Faidhle Eachdraidh > Fčilltean > Lą Fčill Moire
Là Fèill Moire
Dachaigh Blàir Caistealan Caochladh chuspairean Ceatharnaich Eaglaisean Fèilltean Naoimh

Là Fèill Moire
Bha an là seo air 15 Lùnasdal cudthromach do na Ceiltich. Air an là seo bhiodh iad a' dol a-mach dha na h-achaidhean a ghearradh dhiasan coirce leis an dèanadh iad Moilean Moire. B' e bonnach a bha seo agus bha e air a chòcaireach air teine de fhiodh naomh. Mar aig fèilltean eile bha fear an taighe ga ghearradh is a' toirt pìosan dheth do a mhnaoi is do theaghlach. Bha Iolach Moire ga ghabhail an uair sin gus an deigheadh an teaghlach a dhìon fad làithean am beatha. Fhad 's a bha an teaghlach a' gabhail Iolach Moire bha iad a' coiseach deiseil timcheall air an teine. Bha fear an taighe an uair sin a' cur griosach an teine ann am prais agus a' coiseachd timcheall air taobh a-muigh an taighe leis, uaireannan mun cuairt a chuid achaidhean is a bheathaichean cuideachd. Bha a h-uile neach de theaghlach ga leantainn, còmhdaichte anns an aodach a b' fheàrr a bh' aca agus fhathast a' gabhail Iolach Moire.

Bhathas cuideachd a' dèanamh maighdeann-coirce leis a' choirc mu dheireadh a dheigheadh a bhuain agus bhiodh seo ga ghleidheadh gus an deigheadh a thoirt do na h-eich an ath earrach nuair a thòisicheadh iad a' treabhadh. Nam b' e foghar bochd a bhiodh aca b' e cailleach ainm na maighdinn! Anns na Hearadh b' e an gobhar-bhacach a chanar ri seo.

B' e nàire mhòr a bh' ann a bhith air dheireadh leis an fhoghar agus uaireannan dheigheadh a' mhaighdeann no a' chailleach a sadail gu achadh an fhir a bha air dheireadh. Nan deigheadh duine a ghlacadh a' dèanamh seo bha peanas mòr a' feitheamh air; dheigheadh 'bearradh eòin is amadain' air le bhith a' bearradh fhiasag is fhalt.

Tha cleachdadh na maighdinn a' dol air ais gu àm nam pàganach nuair a dheigheadh nighean bheò ìobradh do na diathan aca.

An là an-diugh
Chan eil cho fada bho bha comhstrì anns na h-eileanan mu cò bhiodh deiseil de obair fearainn is mhòine an toiseach ach tha na làithean sin air falbh agus 's e glè bheag a tha an sàs an-diugh ann an obair den t-seòrsa sin. Agus mar sin, chan eil na cleachdaidhean sin air fantainn beò ann an riochd sam bith ged a bhios lofaichean arain gan cumadh nam maighdeannan aig amannan.

© na dealbhan Christine Campbell & GRD