|
Là Choluim Chille
Ged is e an Naomh Pàdraig naomh na h-Alba bha na Gaidheil
a' toirt barrachd spèis do Cholum Cille is bha Là
Choluim Chille air a chumail ann an Alba mar chuimhneachan air.
Tha cuid ag ràdh gur e an 9mh là
den Ògmhios an là seo ach bha a' mhòr-chuid
ga chumail air Diardaoin san dara seachdain den mhìos.
Ach bha na Gaidheil a' cumail a h-uile Diardaoin mar Là
Choluim Chille ann an dòigh, dìreach mar a bha na
Lochlannaich ga chumail mar chuimhneachan air an dia, Thor. Nan
tuiteadh Fèill Bhealltainn air an là seo bha an
là a' call a chumhachd. Sa chumantas, ge-tà, cha
bhiodh sìthichean a-muigh air Diardaoin.
Bha an rann seo ga aithris am measg cuid de threubhan:
Biodh Dia eadar mi is gach sìthiche
Gach mì-rùin is draoidheachd
An-diugh Diardaoin air muir is tìr
Tha mi ag earbsadh san Rìgh nach cluinn iad mi.
Bha an là seo freagarrach airson obair
sam bith a dhèanamh, mar a chì sinn bhon rann a
leanas:
Daoirn Choluim Chille chaoimh
Là chur chaorach air seilbh
Là chur bà air a laogh
Là chur aodach an deilbh
Là chur churach air sàl
Là chur gais chon a meirgh
Là chon breith, là chon bàis
Là chon àrdu a sheilg
Là churghearran an èill
Là chur feudail air raon
Là chur ùrnaigh chon feum
Là m' eudail an Daorn.
Bha Colum Cille air a mheas sna h-eileanan mar
bhuachaille nan caorach.
Mar air làithean fèille eile,
bhathas a' deasachadh bonnach air an là seo. Bha màthair
an teaghlaich a' dèanamh seo air teine chaorann no air
teine de fhiodh 'naomh' air choreigin. Bhiodh i a' cur bonn airgid
dhan bhonnach. An ath là bha athair an teaghlaich a' gearradh
a' bhonnaich ann am pìosan a rèir àireamh
an teaghlaich is bha na pìosan sin gan cur ann am bascaid.
Bha gach pàiste san teaghlach, le sgàile air a shùilean,
a' toirt pìos den bhonnach às a' bhascaid ann an
ainm an Athar, a' Mhic is an Spioraid Naoimh. Bha an leanabh a
gheibheadh am bonn na bhonnach a' faighinn seilbh air na h-uain
a' bhliadhna sin; b' e seilbh uain a chanar ri seo. Uaireannan
bhiodh a' chlann gu lèir a' faighinn uain dhaibh fhèin
agus bhiodh comhstrì ann ach cò dhiubh a bha a'
gabhail barrachd cùraim dhiubh. Tha an cleachdadh seo air
falbh a-nis ach cha robh ann ach dòigh gus toirt air a'
chloinn cuideachadh leis an sprèidh! Tha cuid ag ràdh
gur ann air an là seo a bhiodh muinntir Leòdhais
a' toirt thabhartasan do Sheonaidh, dia pàganach, ged nach
eil a h-uile duine a' dol leis a' bheachd seo.
An là an-diugh
Bidh daoine fhathast a' dol gu Eilean Idhe air an là seo
is bidh seirbheis ga cumail ann an Eaglais an Abaid. Bidh a' Bhànrigh
a' toirt buinn airgid do dhaoine sònraichte air Maundy
Thursday; 's e seo an aon là ri Là Choluim Chille.
© na dealbhan Christine Campbell & GRD
|