Skip Navigation This site uses cookies. To find out more about how we use cookies please see our Privacy Statement.
Follow us on twitter...

Comhairle nan Eilean Siar

Press Release
12th February 2009

Gaelic Committee Meeting

An dèidh coinneimh Comataidh Buileachaidh Plana Cànan aig Comhairle nan Eilean Siar, thuirt Cathraiche a’ Chomataidh, Agnes Rennie: -

“Chaidh beachdachadh air caochladh aithisg nam measg ìre na Gàidhlig air làrach-lìn ùr na Comhairle agus iarrtasan airson taic airgid.  Thug Stiùiriche Tobair an Dualchais, mairead Dhòmhnallach iomradh air obair na buidhne sin. a’ mìneachadh na thathas air a choileanadh gu ruige seo agus an obair a tha iad an dùil a bhios anns an ath ìre den phròiseact.  Cuideachd, fhuair an comataidh iomradh air an obair a tha Fèisean nan Gàidheal a’ dèanamh anns na h-Eileanan, bha an oifigear Jenna Choimeagan an làthair agus mhìnich ì na chaidh a dhèanamh an uiridh le na Fèisean anns na h-Eileanan an Iar agus nas cudromaiche chaidh bruidhinn air na pròiseactan inntinneach a th’anns an amharc airson a’ bhliadhna a tha romhainn.

Bu chaomh leam cuideachd cuir ris a’ mholadh a fhuair Roinn Foghlaim na Comhairle airson an oidhirp mhòr a tha iad a dèanamh a-thaobh Foghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus an taic don Ghàidhlig agus an cultar mar a nochd ann an Aithisg Luchd-sgrùdaidh Foghlaim.  Chan eil teagamh sam bith nach bu mhath leinn an tuilleadh chloinne fhaicinn ann am Foghlaim tro Mheadhan na Gàidhlig anns na h-Eileanan an Iar, agus tha Roinn an Fhoghlaim airidh air moladh airson cho dìcheallach agus dealasach sa tha iad ann a bhith a’ brosnachadh an seòrsa foghlaim seo anns na h-Eileanan bho thòisich e ann an 1986."

.....

Following on from the meeting of Comataidh Buileachaidh Plana Canan, the Gaelic Committee of Comhairle nan Eilean Siar, Chair of the Committee, Councillor Agnes Rennie said –

“A number of varied reports were discussed by the Committee including the Gaelic content of the Comhairle’s new website and some funding requests.  Mairead MacDonald, the Director of Tobar an Dualchais, the National Gaelic Digitisation Project, delivered a presentation on the Project to date and the aspirations for the next phase of the Project.  Jenna Cumming from Feisean nan Gaidheal, in her presentation outlined the varied and positive developments which are being delivered by Feisean nan Gaidheal.

I would also like to add my own congratulations to the praise accorded to the Education Department of Comhairle nan Eilean Siar for their efforts on behalf of Gaelic Medium Education and support for Gaelic language and culture which was contained in the recent HMIe report on the Department.  Although we would like to see more pupils in the Western Isles enrolling in Gaelic Medium Education, the Education Department have to be commended for their commitment to and investment in Gaelic Medium Education since 1986.

 


. . . . . . .

Nigel Scott
Communications Officer
Comhairle nan Eilean Siar

Tel: 01851 822622 (Work)
Tel: 07884 236103 (Mobile)
email:

Ruairidh Maciver
Communications Assistant
Comhairle nan Eilean Siar

Tel: 01851 822615 (Work)
Tel: 07881 774601 (Mobile)
email:

 

Page Last Modified : 21/05/2012 13:37:05