Sgioba na Gàidhlig
Taic-airgid do Phròiseactan Beaga Gàidhlig
Stiùireadh Do Thagraichean
Fiosrachadh
‘S e dleastanas na Comhairle, tro bhith buileachadh a Poileasaidh Gàidhlig, àrainneachd freagarrach a chruthachadh gus am bith Gàidhlig a fàs agus seasmhach anns na h-Eileanan an Iar.
Bho chaidh a chur an sàs, mar chuibhreann na Comhairle aig a bheil dleastanas airson am Poileasaidh Gàidhlig a thoirt gu buil, agus air a bheil uallach sùil a chumail air buileachadh Plana Cànan nan Eilean Siar 2007-12. Tha Sgioba na Gàidhlig an dè bhith dèanamh an dìcheall, le taic airgid bhon bhuidseat aca fhèin, taic a chumail ri pròiseactan beaga ionadail ann an gach coimhearsnachd de na h-Eileanan an Iar, a tha cumail taic ri agus a brosnachadh Gàidhlig.
Tha an taic seo den Ghàidhlig ann an coimhearsnachdan nan Eilean Siar na phàirt chudromach de Phlana Cànan nan Eilean Siar 2007-2012, far a bheil trì Amasan Innleachdail. ‘S iad:
- Gàidhlig a neartachadh mar cànan teaghlaich anns na h-Eileanan an Iar
- Gàidhlig a neartachadh mar cànan coimhearsnachd anns na h-Eileanan an Iar
- An àireamh de luchd-labhairt na Gàidhlig anns na h-Eileanan an Iar a mheudachadh
Slatan-tomhais Ion-roghnachd
Tha iarrtasan airson taic airgid air an iarraidh bho luchd-tagraidh a choileanas na slatan-tomhais a leanas:
- Feumaidh luchd-tagraidh a bhith stèidhichte anns na h-Eileanan an Iar.
- Bu chòir luchd-tagraidh a bhith nam buidhnean coimhearsnachd le bun-stèidh, comain neo-cheangailte, companaidhean earranta, co-chomainn no com-pàirteachasan.
- Feumaidh pròiseactan aon no barrachd de na trì Amasan Innleachdail bho Plana Cànan nan Eilean Siar 2007-2012 a’ choileanadh, mar a tha mìnichte gu h-àrd. Le barrachd de na Amasan Innleachdail air an coileanadh, ‘s ann a tha an coltas nas motha gum bith iad soirbheachail.
- Feumaidh pròiseactan comas lìbhrigidh a shealtainn
- Feumaidh pròiseactan luach is fheàrr a sholarachadh
Crìoch a’ Phròiseact
Aig crìoch a’ phròiseact, bithear a sùileachadh aithisg bhon neach-tagraidh air adhartas agus builean na pròiseact, ciamar a chaidh maoin sam bith a chosg, agus na dòighean a chaidh co-dhiù aon de na trì Amasan Innleachdail bho Phlana Cànan nan Eilean Siar 2007-2012 a choileanadh.
Foirm-iarrtais
Foirm-iarrtais airson Taic-airgid (PDF, 40K)