Program
Program Choluim Cille
Soilleireachadh na Crìosdaidheachd
an Innse Gall.
Tha na tachartasan a leanas
nan eisimpleirean air feadhainn a bhios a' gabhail àite rè na
bliadhna.
Gheibhear iad sin agus iomadh
òraid, cuairt, taisbeanadh agus tachartas ann am prògram Choluim
Cille a bhios ri fhaighinn sa Chèitean bho Museum
nan Eilean no
Bòrd Turasachd nan Eilean,
26 Sràid Chrombail,
Steòrnabhagh,
Eilean Leòdhais.
Fòn 01851 703088 &NBSP Facs 01851 70 5244.
Email WITB
|
back
to the top
Program Choluim Cille
CURSAICHEAN
- Dimàirt 17 - Dihaoine 20 an t-Og-mhios;
Dimàirt 2- Dihaoine 5 an t-Sultain
- Cànan is Cultar. Sgoil-shamhraidh
ann an Colaisde Caisteal Leòdhais air an Eaglais Cheilteach
sna h-Eileanan an Iar. Bidh òraidean ann sa mhadainn agus
tursan feasgar. Thathas an dùil gum bi an cùrsa dà-chànanach,
ach bidh sin a rèir a' chlas. Cosgais-cùrsa £75.
Dimàirt - Toiseach cùise.
Sgaoileadh tro Alba 's an Roinn Eòrpa.
Tadhal air taisbeanadh Choluim Chille, Museum nan Eilean.
Diciadain - Structair na h-Eaglaise
Ceiltich.
Na h-Ealain - bàrdachd, làmh-sgriobhainn.
Tadhal air taisbeanadh 'Naomh nan Eilean Siar', Museum nan
Eilean.
Diardaoin - An Eaglais Cheilteach
sna h-Eileanan an Iar.
Na Noimh - Colum Cille, Brendan, Rònan, Maolrubha, Molua
Tadhal air an taisbeanadh "An Eaglais Cheilteach"
aig Commun Eachdraidh Nis agus Làraich an Nis a tha co-cheangailte
ris an eaglais thràth.
Dihaoine - Buaidh nan Lochlannach
air an Eaglais Cheiltich.
Tuilleadh fiosrachaidh bho Dolina NicLeoid
air 01851 703311/707047.
|
back
to the top
Program Choluim Cille
TAISBEANAIDHEAN
- Diluain 12 an Cèitean - Disathairne 6 an
Dùbhlachd;
- Taisbeanadh; Naoimh nam Eilean Siar.Museum
nan Eilean, Sràid Fhrangain, Steòrnabhagh. An-asgaidh.
- Diluain 9 an t-Og-mhios;
- Fosgladh foirmeil an taisbeanaidh "Colum
Cille agus Naoimh nan Eilean Siar" ann am Museum nan
Eilean, Steòrnabhagh leis a' Bh. Ph. Maire NicRoibin, Uachdaran
na h-Eireann.
Fèis Choluim Cille. Aifreannan agus Cèilidh
ann an Uibhist.
- Dimàirt 10 an t-Og-mhìos;
- Fosgladh a' phrìomh thaisbeanaidh air Colum
Cille agus Naoimh nan Eilean Siar. Museum nan Eilean,
Sràid Fhrangain, Steòrnabhagh. An-asgaidh.
- Disathairne 12 an t-Iuchar - Diciadain 27
an Lùnasdal.
- Air Lorg nan Naomh, Museum nan Eilean,
Lionacleit.
- Diardaoin 11 gu Disathairne 13 an t-Sultain;
- Fèill Eachdraidh, Talla a' Bhaile,
Steòrnabhagh. An-asgaidh.
|
back
to the top
Program Choluim Cille
TURSAN
- Disathairne 31 an Cèitean:
- Cothrom tadhal còmhla ri eachdraichean
ionadail agus arc-eòlaichean air deich làraich ann an Uibhist
a Tuath agus Beinn na Faoghla a tha cudromach a thaobh Criosdaidheachd
Thràth, no a tha a' beantainn ris an Eaglais Cheiltich. Am
measg nan làrach sin, tha leac crois-shnaighte Cloich an t-Sagairt,
croisean cloiche bhon 8mh linn ann an Hogha Gearraidh agus
tobhtaichean Teampall na Trianaid, Càirinis, a dh'fhàs cudromach
mar ionad foghlaim aig deireadh nam meadhan-aoisean.
Air a chur air chois le Buidheann Arc-eòlais
Leòdhais agus na Hearadh. A' fàgail à Steornabhagh aig 7
a.m., an t-Ob aig 8.35 a.m., no Otarnais aig 9.45 a.m. Bruidhinn
ri Susan Hothersall air 01851 704816.
- TADHAL AIR EILEANAN-MARA EILE
- 'S ann air eileanan-mara a gheibhear cuid
den fhianais as fheàrr a tha ri fhaighinn air seann làraich
Chrìosdail. Tha grunnan dhaoine ann a tha a' tairgse thursan-bàta.
|
back
to the top
Program Choluim Cille
ORAIDEAN
- Dimàirt 3 An t-Og-mhìos:
- Iarsmaidhean agus Taisealanan: Leanmhainneachd
an Naoimh Colum Cille agus buaidh Leanmhainneachd an Naoimh
Ainndreis. Oraid leis an Ollamh Mìcheal Spearman, Museuman
Nàiseanta na h-Alba.
Leabhar-lann sgoil Bhàgh a' Chaisteil, Barraigh, 7.30.
- Diciadain 4 An t-Og-mhìos:
- Iarsmaidhean agus Taisealanan:
Leanmhainneachd an Naoimh Colum Cille agus buaidh Leanmhainneachd
an Naoimh Ainndreis. Oraid leis an Ollamh Mìcheal Spearman,
Museuman Nàiseanta na h-Alba.
An talla-dràma, Sgoil Lionacleit, 7.30. An-asgaidh.
Ealain ann an Seirbheis na h-Eaglaise
Tràith: bho obair-mheatailt gu làmh-sgriobhainnean:
Oraid le Susan Youngs à Museum Bhreatainn agus Michelle
Brown à Leabhar-lann Bhreatainn.
Seòmar na Comhairle, Steòrnabhagh, 8.00 feasgar. An-asgaidh.
- Diardaoin 5 An t-Og-mhìos:
- Iarsmaidhean agus Taisealanan:
Leanmhainneachd an Naoimh Colum Cille agus buaidh Leanmhainneachd
an Naoimh Ainndreis. Oraid leis an Ollamh Mìcheal Spearman,
Museuman Nàiseanta na h-Alba.
Seòmar na Comhairle, Steòrnabhagh, 8.00 feasgar
Ealain ann an Seirbheis na h-Eaglaise
Tràith: bho obair-mheatailt gu làmh-sgriobhainnean:
Oraid le Susan Youngs à Museum Bhreatainn agus Michelle
Brown à Leabhar-lann Bhreatainn.
An talla-dràma, Sgoil Lionacleit, 7.30 feasgar. An-asgaidh.
- Diciadain 16 An t-Og-mhìos:
- Na Lochlannaich agus Crìosdaidheachd Thràth
anns na h-Eileanan a Deas. Oraid leis an Ollamh Mìcheal Parker-Pearson.
Sgoil Lionacleit, Beinn na Faoghla, 8.00 feasgar. Faighinn
a-steach: £1.50.
|
back
to the top
Program Choluim Cille
ARD-URLAR
- Dimàirt 1 an Iuchar:
- Bhòidsean Ceilteach, Còmhlan Tùs-cheòl
na h-Alba
Talla a' Bhaile, Steòrnabhagh
- Diluain 7 an Iuchar:
- Bhòidsean Ceilteach, Còmhlan Tùs-cheòl
na h-Alba
Sgoil Lionacleit, Beinn na Faoghla.
|
back
to the top
Program Choluim Cille
CUAIRTEAN
- Disathairne 30 An Lùnasdal:
- Cuairt le luchd-iùil tarsainn leth-eilean
an Rubha, Leòdhas. A' tòiseachadh aig eaglais meadhan-aoiseil,
eaglais Choluim-Cille, far a bheil cinn-cinnidh Chlann 'Ic
Leòid Leòdhais air an tiodhlacadh. Tha e air a ràdh gun robh
seann chealla Chriosdail, coisrigte an ainm Naoimh Catan air
an làraich seo. Coisich seachad air a' charragh-cuimhne a
thogadh don fheadhainn às an àite a ghàbh pàirt ann an Strì
an Fhearainn, seachad air a' mhansa phàrlamaideach o thoiseach
na 19 mh linn, deilbhte le Uilleam Telford; agus tarsainn
na mòintich gu ruige, aig bàrr nan creag, an cuilidh air a
bheil Teampall an t-Sagairt. Coinnichibh aig eaglais Choluim
Cille aig dà uair feasgar. Tuilleadh fiosrachaidh bho Susan
Hothersall air 01851 704816.
|
back
to the top
|