Bealltainn
Tha Fèill na Bealltainn (a' ciallachadh teine Beall) a' comharrachadh
toiseach an t-samhraidh agus bha i a' comharrachadh leth soilleir
na bliadhna Ceiltiche, calg dhìreach an aghaidh Fèill
na Samhna.
Aig Samhain bidh spioradan nam marbh a' tadhal
air an talamh, aig Bealltainn bidh am beò a' tadhal air
na mairbh.
Bha mòran thachartas fionn-sgeulach co-cheangailte
ris an là seo; b' ann aig an àm seo a thàinig
Tuatha De Danann a dh'Èirinn, mar eisimpleir, agus bha
fèill den t-seòrsa seo ga cumail ann an iomadh dùthaich.
B' ann aig an àm seo a bhathas a' cur
a' chruidh gun ionaltradh samhraidh ach mus fhalbhadh iad dh'fheumadh
iad a bhith air an cur tro theine na Bealltainne gus an glanadh.
Bhathas a' creidsinn cuideachd gun robh na teintean a' toirt dìon,
soirbheachadh agus toradh do dhaoine.
Bha na teintean gu lèir air an leigeil
às air an oidhche ro Là Bealltainn is bhiodh iad
air an cur thuige a-rithist bhon tein'-èiginn naomh a bh'
air a lasadh sa chamhanaich. Bha na daoine a' dol gu mullach cnuic
fhad 's a bha e fhathast dorch gus am faiceadh iad a' ghrian ag
èirigh. Bhathas a' creidsinn gun robh a' ghrian fireann
agus gun robh i ag èirigh aig an àm seo gus an talamh
a dhèanamh torrach. Mar sin bha àm Bealltainne mar
bhanais. Bha fiodh sònraichte ga chruinneachadh airson
nan teintean seo, an aon seòrsa fiodha 's a bhitear a'
cleachdadh airson teine na Samhna. Bha an tein'-èiginn
seo na dhà leth le trannsa sa mheadhan gus am faigheadh
an crodh air a dhol troimhe is bha na daoine a' dol timcheall
air ann an dòigh deiseil. Aon uair 's gum biodh na beathaichean
air a dhol tron teine bha na daoine a' crathadh luath an teine
air a chèile.
Bhathas a' deasachadh biadh air an teine seo
nuair a dheigheadh a lasadh; bha uighean, ìm, min-choirce
is bainne gam measgachadh ri chèile is an uair sin bha
uisge-beatha is leann ga dhòrtadh nan ceann. An dèidh
sin bha pàirt dheth ga dhòrtadh air an talamh mar
thabhartas do na diathan aca. Bhathas a' dèanamh bhonnach
dhen chòrr (Bonnach Bealltainn) is a' crathadh nam bonnach
seo thar an guailne is a' guidhe gun cumadh an dia sin an caoraich
no an crodh sàbhailte. An dèidh an deis-ghnàth
seo shuidheadh iad aig an teine is ghabhadh iad den chuirm.
Bha aon bhonnach air a dhubhadh le sùith
is bha iad uile gan cur ann am bonaid. Bha sgàil air a
chur air sùilean nam fear is bha aca ri aon bhonnach a
thaghadh às a' bhonaid. Anns na h-amannan dorcha a dh'fhalbh
deigheadh an duine bochd a thaghadh am bonnach-sùithe ìobradh
san teine ach nuair a sguirear den sin bha aige ri leum sia tursan
thar nan lasraichean.
Nuair a bhiodh na deas-ghnàthan deiseil
dhèanadh na daoine an slighe dhachaigh le fiodh laiste
gus an teintean-dachaigh a chur thuige. Mus dèanadh iad
sin bha iad a' dol mun cuairt an achaidhean is an taighean leis
an lasair. Bhiodh iad uaireannan cuideachd a' crathadh luath an
tein'-èiginn air an achaidhean is air daoine a bha tinn,
airson slànachadh.
Ged nach robhas a' cumail ri na deas-ghnàthan
anns na h-eileanan b' ann aig an àm seo a bhitear a' dol
gu na h-àirighean leis a' chrodh agus, ann an dòigh,
b' e cleachdadh na Bealltainn a bh' ann. Bha seo a' dol air adhart
ann an Leòdhas gu bho chionn ghoirid agus b' e àm
air leth aighearach a bh' ann.
Bha a h-uile obair shònraichte a bhathas
a' dèanamh ann an saoghal nan Ceilteach air a 'naomhachadh'
le deas-ghnàth agus lean cuid de seo eadhon nuair a thàinig
an creideamh Crìosdail; aig àm an t-Saodachaidh
nuair bhitear a' toirt a' chruidh gu mòinteach chì
sinn am measgachadh seo de phàganachd is Crìosdaidheachd
san rann a bhitear a' gabhail leis a' chrodh:
Biodh
dìon rìgh na Fèinne ort
Bidh dìon rìgh na grèine ort
Biodh dìon rìgh nan reultan ort
Ann an gàbhadh is ann an trioblaid.
Cuairticheadh
Maol Òdhrain thu
Cuairticheadh Maol Òighe thu
Cuairticheadh Maol Dòmhnaich thu
Gus do dhìon is do bhuachailleachd.
Biodh
fasgadh rìgh nan rìghrean agad
Bidh fasgadh Iosa Crìosd agad
Biodh fasgadh spiorad na slàinte agad
Bho droch ghnìomh is bho bhuaireadh
Bho chù dubh is chù dearg.
Gus an leigeadh an crodh barrachd bainne bhiodh
banaraich a' dèanamh ròpa à earbaill a' chruidh
is ga chur tron driùchd is ag ràdh:
Bainne na tè seo shìos,
Bainne na tè seo shuas
Nam ghogan mhòr fhèin.
Bhathas a' creidsinn gun robh sìthichean
mun cuairt aig an àm seo agus gum faodadh iad am bainne
a thoirt bhon chrodh. Gus nach tachradh seo bha croisean caorainn
gan crochadh sna bàthaichean is bhathas a' crathadh uisge
à tobraichean naomh air beathaichean calla.
B' e àm a bha seo cuideachd nuair a bhiodh
gaisgich Ceilteach a' dol tro dheuchainnean dùbhlanach
ann an sgilean sabaid ann an geamaichean na Bealltainne. Bha cuirmean,
aithris sgeulachdan is dannsa a' dol air adhart cuideachd.
Mar cuid de na fèilltean eile bha am
feasgar ron Bhealltainn ga mheas iongantach is mar 'àm
eadar amannan' nuair bha geataichean an fho-shaoghail a' fosgladh
gus na spioradan a leigeil ma sgaoil is gus cothrom a thoirt do
na beò a dhol gu saoghal nam marbh. Bha a' churachd deiseil
a-nis agus bhiodh na treubhan a' cruinneachadh còmhla a
thoirt buidheachas don ghrèin is a ghuidhe gum fàsadh
is gun cinneadh am bàrr a chaidh a chur.
Tha fàs a' cur feum air uisge no driùchd
a thuilleadh air blàths na grèine agus mar sin bha
deas-ghnàthan co-cheangailte ri sin cuideachd oir bhathas
a' creidsinn gu robh èifeachd mhòr san driùchd
a chruinnichear ron chamhanaich. Nan deigheadh an driùchd
seo a chrathadh air neach sam bith bhiodh e slàn, fallain
agus sona airson a' chòrr de bheatha agus nan cuireadh
nighean òg an driùchd seo air a h-aodann dh'fhàsadh
i air leth maiseach.
Bhiodh daoine a' sgeadachadh an taighean le
caorann aig an àm seo oir bhathas a' meas gun robh i gan
dìon.
An là an-diugh
Ged a chluinnear iomradh air Là Buidhe Bealltainn an-diugh
's e glè bheag de nigheanan a thèid a-mach a nighe
an aodannan san driùchd.
Ged nach eil mòran a' falbh gu àirighean
air an là seo an-diugh 's ann air a' chiad Disathairne
dhen Chèitean a bhios muinntir Leòdhais (no cuid
dhiubh, co-dhiù) a' cur caoraich chun na mòintich
fhathast.
Gu h-iongantach, tha ainmean co-cheangailte
ris an dia, Beall, againn gus an là an-diugh agus 's ann
mar chuimhneachan air a tha Billingsgate ann an Lunnainn.
Bidh daoine a' tadhal air àiteachan sònraichte
aig an àm seo den bhliadhna, mar eisimpleir air Stonehenge
agus air Tursachan Chalanais ann an Leòdhas gus am faic
iad a' ghrian ag èirigh, dìreach mar a bha sluagh
o shean a' dèanamh air Là Buidhe Bealltainn. Bidh
cuid a' tadhal air na h-àiteachan sin air là meadhan
an t-samhraidh cuideachd.
Tha na cleachdaidhean a bh' aca ann an Sasainn
(dannsa na Cèitein agus a bhith a' taghadh bànrigh
na Cèitein) cuideachd le am freumhaichean ann am Fèill
na Bealltainn.
B' ann aig Arthur's Seat a chleachd muinntir
Dhùn Èideann an teintean a lasadh air Là
Bealltainn is iad a' coimhead èirigh na grèine agus
ann an Dùn Èideann bidh daoine fhathast a' cumail
na fèille seo; bidh iad a' cruinneachadh air cnoc Carlton,
a' caismeachd agus a' dèanamh 'deas-ghnàthan' sònraichte.
Thòisich seo as ùr ann am meadhan 1980.
Bidh corra dhuine cuideachd a' tadhal air Tobar
Cloutie faisg air Cùil Lodair air an là seo is a'
fàgail pìosan de chlobhd air na craobhan faisg air
làmh.
Ged a tha na cleachdaidhean sin gan cumail thall
's a-bhos 's e glè bheag de na tha a' gabhail pàirt
annta aig a bheil fios co às a dh'èirich iad; chan
eil annta ach leisgeul airson subhachas a dhèanamh.
© na dealbhan Christine Campbell & GRD
|