|
Didòmhnaich Càisge
'S e àm ùrachaidh a th' anns a' Chàisg nuair
a tha obair nàdair a' tighinn beò agus aig àm
pàganach bha ìobairtean air an toirt seachad do
bhana-dhia an Earraich.
Bidh a' Chàisg a' tuiteam aig amannan
eadar-dhealaichte a rèir a' mhìosachain againne
ach tha an rann seo ag innse le cinnt cuin a tha a' Chàisg
ann:
Seachd seachdainean gu bràth
Eadar a' Chàisg is Inid.
B' ann air Diardaoin na Càisge a bhathas
ag ràdh a bhiodh daoine a' dòrtadh leann no uisge-beatha
dhan mhuir gus am faigheadh iad toradh na mara, feamainn, na àite
airson am fearann a mhathachadh. B' e Diardaoin a' Bhrochain a
chanar ris an là seo anns na h-eileanan.
Bha Didòmhnaich Càisge air a chumail
air Ghaidhealtachd le bhith a' deasachadh bonnach; bhiodh na daoine
òga a' bruich uighean is gan dath; an uair sin roiligeadh
iad iad le cnuic mus itheadh iad iad. Bhathas cuideachd a' cumail
Dihaoine mar là naomh agus chan fhaodadh duine sam bith
a bhith ag obair air caoraich air Dihaoine no caoraich a mharbhadh
na bu mhò. Air Dihaoine cuideachd cha deigheadh iarann
de sheòrsa sam bith a chleachdadh.
A rèir seann sgeulachd fhuair a' chraobh
chritheann a h-ainm air sgàth gur ann leis an fhiodh aice
a chaidh crann-ceusaidh Chrìosd a dhèanamh agus
a-riamh bhon uair sin tha a' chraobh seo air a bhith air chrith
le nàire. Bha uair a dheigheadh daoine chun na craoibhe
seo aig àm na Càisge gus a mallachadh.
Tha sgeulachd eile ag innse gum bi a' ghrian
a' danns anns na speuran le aoibhneas air Là na Càisge
agus ann an cuid de na h-eileanan bhiodh a' chlann a' dìreadh
cnoc gus an sealladh seo fhaicinn.
An là an-diugh
'S ann mar shamhla air a' chleachdadh a bhith a' deasachadh bhonnach
air Là na Càisge a thàinig na 'hot-cross
buns' a bhios sinne ag ithe an-diugh. Tha uighean na Càisge
le an samhlachas fhèin cuideachd; ged a bha uighean air
an cleachdadh ann an deas-ghnàthan nam pàganach
tha iad, sa chreideamh Chrìosdail, nan samhla air a' chloich
a chaidh a roiligeadh bho uaigh Chrìosd.
© na dealbhan Christine Campbell & GRD
|