Council Logo - Link to Home Page
  Comhairle nan Eilean Siar | Education | Sgoil nan Loch Gàidhlig      English
Sgoil nan Loch
Luchd-fiosrachaidh
An Sgoil
Council Logo - Link to Home Page

Sgoil nan Loch

Chaidh Sgoil nan Loch fhosgladh san Lùnastal 2001. Tha an sgoil ann an Eilean Leòdhais, a tha nas fhaide a-muigh na an t-Eilean Sgitheanach, air taobh siar Alba. Tha an sgoil airson muinntir nan Loch. Chaidh trì bun-sgoiltean agus aon sgoil 5-14 a dhùnadh, agus bha iad sin gu lèir air a bhith suidhichte sna coimhearsnachdan beaga aca fhèin.

School Aerial Photograph

Bha pian agus spàirn an lùib a bhith a' gluasad, eadhon ged a bhathas a' dol a-steach do sgoil talc ùr. Tha an togalach sgoile ùr a' togail air eachdraidh agus air neart a bha sna sgoiltean a dhùin, seach gur ann astasan a thàinig mòran dhe na sgoilearan agus an luchd-teagaisg. Gu eachdraidheil, 's e coimhearsnachd dhlùth-dhàimheil a th' air a bhith ann an Leòdhas, agus tha aithne no eòlas air choreigin aig a' chuid mhòr dhen t-sluagh air a chèile. Tha eòlas fìor mhath aig a' chuid mhòr dhen chloinn air a chèile. Tha a' chuid mhòr dhe na teaghlaichean an dàrna cuid faisg no fad' às an càirdeas dha chèile, agus tha am beatha air a bhith fillte ri chèile agus air beantainn ri chèile am broinn nan càirdeasan sin thar nan ginealaichean. Tha seo ga dhèanamh gu math nas fhurasta a bhith a' togail coimhearsnachd thaiceil san sgoil, ach a dh'aindeoin sin tha obair na lùib.

Tha 100 sgoilearan againn bho P1 gu S2. Tha àireamh an luchd-teagaisg mar a leanas: Stiùiriche Sgoile, Iar-Stiùiriche Sgoile, 4 luchd-teagaisg Bun-sgoile làn-thìde agus 1 neach-teagaisg Àrd-sgoile làn-thìde, 14 luchd-teagaisg pàirt-ùine agus siùbhlach, 1 neach-cuideachaidh clasrum agus 6 luchd-taice làn-thìde, agus 3 dhen àireamh sin ag obair còmhla ri na sgoilearan aig a bheil duilgheadasan ionnsachaidh doirbh agus iom fhillte. Tha luchd-obrach taice againn, a tha èiseil airson maith nan uile, agus 's iadsan rùnaire, dorsair, 3 luchd-obrach san ionad-bidhe agus 4 luchd-glanaidh. A bharrachd air sin, tha 3 luchd-obrach agus 21 a bharrachd chloinne ann an 'leudachadh' sa choimhearsnachd sgoile againn agus thèid an ainmeachadh-san nas fhaide air adhart.

 

 

IN PURSUIT OF EXCELLENCE

Sgoil Nan Loch - In Pursuit Of Excellence
Ag Obair Còmhla Airson Nan Eilean - Working Together For The Western Isles