Skip Navigation
We are currently testing a new website »» Preview Our New Site ««

Comhairle nan Eilean Siar

Press Release - 11th October 2017

Òraid Cuimhneachaidh Bhliadhnail Aonghais MhicLeòid aig e-Sgoil

Thèid Òraid Cuimhneachaidh Bhliadhnail Aonghais MhicLeòid a chumail aig 7.30f air Diardaoin 2 Samhain 2017 aig e-Sgoil, Sràid Fhrangain, Steòrnabhagh. `S i Donalda NicFhionghain, Stiùiriche BBC Scotland, labhraiche an tachartais am bliadhna-sa.

`S e amas na h-òraid, dìleab Aonghais MhicLeòid a chumail a’ dol agus aire dhaoine a tharraing gu stòras prìseil de stuthan a fhuair an teaghlach `s a tha a-nis rim faicinn aig an taigh-tasgaidh agus an tasglann aig Rubha an Fhithich.

Thuirt Donalda NicFhionghain, Stiùiriche BBC Scotland: “Tha e na fìor urram dhòmhsa cuireadh fhaighinn gus òraid na bliadhna-sa a lìbhrigeadh. Aig àm far a bheil cùisean a’ gluasad aig astar, tha an t-suidheachadh sa bheil BBC Scotland ag obair air atharrachadh gu mòr anns a h-uile dòigh - sòisealta, poilitigeach agus teicneolach. Tha sin a’ togail dùbhlain agus cothroman anns na meadhanan agus `s e urram a bhios ann dhòmhsa a bhith ann an Steòrnabhagh airson bruidhinn air ar lèirsinn, gu h-àraid le sianal ùr BBC Scotland a’ tòiseachadh an ath-bhliadhna, prògram naidheachd ùr aig 9f agus barrachd maoineachaidh an Alba.”

Am bliadhna-sa, tha Comunn Eachdraidh na Pàirc agus Urras Leabhraichean nan Eilean air a bhith ag obair ann an compàirteachas ri e-Sgoil gus cleachdadh teicneolas. Tha sin a’ ciallachadh gun urrainn dha daoine, coimhearsnachdan agus buidhnean air feadh an t-saoghail aig a bheil ùidh ann an seo, pàirt a ghabhail san tachartas le bhith a’ ceangal a-steach.

Thuirt Dòmhnall Moireasdan bho Chomunn Eachdraidh na Pàirc, a tha air an òraid bhliadhnail a chur air dòigh thairis air na trì bliadhna deug mu dheireadh, ann an co-bhonn ri Urras Leabhraichean nan Eilean agus teaghlach Aonghas ‘Ease’ MhicLeòid: “Tha mi toilichte dha rìribh gu bheil Donalda air ùine a lorg gus òraid na bliadhna-sa a lìbhrigeadh. `S e sàr labhraiche a th’ innte le làn-eòlas air na h-Eileanan, agus tha an cuspair a th’ aice iomchaidh, agus tha mi cinnteach gum biodh ùidh mhòr air a bhith aig Aonghas ann. Tha mi cuideachd air leth toilichte gu bheil sinn air leasachadh an tachartais am bliadhna, ann an co-bhonn ri e-Sgoil, agus gu bheil sinn a-nis comasach air tòrr mòr a bharrachd dhaoine bho gach ceàrnaidh a thoirt a-steach air an tachartas.

“Tha sinn an dòchas gum bi ùidh aig buill Chomuinn Eachdraidh agus buidhnean ionadail eile, fiùs air tìr-mòr, ceangal a-steach chun na h-òraid le bhith a’ cleachdadh uidheamachd e-Sgoil. ’S e Òraid Aonghais MhicLeòid aon de na prìomh thachartasan eachdraidheil is cultarail ann an Leòdhas gach bliadhna agus tha mi làn-dhùil gun toir na h-atharrachaidhean a tha sinn air an dèanamh am bliadhna-sa cothrom dhuinn aire barrachd dhaoine a tharraing gu dìleab mhìorbhaileach beatha agus obair Aonghais MhicLeòid.”
Tha tiocaidean airson an tachartais aig e-Sgoil saor an asgaidh, ach chan eil ach cuid rim faighinn. Mar sin dheth, bucaibh tràth aig: https://amml2017.eventbrite.co.uk


Annual Angus Macleod Memorial Lecture at e-Sgoil

The annual Angus Macleod Memorial Lecture will takes place at 7:30pm on Thursday 2nd November 2017. Donalda MacKinnon, Director of BBC Scotland, will be the guest speaker at this year’s event which will be held at e-Sgoil, Frances Street, Stornoway.

The lecture is aimed at continuing Angus Macleod’s legacy as well as drawing further attention to the rich store of materials bequeathed by his family and now available at the museum and archive at Ravenspoint.

Donalda MacKinnon, Director of BBC Scotland, said: “It’s a real honour to be invited to give this year’s Angus Macleod memorial lecture. In what feels like rapidly shifting times, the environment in which BBC Scotland exists has fundamentally altered on all fronts - social, political, and technological. That presents a media marketplace with a mix of challenges and opportunities, and with plans for a new BBC Scotland TV channel to launch next autumn, a new 9 o’clock news programme and increased investment in Scotland, it will be a genuine privilege to be in Stornoway to share more of our vision for the coming months.”

This year Comunn Eachdraidh na Pàirc and the Islands Book Trust have teamed up with the newly established e-Sgoil to make use of the technology available. This means that interested parties all over the world as well as local community groups and centres should now have the opportunity to link to and participate in the event.

Donnie Morrison of Comunn Eachdraidh na Pàirc, which has organised the annual lecture over the last 13 years in conjunction with the Islands Book Trust and the family of Angus ‘Ease’ Macleod MBE, said: ‘I am delighted that Donalda MacKinnon has found time in her busy schedule to give this year’s memorial lecture. She is an excellent speaker with an intimate knowledge of the islands, and her subject is both highly topical and one which would have been of great interest to ‘Ease’. I am also delighted that, in partnership with e-Sgoil, we are now able to change the format of the lecture to reach more people in many different locations and to allow greater audience participation.

“We hope that members of Comuinn Eachdraidh and other local groups throughout the Western Isles and indeed on the mainland will be interested in linking in to the lecture using the e-Sgoil facilities. The annual lecture is already a highlight of the historical and cultural year in Lewis, and I believe the changes we are making will enable even more people to appreciate and build on the wonderful legacy of Angus Macleod’s life and work.’

Tickets for the event at e-Sgoil are free, however there is limited availability, so please book early by visiting: https://amml2017.eventbrite.co.uk


. . . . . . .

Nigel Scott
Communications Officer
Comhairle nan Eilean Siar

Tel: 01851 822622 (Work)
Tel: 07884 236103 (Mobile)
email: