Skip Navigation
Follow us on twitter...

Department of Technical Services

Phròiseact Còmhdhail Co-fhillte airson Caolas Bharraigh

Cabhsair 2000

Drochaid Scalpaigh

Drochaid Scalpaigh

An uair a sheas Tònaidh Blair, Prìomh Mhinistear Bhreatainn, agus a bhean Cherie agus Mgr Dòmhnall Dewar, a bha aig an àm sin na Mhinistear na Stàite airson Alba, air drochaid Scalpaigh ann an 1998 b'e sin a' chiad turas oifigeil a rinn duine san dreuchd sin do na h-Eileanan Siar a-riamh. Bha e cuideachd a' gabhail pàirt ann an eachdraidh fhada de leasachadh sna h-Eileanan.

An uair a thèid Cabhsair Eirisgeigh a chrìochnachadh agus fhosgladh bidh e na chomharradh air ceum eile san obair mhòr a chaidh a ghabhail os làimh bho chionn 40 bliadhna. Fhad's a bha an còrr de Bhreatainn a' togail ròidean ioma-shruitheach agus seach-ròidean mar leasachadh air na ròidean a bha aca cheana tha na h-Eileanan Siar air an aghaidh a chur air ròidean a thogail far nach robh gin a-riamh roimhe gus an gabh iad àite an t-siubhail mara a bha cumanta sna linntean a dh'fhalbh.

B'e a' chiad cheum a chaidh a chrìochnachadh an drochaid air an Fhadhail a Deas a rinn ceangal eadar Beinn na Faoghla agus Uibhist a Deas. Tha 82 de dh'earrannan san drochaid sin agus chaidh a crìochnachadh ann an 1942.

Thàinig an uair sin an drochaid eadar Leòdhas agus Beàrnaraigh Mòr. Bha dòigh-togail ùr air a chleachdadh innte. B'i a' chiad dhrochaid-rathaid ann am Breatainn a chaidh a togail le teannadairean de chruadhtan ro-dhaingnichte.

Thàinig an dèidh sin cabhsair air an Fhadhail a Tuath eadar Beinn na Faoghla agus Uibhist a Tuath. Tha còig mìle a dh'fhaid sa chabhsair sin agus chaidh fhosgladh ann an 1960. Sin an cabhsair as fhaide sna h-Eileanan Siar.

Ann an 1983 thogadh cabhsair ùr dùbailte air an Fhadhail a Deas. Bha sin an àite na drochaid a bha a' crìonadh le buaidh mhillteach na mara agus na gaoithe air a' chruadhtan.

Ann an 1990 chaidh cabhsair fhosgladh a bha a' ceangal Bhatarsaigh ri Barraigh. Dh'fhaodadh seo tionndadh a thoirt air mar a bha àireamh an t-sluaigh ann am Bhatarsaigh a' dol sìos.

Bho 1975 thugadh piseach air mòran de na seirbheisean-aiseig gu eileanan mara. Fhuair Eirisgeigh, Scalpaigh agus Beàrnaraigh Uibhist aiseagan-charbad. Ann an 1996 thòisich aiseag-charbad a' ruith air Caolas na Hearadh. Rinn seo ceangal dìreach eadar na Hearadh agus Uibhist a Tuath.

Faisg air deireadh 1997 thòisicheadh a' cleachdadh Drochaid Scalpaigh, faisg air naoi mìosan mus deach a fosgladh gu h-oifigeil anns an t-Sultain 1999.

Anns an Dùbhlachd 1998 chaidh a' chiad chàr tarsainn air a' chabhsair ùr gu Beàrnaraigh Uibhist. Chaidh an cabhsair fhosgladh gu foirmeil sa Ghiblein 1999.

Thòisich obair togail air Cabhsair Eirisgeigh anns a' Chèitean 2000.

Rè nan 60 bliadhna a bhathas a' togail cheanglaichean stèidhichte gu eileanan chunnacas àireamh an t-sluaigh a' sìor lùghdachadh air eileanan gu nach robh ceanglaichean mar sin ged a bha cuid dhiubh sin air an robh ceudan dhaoine a' fuireach ann an linntean a dh'fhalbh. Tha na h-Eileanan Mònach, an Sgarp agus Tarasaigh nan eisimpleirean air eileanan ris an do chuir an sluagh an cùl.

 

Page Last Modified : 29/09/2011 13:37:38