Skip Navigation
We are currently testing a new website »» Preview Our New Site ««

Leabharlainn nan Eilean Siar

Cruinneachadh Gàidhlig

Tha àite sònraichte aig Gàidhlig mar chainnt mhàthaireil anns na h-Eileanan an Iar ann am beatha litreachais is cràbhachd, cultair, sòisealtachd agus foghlaim sa choimhearsnachd.

Tha Seirbhis an Leabharlainn ag amas cothrom a thoirt seachad air gach sealladh de Ghàidhlig clò-bhuailte agus clàrte anns gach meur. Tha aon leth-bhreac de gach leabhar glèidhte ann an cruinneachadh ionnsachaidh ann an leabharlann Steòrnabhaigh.

Leabhraichean

'S iad cànan, litreachas, beul-aithris agus cràbhachd cuspairean tradiseanta leabhraichean Gàidhlig ach tha an raon chuspairean a' leudachadh. Tha an leudachadh as motha ann an leabhraichean cloinne.

Irisean

Tha Gairm, TGSI agus Scottish Gaelic Studies rim faotainn airson an cleachdadh, maille ri àireamh de shreathan nas sine mar An Gàidheal agus Guth na Bliadhna. Tha mòran de stuth eachdraidhe feumail anns na h-irisean seo.

Paipearan-naidheachd

Tha e inntinneach Alba agus Mac-Talla bho shean a leughadh. Bha Sruth bho dheireadh nan 1960an air ainmeachadh mar phàipear-neadheachd dà-chànanach na h-Albann. An-diugh is tric a tha nithean Gàidhlig ann an Gasaet Steòrnabhaigh agus anns a' Phàipear Bheag.

Mapaichean

Tha Mapaichean Clàrachas Dùthcha bhon 19mh linn nam meadhan luachmhor airson ainmean-àitean Gàdhlig. Tha àireamh mhapaichean nas ùire a tha feumail rim faotainn cuideachd.

Leabhraichean Cloinne

Tha leabhraichean ùra ficsein agus fìrinne do chloinn agus do dheugairean rim faotainn anns gach leabharlann. Thàinig leudachadh mòr air foillseachadh anns an raon seo bho chionn bliadhna no dhà.

Ceòl air CD

Gheibhear òrain agus ceòl Gàidhlig air CD air iasad bhon a h-uile leabharlann. Tha cruinneachadh fiosrachaidh ri fhaotainn ann an leabhar-lann Steòrnabhaigh airson adhbharan ionnsachaidh.

An Stòr-dàta Stuthan Gàidhlig (GRD)

Chaidh an Stòr-dàta Gàidhlig air an eadar-lìon mar stòr-dàta fiosrachaidh a bhiodh a’ sior-leudachach le stuthan co-cheangailte ri fòghlam Gàidhlig. An-dràsta fhèin tha mu 25,000 de chlàran a dh’fhaodar an rannsachadh air-loidhne, nam measg fios mu chlò-bhualaidhean (a gheibhear air iasad no airson rannsachadh) a tha a’ buntainn ri Gàidhlig agus saoghal na Gàidhlig ann an Leabharlann Steòrnabhaigh.

Tha earrann mhòr de cheòl Gàidhlig san stòr-dàta. Gheibhear an seo fios mu gach pìos a th' air còrr is 330 teip agus CD (òrain, ceòl, rannan, laoidhean, sailm agus eile) a th' air an cumail ann an Leabharlann Steòrnabhaigh

Cursaichean Ionnsachaidh Canain

Tha cùrsaichean ionnsachaidh cànain rim faotainn, mòran dhiubh le casaetean claisteachd no CD agus bhidio.  Gheibhear iad sin air iasad an toiseach airson 8 seachdainean, ach gabhaidh an t-iasad a leudachadh a-rèir iarrtais.