Skip Navigation
We are currently testing a new website »» Preview Our New Site ««

Sgioba na Gàidhlig

Sgeama Greis Gnìomhachais nan Oileanach 2017

Ann an co-bhonn le Bòrd na Gàidhlig, tha Comhairle nan Eilean Siar a’ tabhann cothroim do dh’ oileanaich le sgilean Gàidhlig a bhith a’ cosnadh airson deich seachdainean as t-samhradh 2017 aig buidhnean a tha a’ cleachdadh Gàidhlig mar mheadhan obrach gu làitheil. Faodaidh na deich seachdainean a ruith aig àm sam bith thairis air an t-samhradh, ach feumaidh an greis gnìomhachais a bhith deiseil ro 31 Lùnastal, 2017.

Tha an Sgeama seo air a bhith a’ ruith airson iomadh bliadhna, agus tha e air a bhith air leth soirbheachail ann a bhith a’ toirt cothrom dha na h-oileanaich an sgilean Gàidhlig a leasachadh, agus eòlas a thoirt dhaibh air a bhith ag obair ann an àite-obrach proifeiseanta.

Fiosrachadh mun Sgeama:

  • Feumaidh na h-oileanaich a bhith ann am foghlam aig ìre adhartach, (ann an oilthigh no ann an colaiste);
  • Feumaidh comas labhairt, leughaidh agus sgrìobhaidh Gàidhlig gu ìre air choreigin a bhith aig na h-oileanaich;
  • Feumaidh na h-oileanaich a bhith an dùil tilleadh gu foghlam adhartach as t-fhoghar 2017;
  • Feumaidh na buidhnean Gàidhlig a bhith deònach an Tuarastal Bith-beò a phàigheadh do na h-oileanaich, (£8.25 gach uair);
  • Feumaidh na h-oileanaich a bhith ag obair airson, co-dhiù, 30 uair a thìde gach seachdain a’ ghreis gnìomhachais, agus;
  • Ma ghabhas e a dhèanamh, thathas a’ moladh gun toireadh na buidhnean prìomhachas do dh’oileanaich nach robh a rìamh air sgeama ron seo.

Ma ’s e ’s gur e oileanach a th’ annad, le ùidh san Sgeama, an lìon thu a-steach am foirm-iarrtais gu h-ìosal,

  1. cuir lethbhreac eileagtronaigeach air ais gu: ,

    AGUS,
  2. cuir lethbhreac eile tron phost, le dà theisteanas bho dhithis a tha glè eòlach ort, ach nach eil càirdeach dhut, gu:

    Sgeama Greis Gnìomhachais nan Oileanach,
    Sgioba na Gàidhlig,
    Comhairle nan Eilean Siar,
    Rathad Shanndabhaig
    Steòrnabhagh,
    HS1 2BW.

Feumaidh am foirm-iarrtais a bhith a-staigh againn ro 7 Giblean 2017

(Word, 44k)   Foirm Iarrtais - Sgeama Greis Gnìomhachais nan Oileanach 2017 (PDF, 369k)