Skip Navigation

Comhairle nan Eilean Siar

Press Release - 6 February 2015

Inbhe Sgoil Ghàidhlig do 6 Sgoiltean ann an sgìre Chomhairle nan Eilean Siar

Tha 6 sgoiltean ann an sgìre Comhairle nan Eilean Siar air aontachadh a’ dhol air adhart le Inbhe Sgoil Ghàidhlig airson 2014/15. ’S iad na sgoiltean sin: Bearnaragh, Breascleit, Bagh a’ Chaisteil, Iochdar, Sgoil an t-Oib agus Sgoil an Taobh Siar.

Thadhal Alasdair Allan, Ministear airson Ionnsachadh, Saidheans agus Cànain na h-Alba, air Sgoil Bhreascleit an-diugh gus comharrachadh an naidheachd agus cuideachd choinnich e ri oifigearan bhon a’ Chomhairle ann an dàimh ris a’ Phlana Cànain.

Thuirt an t-Oll. Alasdair Allan, “Tha Riaghaltas na h-Alba toilichte taic chalpa a thoirt don phròiseact agus an dòchas gum faic sgoiltean eile na buannachdan a tha tighinn an cois sgoil Ghàidhlig.

“’S e clach-mhìle a tha seo ann an lìbhrigeadh Foghlam Gàidhlig Bun-sgoil ann an Alba, a tha cudromach a-thaobh daingneachadh gum bi ginealaich ri teachd a’ labhairt na Gàidhlig. Tha rudan math a’ tachairt am Breascleit agus anns na còig sgoiltean eile, le Gàidhlig aig cridhe a’ churraicealam, a’ neartachadh an ceangal eadar sgoilearan agus cànan, cultar agus dualchas.”

Thuirt Catrìona Stiùbhart, Cathraiche Foghlam agus Seirbheisean Chloinne,“Tha e a’ toirt mòr thoileachas dhomh gu bheil 6 de na sgoiltean againn air aontachadh a dhol air adhart le Inbhe Sgoil Ghàidhlig. Bha e freagarrach dha-rìribh gun deach seo a chomharrachadh leis a’ Mhinistear a’ tadhal air Sgoil Bhreascleit, a’ chiad sgoil ann an Alba a thabhainn foghlam tro mheadhan na Gàidhlig. Tha a’ Chomhairle gu mòr airson neartachadh na Gàidhlig anns na h-Eileanan an Iar agus ged a tha sinn mothachail gu bheil tòrr obair fhathast ri dhèanamh, tha adhbharan misneachd ann le 47% de sgoilearan ann an Clas 1 a’ dol tro foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.

Gaelic School Status for 6 Comhairle nan Eilean Siar Schools

6 Comhairle nan Eilean Siar Schools have decided to proceed with Gaelic Schools Status in 2014/15. These schools are: Bernera, Breasclete, Castlebay, Iochdar, Leverhulme Memorial and Sgoil an Taobh Siar.

Dr Alasdair Allan, Minister for Learning, Science and Scotland's Languages, today visited Breasclete School to mark the announcement and also met with Comhairle officers in relation to the Gaelic Action Plan.

Dr Allan, said," “The Scottish Government has been happy to provide the Capital support to the project and hopes that other schools will see the benefit from the status that Gaelic can bring.

"This is a milestone in the delivery of Gaelic primary education in Scotland, which has an important role in developing future generations of speakers. Great things are happening at Breasclete and all of the six schools, with Gaelic taking its place at the heart of the curriculum, strengthening pupils’ bond with Gaelic language, culture and bilingualism.”

Cllr Catriona Stewart, Chair of Education and Children's Services, said, "I am delighted that 6 of our schools have decided to go ahead with Gaelic School Status. It is very appropriate that this announcement was marked by Dr. Allan's visit to what was the first school to offer Gaelic Medium Education anywhere in Scotland. The Comhairle remains committed to strengthening Gaelic in the Western Isles and although we realise there is much work to do, there are also some very encouraging signs, not least that 47% of pupils in P1 are in Gaelic Medium Education. "


. . . . . . .

Nigel Scott
Communications Officer
Comhairle nan Eilean Siar

Tel: 01851 822622 (Work)
Tel: 07884 236103 (Mobile)
email: