò. Tha cuid den bheachd gum b' e Pàp
a bh' ann, cuid eile gum b' e Easbaig Dhùn Bhlàthain
agus cuid nach eil anns an ainm ach mearachd litreachaidh airson
Colum Cille!
Tha an t-Urramach Iain MacLeòid às
na Hearadh a' sgrìobhadh ann an 1792, a' toirt tuilleadh
fiosrachaidh dhuinn mun eaglais. Tha esan den bheachd gun robh
manachainn an seo ri linn Rìgh Daibhidh I. Ma bha manachainn
ann 's iongantach mur robh i ri soirbheachadh gu math gu àm
nan Lochlannach agus nuair a thàinig iadsan a sgrios gun
deach na manaich gu Rìgh Daibhidh airson cobhair, agus
mar sin dhleas an Rìgh ùghdarras air an eaglais.
Tha fios againn le cinnt gum b' e Alasdair Crotach,
ceann-feadhna nan Leòdach, a thog an eaglais a tha ann
an Roghadal an-diugh timcheall air 1520. 'S dòcha gur e
'leasachadh' agus nach b' e 'togail' a rinn Alasdair Crotach oir
bha togalach de sheòrsa air choreigin ann mu thràth.
Bha MacLeòid airson eaglais mhòr bhrèagha
a thogail coltach ris an eaglais a bha e air fhaicinn air Eilean
Idhe. Tha snaidheadaireachd air tùr na h-eaglaise a tha
a' sealltainn gun robh an tùr seo ann ron eaglais a th'
ann an-diugh. Cha robh an eaglais seo deiseil nuair a bhàsaich
Alasdair Crotach. Bha pìos is pìos ga chur rithe.
An dèidh bàs Alasdair Chrotaich
chaidh an eaglais a dhìth. 'S dòcha gun robh an
t-Ath-leasachadh na adhbhar air seo, ach ann an 1784 rinn fear,
Caiptean Alasdair MacLeòid, leasachaidhean mòra
oirre. Gu mì-fhortanach chaidh i na teine goirid an dèidh
sin ann an 1787, agus b' fheudar dha tòiseachadh a-rithist.
Nuair a cheannaich a' Bhana-dhiùc Dunmòr
Na Hearadh mu cheithir fichead bliadhna an dèidh sin bha
an eaglais ann am fìor dhroch staid a-rithist agus thòisich
ise ga leasachadh ann an 1873. Tha dà leac anns an eaglais
ag innse mun obair a rinn i, ach a dh'aindeoin 's na chaidh a
thogail agus a leasachadh a dhèanamh oirre chan eil neach
a chì an eaglais seo an-diugh nach aontaich gur e togalach
air leth eireachdail a tha seo bhon taobh a-muigh agus air leth
eachdraidheil bhon taobh a-staigh agus anns a' chladh mu timcheall.
Ailtireachd
Tha an eaglais de chlachaireachd morghain gairbh le stuthan nas
mìne a chaidh a thoirt à Muile ga sgeadachadh. Tha
i air a dealbh ann an cumadh croise le tùr àrd ceart-cheàrnach
air an taobh an iar. Tha an tùr seo a' coimhead brèagha
bhon taobh a-muigh. Tha e ceithir stòraidhean a dh'àirde.
Eadar an treas agus an ceathramh stòraidh tha cinn thairbh
air an snaidheadh anns na h-oirean. Thatar den bheachd gum b'
i a Bhana-dhiùc Dunmòir a chuir am mullach bideanach
oirre ged a tha dealbh den eaglais ann an 1819 a' sealltainn mullach
den t-seòrsa sin cuideachd.
Os cionn an dorais air an taobh an iar tha cumadh
easbaig, 's dòcha an Naomh Cliamhain. Ann an oisein, air
an taobh an ear tha dà iasgair ann am bàta, 's dòcha
na Naoimh Peadar agus Anndra. Air an taobh tuath tha ceann tairbh
agus aig deas tha boireannach luirmeach ag altram leanabh. Bha
seo cumanta ann an Èirinn aig an àm. Bhatar den bheachd
gun cumadh iad droch spioradan air falbh. 'S dòcha gun
robh snaidheadaireachd den t-seòrsa seo a' dol air ais
gu àm Pàganach nuair bha àite-adhraidh an
seo. 'S ann air taobh tuath na h-eaglaise a tha an doras-aghaidh
agus tha pannal os a chionn a' sealltainn ceusadh Chrìosd.
Tha an taobh a-staigh ceithir-cheàrnach
le mullach fiodha bho mu 1873. Tha uinneagan beaga sgoltach agus
uinneagan nas motha innte. O thùs bha an ionad-ciùil
agus an ionad-coisrigte anns an robh an t-àrd-altair sgaraichte
bhon chorp-eaglais le sgàilean fiodha. Ged nach eil lorg
air an sgàilean seo a-nise tha uinneag mhòr bhrèagha
a' sealltainn far an robh an àrd-altair.
Tha ìomhaighean snaidhte air clachan
uaigheach am broinn na h-eaglaise - ìomhaighean de Alasdair
Crotach, a mhac Uilleam agus de dhaoine ainmeil eile. A thuilleadh
air an eachdraidh a tha na h-ìomhaighean seo a' sealltainn
tha iad a' toirt sealladh air creideamh agus air dòigh-beatha
nan Leòdach. Tha staidhre chas chaol a' dol suas chun an
tùir.
Tha an cladh a' cheart cho inntinneach ris an
eaglais fhèin. Tha àireamh de chàibeil ann
- àitichean-adhlaic a bh' aig teaghlaichean sònraichte.
Air cùl na h-eaglaise tha clach mar chuimhneachan air Iain
Moireasdan, Gobha na Hearadh, a bha cho ainmeil airson a chuid
laoidhean. 'S e glè bheag a thathas a' tiodhlacadh anns
a' chladh seo an-diugh.
Gnìomhan
1. Dè na beachdan a tha
a' dol air mar a fhuair an eaglais a h-ainm?
2. Dèan rannsachadh air
beatha Alasdair Chrotaich agus sgrìobh beagan mu dheidhinn.
3. Dè an fhianais a th'
againn ann an eachdraidh na h-eaglaise nach robh diadhachd a'
ciallachadh mòran do mhuinntir Na Hearadh tro na linntean
a chaidh seachad?
4. Dè do bheachd air a'
chaiptean Alasdair MacLeòid bhon bheagan fiosrachaidh a
tha seo?
5. Saoil carson a tha cinn thairbh
cho cumanta anns an t-snaidheadaireachd a th' air eaglais Naomh
Chliamhain?
6. Dèan rannsachadh air
beatha Gobha na Hearadh agus sgrìobh sìos beagan
den bhàrdachd aige.
Iomradh
Tha sgeulachd neònach a' dol mu thiodhlacadh a bh' ann
an cladh Roghadail anns an 17mh linn. Bha duine anns Na Hearadh
aig an àm a bha ag innse gum faca e a nàbaidh marbh
le saighead na chorp. Bha seo bliadhnaichean mus do bhàsaich
a nàbaidh agus cha robhas ga chreidsinn. Mu dheireadh bhàsaich
an nàbaidh gu sìtheile na leabaidh agus chaidh magadh
gu leòr a dhèanamh air an duine. Chaidh ullachadh
a dhèanamh airson an corp adhlacadh ann an cladh Roghadail
ach nuair ràinig an sluagh bha buidheann eile à
ceàrnaidh eile de Na Hearadh a' ruighinn cuideachd agus
iad air an aon gnothach. Thòisich argamaid mu cò
bu chòir a bhith air a thiodhlacadh an toiseach agus chaidh
an dà bhuidheann a shabaid. B' fheudar dhan cheann feadhna,
Sir Tormod MacLeòid, a thighinn airson cùisean a
rèiteachadh. Nuair a bha an argamaid seachad agus a chaidh
iad a dh'iarraidh a' chuirp nach ann a bha saighead ann an corp
an duine - dìreach mar a bha a nàbaidh air a ràdh.
An eaglais an-diugh
Chan eil an eaglais air a cleachdadh anns a' chumantas an-diugh
mar àite-adhraidh. Bho àm gu àm bidh càraidean
a' pòsadh innte agus bidh buidhnean-ciùil aig amannan
a' seinn laoidhean agus òrain-cràbhaidh innte. Ach
tha i fosgailte do luchd-turais fad na bliadhna agus bidh iad
a' tighinn nan ceudan tron t-samhradh oir tha cead aca a dhol
a-steach innte agus a bhith a' cuairteil mu timcheall.
© na dealbhan Christine Campbell & GRD
|