CNES Logo    
     
Shawbost
  Shawbost Entrance

we are here 
 

 

Tha an sgoil air taobh siar Leòdhais, timcheall air fichead mìle bho Steòrnabhagh. ‘S e sgoil choimhearsnachd dhà-chànanach a th’ innte; Dh’fhosgail an togalach ùr ann an 1992. Tha an sgoil a’ gabhail chloinne eadar aoisean 5 agus 14 agus tha 86 sgoilearan innte an-dràsta. Tha seachdnar luchd-teagaisg làn thìde san sgoil còmhla ri grunnan mòr de luchd-teagaisg a bhitheas a’ tadhal. Tha Aonad Ghàidhlig sa bhun-sgoil agus tha cuid de chuspairean air an tabhach sa Ghàidhlig san àrd-sgoil. Tha clann a’ tighinn dhan àrd-sgoil bhon bhun-sgoil againn fhìn agus bho sgoiltean Bharabhais, Bhràgair agus Chàrlabhaigh.

Tha an sgoil air slighe a tha ainmeil airson luchd turais; faisg air làimh tha àitichean tarraingeach mar Thursachan Chalanais, Dùn Chàrlabhaigh, Baile nan Geàrrannan, Muilinn Lochlannach Shiaboist agus Museum na sgoile a th’ air a bhith a’ dol airson deich bliadhna fichead. Tha am museum a-nis anns an ionad choimhearsnachd ùr, Ionad na Seann Sgoil, ceud slat tuath air an sgoil. Tha obair a’ Chlò-Hearaich air a bhith a’ cumail cosnadh ri daoine san sgìre o chionn ùine mhòr. Tha dà mhuilinn faisg air an sgoil, aon ann an Siabost agus t’èile anns na Geàrrannan.

Tha goireasan air leth math rim faighinn san sgoil mar leabharlann coimhearsnachd, talla spòrs, amar snàmh agus pàirc ball-coise. Tha muinntir na sgìre dealasach mu bhith a’ cleachdadh na sgoile, gu h-àraid sa gheamhradh.

 


   
Ag Obair Còmhla Airson Nan Eilean - Working Together For The Western Isles