Skip Navigation
Follow us on twitter...

Department of Technical Services

Phròiseact Còmhdhail Co-fhillte airson Caolas Bharraigh

Aig An Oir

Cabhsair Eirisgeigh
Cabhsair Eirisgeigh

Tha sreath de phròiseactan a' dol air adhart ann an Eirisgeigh an lùib an sgeama Iomairt aig an Oir.

Chaidh ceisteachan-coimhearsnachd a dhèanamh agus thug sin cothrom don h-uile duine ann an Eirisgeigh agus do chuid a dh'eileanaich a tha a' fuireach air tìr-mòr am beachdan fhèin innse mu chùisean an eilein.

Chuir am measadh seo solas air suidheachadh sòisealta an eilein.

Le 32% den t-sluagh còrr is 60 bliadhna tha cus a bharrachd de sheann daoine san eilean na tha cumanta sna h-Eileanan Siar. Tha 20% den t-sluagh fo aois 16, caran coltach ris a' chòrr de na h-Eileanan. Mar sin chithear gu bheil an àireamh sluaigh a tha aig aois obrach sònraichte ìosal.

De thaighean an eilein tha mu 20% dhiubh air an cumail mar dhara dachaigh. Bha mu 25% de na fhreagair an ceisteachan air gluasad à Eirisgeigh anns na còig bliadhna mu dheireadh. Dh'fhalbh 71% dhiubh sin a shireadh obrach agus an còrr air sgàth foghlaim.

Fhreagair mu 60% an ceisteachan-coimhearsnachd a fhuair iad. De na fhreagair bha 65% air am breith ann an Eirisgeigh. Thuirt a' chuid mhòr de na bha a' fuireach air falbh gun tilleadh iad nam biodh obair ann dhaibh.

Is e iasgach an sgil as cumanta a tha aig daoine.

Tha gnothaichean co-cheangailte ri turasachd a' tighinn an dèidh sin mar nì aig a bheil buaidh air cùisean.

Bha 85% den bheachd gum bu chòir turasachd a bhith air a mhisneachadh. Bha 76% den bheachd gum biodh e a' fàs na bu chudthromaich san àm ri teachd.

Tha pròiseact air turasachd chultarail ga dheasachadh airson Giblein-Dàmhair 2001 fon bhratach Fàilte.

Bha 60% de na fhreagair den bheachd gur e a' choimhearsnachd an nì a bu chudthromaich dhaibh fhèin. Thuirt 23% gur ann aig an àrainneachd a bha an inbhe sin. Thuirt cuid gun robh iad co-ionnann cudthromach.

Bha taic làidir ann do Ionad Dualchais a' Phònaidh Eirisgich a tha Comann Pònaidh Eirisgeigh a' cur air adhart.

Bha taic mhòr ann airson leasachaidhean aig an Acarsaid Mhòr. Bha sin an dà chuid a thaobh a' chidhe agus goireasan-ceangail agus cuideachd airson togalaichean gnìomhachais.

Tha plana ann gus a' bhùth a bha uaireigin ann an Eirisgeigh, Island Stores, a dhèanamh na h-ionad far am biodh cruinneachadh de nithean eachdraidheil air an toirt ri chèile leis an uachdaran South Uist Estates.

 

Page Last Modified : 29/09/2011 14:06:25