Colum Cille agus Naoimh nan
Eilean Siar
Thathas a' comharrachadh air
a' bhliadhna seo gu bheil 1400 bliadhna bho bhàsaich Colum Cille.
'S e Colum Cille aon de na daoine as ainmeile ann an eachdraidh
thràth na h-Alba.
B' esan a stèidhich Crìosdaidheachd
ann an ceann a tuath na h-Alba.
Gus an cuimhneachan-bliadhnail
seo a shònrachadh, tha Comhairle nan Eilean a' cur taisbeanadh mòr
air chois anns a' mhuseum aca ann an Steòrnabhagh, Leòdhas.
Ann an iomadh àite air feadh
nan Eilean Siar rè an t-samhraidh agus an fhoghair, cuirear air
dòigh prògram de thachartasan, òraidean agus gnìomhan mun tùs-eaglais
Chrìosdail agus mu thighinn na Crìosdaidheachd do na h-eileanan.
|
Colum Cille agus Naoimh nan
Eilean Siar Taisbeanadh,
Museum nan Eilean, Steòrnabhagh
Thàinig Colum Cille a dh' Alba
à Eirinn anns a' bhliadhna 563. Stèidhich e manachainn air Eilean
I. As a sin, thug e fhèin agus an fheadhainn a thàinig às a dhèidh
an teachdaireachd Chrìosdail gu roinn mhòr de cheann a tuath Alba.
Chan eil fianais sam bith againn
gun tàinig e do na h-Eileanan Siar a-riamh. B' ann le manaich Eireannach
eile a stèidhicheadh an creideamh Crìosdail an seo.
Tha an taisbeanadh, Colum Cille
agus Naoimh nan Eilean Siar, ann an dà earrainn a tha a' toirt taic
dha chèile. Tha a' chiad tè a' rannsachadh tighinn na Crìosdaidheachd
do na h-Eileanan Siar. Tha an dàrna tè a' coimhead air beatha Choluim
Cille agus air soirbheachadh a mhanachainn ann an I.
|
Naoimh nan Eilean Siar
12 An Cèitean - 6 An Dùbhlachd 1997
Tha an earrann seo den taisbeanadh
a' rannsachadh tighinn na Crìosdaidheachd do na h-Eileanan Siar;
na naoimh aig an robh ceangal ri stèidheachadh a' chiad choimhearsnachdan
Chrìosdail; seann làraich agus charraighean Crìosdail; dòigh-beatha
luchd nan eilean bhon àm thrath Chrìosdail seo gu àm an luchd-tuineachaidh
pàganach Lochlannach (bho mu AD 600 gu AD 800); agus na traidiseanan
a bh' ann an dèidh sin co-cheangailte ris an t-seann eaglais Chrìosdail.
Thèid na cuspairean sin a rannsachadh
tro nithean a bhathas a' cleachdadh aig an àm, tro dheilbh, deilbh-tharraing
agus aithris.
|
Colum Cille
9 An t-Og-Mhìos - 6 an Dùbhlachd 1997
Seallaidh an earrann seo den
taisbeanadh air beatha Choluim Cille; dòigh-beatha sa mhanachainn
aige ann an I agus leudachadh na h-eaglaise aige do cheann a tuath
Alba agus ceann an ear-thuath Shasainn.
Bha manachainn I aig meadhan
gluasad mhòir spioradail agus ealanaich, a' toirt an làthair cuid
de na h-obraichean-ealain a' b' fheàrr aig an àm, nam measg làmh-sgrìobhainnean
bhon àm agus obair-mheatailt Chrìosdail a sheallas cho sgileil 's
a bha luchd-ciùird na h-ama. Bidh nithean ann a tha air iasad bho
Mhuseum Bhreatainn, bho Leabhar-lann Bhreatainn, bho Mhuseum Nàiseanta
na h-Eireann agus bho Mhuseuman Nàiseanta agus Leabhar-lann na h-Alba.
|