Faidhle Eachdraidh > Naoimh > Colum Cille
Colum Cille
Dachaigh Blàir Caistealan Caochladh chuspairean Ceatharnaich Eaglaisean Fèilltean Naoimh


Colum Cille
Tha Colum Cille air an t-urram fhaighinn gum b' e an duine a thug an creideamh Crìosdail gu Alba an toiseach ach cha b' e Albannach a bh' ann idir. Tha feadhainn ann a chanas gum b' e Ninian a thàinig gu Alba leis an t-soisgeul an toiseach ged is e Colum Cille a tha a' faighinn urram air a shon.

Rugadh e ann an Èirinn agus bha e càirdeach do theaghlach rìoghail an sin. Mar sin fhuair e cothrom air deagh fhoghlam is dh'ullaich seo e airson na beatha a bha gu bhith aige ann an Alba. Dh'ionnsaich e dreuchd na sagartachd agus bha e air a mheas an Èirinn mar fhìor dhuine diadhaidh.

Tha cuid ag ràdh gu bheil Colum a' ciallachadh calman, isean sìthe, agus gun deach Cille a chur ris air sgàth 's gun do stèidhich e manachainn no eaglais. Tha cunntasan cuideachd a' dèanamh iomradh air Colum Cille mar dhuine fuar, cruaidh le ùidh na obair a-mhàin.

Tha mòran air a sgrìobhadh mu bheatha an naoimh seo ann an iomadh àite. Mar sin 's e fiosrachadh bunaiteach is sgeulachdan fìor chudthromach no annasach a gheibhear sa chunntas seo.

Suidheachadh ann an eachdraidh is fiosrachadh
Anns an 6mh linn AC bha muinntir na h-Alba fo riaghladh nan Draoidhean, a' gèilleadh do shaobh-chreideamh. Tha sgeulachdan eadar-dhealaichte ag innse mun adhbhar airson Colum Cille a thighinn a dh'Alba; tha aon ag ràdh gun cuala e mu shuidheachadh na h-Alba is gun do rinn e inntinn an-àirde a dhol a dh'innse dhaibh mun t-Soisgeul. Tha sgeul eile ag aithris gur e buaireadh a thug air Èirinn fhàgail is aghaidh a thoirt air Alba.

Ge bith dè tha fìor dh'fhàg Colum Cille a dhùthaich fhèin ann an curachan beag le dà chompanach dheug is rinn e air Alba. Tha eachdraidh ag innse gur ann an Cinn Tìre a thàinig iad air tìr an toiseach is à sin gun deach iad gu Eilean Orasaigh. Cha b' urrainn do Cholum Cille fuireach ann an àite seach àite dhiubh sin oir chitheadh e beanntan na h-Èireann is cha leigeadh an cianalas leis fuireachd. Sheòl iad a-rithist is mu dheireadh ràinig iad Eilean Idhe far an deach iad air tìr. Cho luath 's a ràinig e chaidh Colum Cille gu mullach a' chnuic a b' àirde san eilean feuch am faiceadh e Èirinn, ach chan fhaiceadh. Thuig e an uair sin gum b' e siud an t-àite san robh còir aige fuireach is thòisich e air obair a bheatha.

Tha sgeulachd annasach ag innse mar a fhuair an t-eilean an t-ainm, I. Tha e coltach gun robh ainm eile air an t-eilean ron seo ach nuair a bha Colum Cille is a mhanaich a' dlùthachadh ris an eilean gun tuirt cuideigin, "Chì mi i" (a' ciallachadh tìr) agus gun tuirt Colum Cille, "'S e I a bhios air an eilean seo à seo a-mach."

Thog e fhèin is a mhanaich eaglais bheag is taighean-còmhnaidh agus thòisich iad a' searmonachadh an t-soisgeil do mhuinntir an eilein. A thuilleadh air a bhith searmonachadh bha Colum Cille agus a mhanaich a' teagaisg muinntir an eilein, a' sgrìobhadh nan sgriobtairean agus ag àiteach na talmhainn.

Bha iad beò ann an dòigh gu math sìmplidh; cha robh iad ag iarraidh ach dìreach na chumadh beò iad. Chuir iad eòrna is gheàrr iad fiodh airson taighean a thogail dhaibh fhèin ach cha do chòrd seo ri muinntir Idhe idir. Thathas ag ràdh nan gearaineadh an sluagh gu nochdadh stòras mòr arbhair bho Dhia gus dèanamh an-àirde airson na thug Colum Cille bhuapa. Bha Colum Cille is a mhanaich gu math trang le obair a-muigh a thuilleadh air a bhith ag ùrnaigh, a' searmonachadh is a' sgrìobhadh. Bha an t-eilean mar tuathanas beag le togalaichean, àth airson a' choirc a thiormachadh is muileann airson bleith. Fhuair arc-eòlaichean lorg air na togalaichean sin agus air an àite far am biodh Colum Cille fhèin a' cadal air creig le clach fo cheann. Bha a' choimhearsnachd bheag sin an sàs anns a h-uile rud bho bhith a' dèanamh leathar à craicinn bheathaichean airson bhàtaichean, bhagaichean, bhrògan is shoithichean-bainne gu bhith a' dèanamh innealan à iarann. Bha iad gu math fèin-fhoghainteach! Mar a bhiodh dùil, bha eaglais ann is caibeal beag. Bha taigh-aoigheachd ann cuideachd dha cuairtearan far an robh uisge air a chumail gus casan nan daoine sin a nighe.

Bha Colum Cille dèidheil air aoigheachd a thoirt do chuairtearan oir b' ann mar sin a bha e a' faighinn naidheachdan bho mhanachainnean eile is bho dhùthchannan eile. Bha a h-uile seòrsa duine a' tighinn gu I, naoimh eile is manaich is eadhon peacaich mhòra a bha ag iarraidh cuideachadh gus piseach a thoirt air am beatha. Bhiodh Colum Cille a' cur an leithid sin gu eilean air an robh an t-ainm, Hinba ('s dòcha eilean Chanaigh) airson peanas a dhèanamh.

Ged a bha iad ag obair cruaidh chan fheumte dìochuimhne a dhèanamh air adhradh; bha seo a' dol gun sgur fad oidhche Shathairne is Didòmhnaich a thuilleadh air amannan eile a h-uile là. Bha clag aig Colum Cille airson na manaich a ghairm gu adhradh. A h-uile Diciadain is Dihaoine cha robh na manaich ag ithe càil gu oidhche oir b' e làithean traisg a bha sin. Cha robh sin idir a' ciallachadh gun robh an obair aca a' sgur oir bha iad a' sgrìobhadh is ag obair a-muigh, a h-uile manach aig obair shònraichte fhèin. Tha dà leabhar againn fhathast, 'An Cathach' is 'Leabhar Kells' a thathas ag ràdh a chaidh a sgrìobhadh air Eilean Idhe. Chan eil a h-uile neach a' gabhail ri sin mar fhìrinn.

Cha b' e a-mhàin gum b' e naomh a bh' ann an Colum Cille ach b' e naomh Gàidhlig a bh' ann cuideachd is bha e a' faicinn muinntir na h-Alba mar a chàirdean. Bha an siostam a bha gu bhith aig cinnidhean na h-Alba linntean às dèidh sin aig Colum Cille na inntinn is b' e nàdar de fhear-poileataics a bh' ann dheth. Chithear sin bho na tursan a rinn e a dh'fhaicinn Rìgh Brud, rìgh nan Cruithneach oir, canaidh cuid gum b' e tursan poileataigeach a bh' annta is nach b' e tursan ìompachaidh.

Tha iomadh loch, eaglais is eile air feadh Alba air an ainmeachadh às dèidh an naoimh seo. Cha leigear a leas an ainmeachadh an seo oir tha tùs a' chuid mhòir dhiubh soilleir gu leòr. Aig aon àm b' e Loch Choluim Chille a chante ri bàgh Phort Rìgh.

'S e 9 Ògmhios là Choluim Chille.

Tro dhualchas nan Gaidheal tha Diardaoin air a bhith air ainmeachadh mar là Choluim Chille (gu h-annasach 's e là Thor, an dia Lochlannach a th' ann cuideachd.) B' e Diardaoin an là air am bu chòir nithean sònraichte a dhèanamh mar a chithear bhon rann a leanas:

Daorn Choluim Chille chaoimh
Là chur chaorach air seilbh
Là a chur bà air a laogh
Là chur aodach an deibh.
Là chur curach air sàl
Là chur gais chun a mheirgh
Là gu breith, là gu bàs
Là chur àrd-chù a sheilg.
Là chur gearran an èill
Là chur feudail an raon
Là chur ùrnaigh gu feum
Là m' eudail, an Daoirn.

Ged a tha cuid de na facail air a dhol a-mach à bith tuigidh sinn gun robh Colum Cille is a mhanach a' dèanamh a' chuid mhòir den obair sin.

Fiosrachadh annasach
Tha sgeulachd ag innse gun robh an naomh air eilean Bheàrnaraigh a bha ainmeil airson craobhan iubhar agus gun do chuir e mallachd air duine sam bith a chuireadh a làmh air a' chraoibh seo. Gu h-annasach, anns an 19mh linn dh'iarr Caimbeulach Loch Iall gun deigheadh a' chraobh a ghearradh gus staidhre a chur na chaisteal ach thuit i agus mharbh i an duine a bha ga gearradh. Ach 's e an rud as iongantaiche gun deach an dearbh chaisteal seo na theine trì tursan ach gach turas cha do loisg an staidhre.

Thathar ag ràdh nuair a shuidhich Colum Cille e fhèin ann an Eilean Idhe gun do dh'fhuadaich e na boireannaich bhon eilean oir b' e fir a-mhàin a bha e ag iarraidh na mhanachainn. Tha an sgeulachd seo ag ràdh gun do dh'fhuadaich e an crodh cuideachd is gur e a rinn an-àirde an t-seanfhacal a tha ag ràdh: 'Far am bi bò bidh bean, is far am bi bean bidh buaireadh'.

Bha Alba còmhdaichte le coille aig àm Choluim Chille agus tha sgeulachd ag innse gun robh an naomh ag ùrnaigh ann an coille san Eilean Sgitheanach aon là nuair a thàinig e air torc. Thog Colum Cille a làmhan suas gu nèamh, ghuidh e ri Dia is dh'iarr e air a' bheathach stad far an robh e is bàsachadh. Sin dìreach, a rèir na sgeòil, an rud a thachair.

Chuala sinn gun robh ionad aig Colum Cille far am biodh e a' toirt aoigheachd do chuairtearan ach cha b' e a-mhàin daoine gan robh e a' toirt aoigheachd. Aon oidhche fhiadhaich dh'iarr e air fear de sheirbhisich òga a dhol sìos chun chladaich a choinneachadh 'neach-tadhail' ris an robh dùil aige. Cha robh am balach airson falbh oir b' e oidhche uabhasach a bh' ann ach thug Colum Cille air falbh. Sheas am balach greis mhòr air an tràigh gun chàil fhaicinn agus dìreach nuair a bha e dol a thilleadh dhachaigh chunnaic e rudeigin air a' mhuir. Dh'fhuirich e is e a-nise an dùil gum b' e bàta a bh' ann. Nuair a ràinig an 'neach-tadhail' dè a bh' ann ach corra-ghritheach. Ruith am balach chun eòin a bha lag le sgios is thog e leis e gu Colum Cille.

"Math, dha-rìribh," thuirt Colum Cille ris. "Tha mi faicinn gun do lorg thu an 'neach-tadhail' againn. Thoir deagh aire air oir chaidh an t-eun sin àrach far an deach thusa is mi fhìn, ann an Èirinn."

Chùm iad a' chorra-ghritheach airson là no dhà gus an do dh'fhàs e làidir. An uair sin leig iad ma sgaoil e is dh'fhalbh e air iteig, a' sìneadh thar na mara gu Èirinn.

Thathas ag ràdh gum b' e Colum Cille aon de na ciad daoine a chunnaic uilebheist Loch Nis. Bha e air a shlighe gu Rìgh Brud ann an Inbhir Nis aon là nuair a thàinig e tarsainn air tiodhlacadh duine òg. Chaidh innse dha gur e uilebheist a bha air an duine seo a mharbhadh. Dh'iarr e air fear de a mhanaich fhèin snàmh tarsainn an loch ach cha robh an duine seo air a dhol glè fhada nuair a nochd an uilebheist is i dìreach a' dol ga mharbhadh mar an duine eile. Thog Colum Cille a chrois os cionn an loch is thuirt e, "Ann an ainm Iosa tha mi gad thoirmeasg gun ionnsaigh a thoirt. Falbh air ais gu ceann shuas an locha is na till an seo tuilleadh." Thionndaidh Nessie is shnàmh i air falbh. Mar sin, sheall Colum Cille cumhachd Dhè do gach neach a bha an làthair.

Bha Colum Cille san Eilean Sgitheanach a' searmonachadh aon uair agus bhuail e a bhata san talamh is thuirt e gun tigeadh air an là ud seann duine pàganach chun dearbh làraich, gun iarradh e maitheanas peacaidh, gun deigheadh a bhaisteadh, gum bàsaicheadh e is gun deigheadh adhlaiceadh ann cuideachd. Beagan ùine an dèidh dha sin a ràdh thàinig bàta gu tìr is na broinn bha seann dhuine a bha dìreach aig uchd bàis. Cha b' e an aon cànan a bh' aig an duine seo is aig Colum Cille ach bhruidhinn iad ri chèile tro eadar-theangair, dh'innis Colum Cille dha mu Chrìosd, chreid an duine, chaidh a bhaisteadh, bhàsaich e is chaidh adhlacadh, dìreach mar a bha Colum Cille air a ràdh a thachradh.

Fhuair Colum Cille ro-shealladh air a bhàs fhèin cuideachd ceithir bliadhna mus do thachair sin. Nuair a bha an t-àm a' tighinn faisg thuirt e ri na manaich gun do dh'iarr e air Dia an toiseach a thoirt leis aig àm na Càisge ach gun do smaoinich e bhon uair sin nach biodh e freagarrach a bhràithrean a dhèanamh brònach aig an àm sin.

Ach air an là a bha e gus an saoghal seo fhàgail chunnaic na manaich gun robh aghaidh a' deàlrachadh. Bha sin a chionn gum faca Colum Cille aingeal Dhè ag itealaich is i air a thighinn ga iarraidh. Goirid an dèidh sin chaidh e fhèin is a sheirbhiseach, Diarmad, a bheannachadh an t-sabhail le na briathran seo:
"Is sona leam sibh, a mhanaich ghràdhaichte airson gum bi agaibh, air a' bhliadhna seo, gu leòr de theachd an tìr ma bhios agamsa ri ur fàgail."

Tha sgeulachd air innse cuideachd gun robh fios aig each Choluim Chille gun robh e dìreach gus bàsachadh is gun do chuir e a cheann na uchd is gun do thòisich na deòir a' ruith às a shùilean. Chaidh Colum Cille gu cnoc os cionn a' mhanachainn is bheannaich e e, ag ràdh:

Air cho cumhang is cho suarach 's a tha an t-àite seo
Gheibh e onair mòr nach gann
Chan ann a-mhàin bho rìghrean Alba
Ach bho rìghrean nan cinneach is bhon t-sluagh
Agus a thuilleadh air sin
Bheirear urram nach gann do eaglaisean uile.

Air an oidhche sin nuair a bha e a' sgrìobhadh nan sgriobtairean stad e aig rann àraidh san 34mh salm a tha ag ràdh, "Orra-san a dh'iarras an Tighearna cha bhi maith air bith a dhìth," is thuirt e gum b' e sin na bha e dol a sgrìobhadh sa bheatha seo. An ath là chaochail e san eaglais.

An là an-diugh
Tha iomadh nì air a ràdh cuideachd mun dìleab a dh'fhàg Colum Cille. B' ann ri linn a shaothair a chaidh an eaglais Chrìosdail a stèidheachadh ann an Earra-Ghaidheal is gu dearbha, ann an Alba. Chuir e stad cuideachd air na Cruithnich bho bhith a' gabhail thairis is dh'fhosgail e an t-slighe gu Alba mar dhùthaich air leth.

Lean spiorad Choluim Chille beò ann an I na dhèidh is thàinig an t-eilean gu bhith na àite a bha ainmeil airson cultar is ionnsachadh is mìltean gan tàladh ann. B' ann ann a bha rìghrean na h-Alba air an adhlaiceadh suas gun 11mh linn agus tha iomadh duine ainmeil adhlaichte ann cuideachd.

An-diugh tha togalaichean na h-abaid air an ath-leasachadh agus tha Eilean Idhe fo chùram bhuidheann ris an canar Coimhearsnachd Idhe. Bidh 'cuairtearan' an là an-diugh a' tighinn ann fhathast an tòir air fois is sìth agus a chnuasachadh mu am beatha.

Ach, chithear dìleab Choluim Chille an-diugh, 's dòcha, nas motha san Eilean Sgitheanach na ann an Eilean Idhe fhèin. Tha fear de thogalaichean na colaiste Gàidhlige, Sabhal Mòr Ostaig, air a bheil an t-ainm, 'Àrainn Choluim Chille' agus tha 'Ionad Choluim Chille', meur den cholaiste, ann an Ìle. Tha ceangal gu math dlùth aig oileanaich nan ionadan sin ri oileanach Èirinn.

Tha ceanglaichean sònraichte gan dèanamh fo bhratach a' phròiseict, 'Iomairt Choluim Chille', eadar Alba is Èirinn; 's e 'Pàrlamaid nan Oileanach' aon de na nithean a thathas a' cur air adhart gach bliadhna, far am bi oileanaich à Alba, Èirinn is às a' Chuimrigh a' deasbad mu ghnothaichean co-cheangailte rin dualchas. Ged nach e, gu sònraichte, ceanglaichean creideimh a tha Iomairt Choluim Chille a' cur air adhart 's e ceanglaichean cànain is cultair a th' annta, ceanglaichean a rinn Colum Cille cuideachd an lùib a cheanglaichean creideimh.

© na dealbhan Christine Campbell & GRD