Am Bodach-sneachda
le Mairead Hulse

bhon leabhar "Trealaich is Tuilleadh Trealaich"

Am faca sibh am bodach-sneachd' a rinn mi fhìn is Màiri,

Air m' onair bha e eireachdail na sheasamh anns a' ghàrradh,

Bha e àrd is bha e cruinn, nam bheachd-sa bha e àlainn,

Le sròin mhòr dhearg is sùilean dubha is beul le fiamh a' ghàir air.

Chuir sinn stoc mu amhaich airson cumail beagan blàiths ris,

Is air a cheann am bonaid a thug mo sheanair à Ceann Phàdraig,

Putanan na bhodhaig agus sguab am bac a ghàirdein,

'S nuair thàinig àm dhuinn dhol a laighe, dh'fhàg sinn soraidh slàn leis.

Prìomh-dhuilleag Scalpaigh

Main Scalpay Menu

Ach, o mo chreach-sa thàinig, nuair dhùisg sinn làrna-mhàireach,

'S chaidh sinn chun na h-uinneige 's sinn dol a chur air fàilte,

Bha 'm bodach ud air triall san oidhche 's cha robh nì air fhàgail,

Ach poll… is stoc… is bonaid a thug mo sheanair à Ceann Phàdraig.