|
Naomh Ninian
Thathas ag ràdh gun do thòisich Crìosdaidheachd
ann an Alba leis an Naomh Ninian. B' ann sa Ròimh a fhuair
e a chuid foghlaim is sin mar a thàinig e gu bhith na Chrìosdaidh.
Mar sin cha robh ceangal aige ri Èirinn mar a bh' aig na
naoimh Ceilteach. Tha am fiosrachadh a th' againn mu dheidhinn
a' tighinn bho dà phìos bàrdachd is chan
eil a h-uile duine a' gabhail ris gu bheil am fiosrachadh sin
fìor.
Tha aon nì fìor mu Ninian; b'
e a' chiad naomh a chaidh leis an t-soisgeul gu àiteachan
far nach robh duine air a bhith roimhe. 'S dòcha nach do
rinn Ninian na rudan a thathas ag ràdh a rinn e; air an
làimh eile, 's dòcha gun do rinn e barrachd.
Tha e air aithris cuideachd gum biodh Ninian
a' dèanamh mhìorbhailean coltach ri na mìorbhailean
a bhiodh Crìosd fhèin a' dèanamh ach chan
eil mòran fiosrachaidh air fhàgail againn mu rudan
àbhaisteach a bha e a' dèanamh bho là gu
là. Dè na rudan a bha sin ach dìreach na
rudan a tha misionaraidhean an là an-diugh a' dèanamh
- ag innse dhan t-sluagh mu Iosa.
Suidheachadh ann an
eachdraidh is fiosrachadh
Rugadh e timcheall air 362 AC anns na Crìochan is bhàsaich
e mu 432 AC. Aig an àm sin bha a' chuid mhòr de
mhuinntir Alba nam pàganaich. Nuair a thill e às
an Ròimh thog e a chiad eaglais ann an Whithorn timcheall
air 397 AC. B' e Candida Casa (an taigh geal) an t-ainm a thug
e air an eaglais seo. Thàinig an eaglais seo am follais,
gu h-iongantach ann an 1949 nuair bhathas a' cladhach san àite
agus na ballaichean fhathast geal. Ged a bha an eaglais aig Ninian
an seo bha àite eile aige far am biodh e a' dol airson
fois; bha sin air Eilean Whithorn. A thuilleadh air sin bha uaimh
aige, mìle na dhà air falbh.
Tha e comasach, bho ainm nan eaglaisean a th'
air an ainmeachadh air, turas Ninian gu tuath a dhèanamh
a-mach. Ghabh e an aon slighe is a ghabh na saighdearan Ròmanach
ach ràinig esan Arcaibh is Sealtainn is chaidh e tron Ghleann
Mhòr.
Sgrìobh Bede gun do dh'ìompaich
Colum Cille Cruithnich an taobh tuath is Ninian Cruithnich an
taobh deis ach ma ràinig Ninian cho fada tuath ri Sealtainn
chan eil sin buileach ceart agus cuideachd tha ainmean aig tuath
is deas mar chuimhneachan air.
Air feadh Alba tha tobraichean air an ainmeachadh
air Ninian far am bitear a' toirt easlaintich oir bhathas a' creidsinn
gun robh Naomh Ninian air an uisge a bheannachadh.
'S e 16 Sultain là an Naoimh Ninian.
Bha Naomh Ninian co-cheangailte ri leigheas
is slànachadh. Bha na leigheasan sin rim faighinn bho bhith
a' làimhseachadh aodach, chnàmhan, ùir agus
uisge aig an robh ceangal ri Ninian ach chaidh lusan is sgian
lannsaire fhaighinn nuair bhatar a' cladhach na làraich.
Chan eil fhios againn an robh ùrnaigh
shònraichte aig Ninian no nach robh ach tha Ninian air
ainmeachadh anns an ùrnaigh a leanas:
A Thighearna, a thug solas an
t-soisgeul thugainn
Tro shearmonachadh Ninian
Thoir òirnne, a' cuimhneachadh air is air a shaothair,
A bhith taingeil,
Le bhith a' leantainn eisimpleir
Le dealas is foighidinn
Tro Iosa Crìosd, ar Tighearna.
Fiosrachadh annasach
Aon uair nuair a bha Ninian gann de bhiadh tha e coltach gun do
chuir e sìol san talamh agus gun do chinnich an sìol
sin sa bhad, is dh'ith e e. Bhathas ag ràdh cuideachd nan
deigheadh bata Ninian a chur dhan talamh gun cuireadh e freumhaichean
a-mach is gum fàsadh flùraichean is measan bhuaithe.
Tha sgeulachd air a h-innse mu bhalach a bh'
air ruith air falbh bho sgoil Ninian ann an Whithorn. Chaidh an
gille chun chladaich airson bàta gus teicheadh agus b'
e bàta Ninian a ghoid e. Cha robh e ach air a dhol a-mach
air a' mhuir nuair a mhothaich e nach robh craiceann idir air
a' bhàta is gun robh an t-uisge a' tighinn a-steach innte.
Bha e gus a bhith air a bhàthadh ach chunnaic e gun robh
bata Ninian sa bhàta. Chuir e am bata na chrann air a'
bhàta agus fhuair e air ais gu tìr. An àite
a bhith fiadhaich mun seo b' ann a thug e gàire air Ninian.
An là an-diugh
Tha uaimh Ninian air a bhith air a chleachdadh le daoine cràbhach
bho thoiseach nam meadhan-aoisean is chithear croisean is obair
snaidhte eile fhathast air na ballachan. Eadhon san là
an-diugh bidh cuairtearan bhon eaglais Chaitligeach a' tadhal
innte is a' fàgail an cuimhneachain fhèin.
© na dealbhan Christine Campbell & GRD
|