Department of Technical Services
Phròiseact Còmhdhail Co-fhillte airson Caolas Bharraigh
Comhdhail Cnaimh-Droma
Soidhne
Tro Shiostam Còmhdhail Cnàimh-droma nan Eilean Siar tha mu £14 millean air a chosg air sgeamachan prìomh-ròidean rè nan còig-bliadhna-deug a dh'fhalbh ged nach robh adhartas ga dhèanamh cho luath sna bliadhnachan mu dheireadh leis mar a bha airgead ga chur ri pròiseactan mòra drochaid agus cabhsair.
Tha na pròiseactan prìomh-ròidean air mu 30 cilemeatair eile a chruthachadh de rathad dùbailte aig inbhe àird agus bha tòrr den obair sin tro fhearrann a bha fìor dhuilich. Bha mòran de sgeamachan na bu lugha ann cuideachd gus uachdar ùr a chur air ròidean, gus còrnairean a ghearradh a-mach, gus piseach a thoirt air ìre sàbhailteachd, agus mar sin air adhart.
Bha na prìomh sgeamachan air an cur air adhart air feadh nan eilean air fad gus a bhith gu math an t-sluaigh ann an diofar cheàrnaidhean.
Ann an 1984 chaidh còrr air trì cilemeatair de rathad a chosg £752,000 a thogail aig Bòrnais ann an Uibhist a Deas. Chaidh 3.5 cilemeatair eile a chrìochnachadh nas fhaide deas aig Aisgearnais ann an 1988-90. Aig an aon àm bha obair luach £798,000 a' dol air adhart ann an 1989 gus dà chilemeatair de rathad a chruthachadh ann an ceann a tuath na Hearadh air slighe a' bhealaich faisg air a' Chliseam. Bho 1991 gu 1994 bha obair mhòr ga dhèanamh a' togail ròidean mar phàirt den Chòmhdhail Cnàimh-droma anns na Hearadh agus ann an Uibhist a Tuath agus cuideachd ann an Leòdhas, aig Borgh agus Barabhas.
Anns a' phròiseact a thàinig gu crìch bho chionn ghoirid chaidh £750,000 a chosg air 1.3 cilemeatair de rathad ùr a' dol gu deas bhon chabhsair aig an Fhadhail a Deas gu Uibhist a Deas