Skip Navigation
Follow us on twitter...

Department of Technical Services

Phròiseact Còmhdhail Co-fhillte airson Caolas Bharraigh

Cunntas air cùisean - Cèitean 2000 gu Gearran 2001

Paintings by Eriskay Pupils

Paintings by Eriskay Pupils

Diluain 8 Cèitean 2000: chaidh Calum Dòmhnallach, BP Westminster do na h-Eileanan Siar, a b'àbhaist a bhith na mhinistear còmhdhail ann an Oifis na h-Alba, a-null a dh'Eirisgeigh le buidhinn oifigeil. Le beagan cuideachaidh bho dhigear chuir e obair a' chabhsair a dhol gu foirmeil.

Aig toiseach oifigeil na h-obrach thug Mgr Dòmhnallach taing do choimhearsnachd Eirisgeigh airson cho foighidneach agus a dh'fhuirich iad gus a bhith air an ceangal ri pàirt eile de cheann a deas nan Eilean Siar.
Bho chaidh Comhairle nan Eilean Siar a stèidheachadh ann an 1975 bha e san amharc aca gum biodh na h-eileanan air an ceangal ri chèile. Bha cuimhne aig Mgr Dòmhnallach air a' chiad deasbad le dàil a bha aige an dèidh dha faighinn a-steach dhan Phàrlamaid ann an 1987. B'ann mun chruaidh fheum a bha air cabhsair gu Bhatarsaigh a bha sin.

"Tha mi fìor mhoiteil a bhith a' gabhail pàirt sa phròiseact seo," thuirt e Diluain, deugachadh bhliadhnachan an dèidh a' chiad deasbaid sin.

19 Ogmhìos 2000: bho thaobh Eirisgeigh tha stèidh a' chabhsair a' sìneadh 150 meatair a-mach don mhuir. Chaidh 14,000 tunna de chreig a dhòrtadh san earrainn seo den stèidh. Thugadh sin uile à Eirisgeigh mar phàirt de thogail an rathaid a tha a' tighinn chun chabhsair bhon cheann sin.

Air taobh Uibhist a Deas tha leasachadh air tòiseachadh air an làraich às a bheil creag gu bhith air a cladhadh. Tha an rathad air am bi sin air a tharraing 60% deiseil. Thathas an dùil tòiseachadh a' togail a' chabhsair bhon taobh seo air 3 Iuchar.

24 Iuchar 2000: tha stèidh a' chabhsair a-nis a' sìneadh 320 meatair a-mach bhon chladach. Thathas a' sìor dhaingneachadh taobhan na stèidhe le creagan mòra. Thugadh inneal-cladhadh le ruigse fhada bho thìr-mòr air bòrd soithich air 23 Iuchar gus cuideachadh leis an obair. Tha 60,000 tunna de chreig air an suidheachadh san stèidh. Air taobh Uibhist tha an cabhsair air sìneadh gu 370 meatair. Bidh 1650 meatair sa chabhsair bho chladach gu cladach an uair a bhios e deiseil.

Chrìochnaich arceòlaichean sgrùdadh air a' chreig aig Ceann a' Ghàraidh ann an Eirisgeigh. Sin far am bi an ceann-aiseig airson aiseag Chaolas Bharraigh. Thathas air tòiseachadh air an talamh-uachdrach a rùsgadh air falbh. Thugadh tuilleadh uidheim bho thìr-mòr air bòrd soithich air 23 Iuchar.

21 Lùnastal 2000: tha a' chuid mhòr den obair air taobh Eirisgeigh a' cuimseachadh air a' chreag a chuireadh don stèidh gu ruige seo a dhaingneachadh agus a dhìon le creagan mòra. Thug bàta an t-inneal-cladhadh sònraichte aig a bheil ruigse fhada bho thaobh Uibhist gu Eirisgeigh. Tha stèidh a' chabhsair a' sìneadh 500 meatair a-mach bhon chladach agus tha 98,000 tunna de chreig air a dhol ann.

Air taobh Uibhist tha stèidh a' chabhsair a' sìneadh 460 meatair bhon chladach.

Tha 20 meatair air a thogail den t-seach-rathad timcheall air far am bi earrann na drochaid den chabhsair. Bidh an seach-rathad a' ruith ri taobh siar a' chabhsair airson mu 100 meatair. Bheir sin cothrom an drochaid a bhios a' ceangal dà cheann a' chabhsair ri chèile a bhith air a togail.

Is ann aig Ceann a' Ghàraidh a bhios an ceann-aiseig ann an Eirisgeigh airson an aiseig a thathas an dùil a bhios a' ruith air Caolas Bharraigh. Rinneadh a' chiad spreaghadh far am bi àite-cruinneachaidh nan càraichean a bhios a' dol air an aiseag sin.

16 Sultain 2000: san t-seachdain gu Disathairne 16 Sultain chùm an obair air taobh Eirisgeigh a' dol agus tha stèidh a' chabhsair a-nis a' sìneadh 600 meatair a-mach bhon chladach.

Tha 135,000 tunna de chreig a thugadh à Eirisgeigh air a shuidheachadh sa chabhsair a-nis. Tha 350 meatair den cheangal-rathad a-steach bhon chladach air a ghearradh sa chreig air Eirisgeigh. Aig an ìre seo tha beàrna 530 meatair eadar dà cheann a' chabhsair.

Air taobh Uibhist tha stèidh a' chabhsair a' sìneadh 465 meatair a-mach bhon chladach. Tha 80 meatair den t-seach-rathad a thathas a' togail timcheall air làrach na drochaide a-nis dèante. Tha 165,000 tunna de chreig air a shuidheachadh gu h-iomlan. Chaidh obair a thòiseachadh air taobh sear a' chabhsair air cidhe a chleachdar san eadar-ama, an uair a bhios a' bheàrn sa chabhsair dùinte, leis an aiseig-charbad a bhios a' siubhal eadar an Lùdag agus na Hann.

Aig Ceann a' Ghàraidh, an ceann-aiseig ùr air Eirisgeigh, chùm an obair a' dol air spreaghadh agus cladhadh far am bi àite-cruineachaidh nan càraichean. Tha mu 20% den obair seo crìochnaichte. Chaidh ullachadh a dhèanamh gus doirlinn-fasgaidh a thogail.

Tha an àireamh de dhaoine a tha ag obair an lùib an sgeama aig an ìre seo a' seasamh aig 55. Tha sin a' cunntadh triùir bho Chomhairle nan Eilean Siar. Tha 56% den luchd-obrach a' fuireach sna h-Eileanan Siar.

14 Dàmhair 2000: tha an àireamh a tha ag obair air pròiseact Cabhsair Eirisgeigh air 70 a ruighinn agus tha 63% dhiubh às na h-Eileanan Siar.

Tha a' bheàrn air a dhol sìos gu 310 meatair. Thathas air tòiseachadh a' gluasad an uidheim mun cuairt agus thathas am beachd tòiseachadh a' togail na drochaide air 23 Dàmhair. Tha an t-uachdar cruadhtain, an ceangal-rathad agus uachdar an àite-cruinneachaidh a tha riatanach airson a' chidhe a bhithear a' cleachdadh san eadar-ama a-nis air an crìochnachadh agus chaidh turas-dearbhaidh a dhèanamh leis an aiseag-charbad.

Bho thaobh Eirisgeigh tha stèidh a' chabhsair a-nis a' sìneadh 780 meatair a-mach bhon chladach agus thathas a' cumail a' cur dìon agus daingneachadh ris. Tha 175,000 tunna de chreagan mòra a-nis a' cur taice ris.

Tha an gearradh creige a thathas a' dèanamh sa bheinn sìos fo eaglais Eirisgeigh còrr is 400 meatair a-steach bhon chladach. Air taobh Uibhist tha an seach-rathad timcheall air an drochaid crìochnaichte agus tha e a' ruighinn 560 meatair bhon chladach.

Tha a' bheàrn eadar dà cheann a' chabhsair a-nis sìos gu 110 meatair.

20 Samhain 2000: chaidh an t-ullachadh deireannach a dhèanamh gus a' bheàrn eadar dà cheann a' chabhsair a dhùnadh. Disathairne bha ceann Uibhist dheth 665 meatair a-mach bho chladach agus bha ceann Eirisgeigh dheth 985 meatair a-mach bho chladach.

Tha 220,000 tunna de chreig air a chur an sàs air taobh Eirisgeigh agus tha an gearradh sa chreig a' ruighinn 580 meatair a-steach bhon chladach.

Air taobh Uibhist thathas fhathast a' cur dìon ri stèidh a' chabhsair le creagan mòra agus tha 270,000 tunna de chreig air an suidheachadh an taic a' chabhsair.

Aig an drochaid tha na cuilbh a bhios ga cumail suas air an cur nan àite air an taobh tuath. Ann an Eirinn tha ro-chumadh air tòiseachadh air na sparran cruadhtain ro-dhaingnichte a bhios san drochaid.

Thathas a' cleachdadh a' chidhe eadar-ama bho 14 Samhain agus ghluais an aiseag gu cidhe an Lùdaig oir tha a' bheàrn eadar dà cheann a' chabhsair a' dùnadh gu luath.

Tha 67 de luchd-obrach air an làraich. Tha triùir dhiubh sin bho Chomhairle nan Eilean Siar. Tha 57% den luchd-obrach a' fuireach sna h-Eileanan Siar.

25 Samhain 2000: an t-seachdain seo, chaidh sguir de bhith tomhais a h-uile meatair de adhartas a bha a' tighinn air a' chabhsair oir thàinig an dà cheann gu chèile Diluain agus e 665 meatair bho chladach Uibhist agus 985 meatair bho chladach Eirisgeigh.

Chum an obair air daingneachadh a' chabhsair le creagan mòra a' dol agus tha e a' tighinn chun àirde agus an leud dheireannaich a bhitheas e.

Uile gu lèir chaidh 220,000 tunna de chreig a chladhadh à Eirisgeigh agus 275,000 às a' chuarraidh ann an Uibhist a Deas.

Chaidh pàrtaidh gus dùnadh na beàirn a chomharradh a chumail san Talla Choimhearsnachd ann an Eirisgeigh air Diciadain

22 Samhain: Bha dà cheud duine an làthair, cuid à Eirisgeigh, cuid à Uibhist a Deas agus cuid bhon làraich-obrach. Chòrd a' chùis ris a h-uile duine.

27 Faoilleach 2001: bha adhartas cunbhalach ga dhèanamh air Cabhsair Eirisgeigh agus air na h-obraichean eile a tha na lùib rè na seachdaine gu 27 Faoilleach.

Tha daingneachadh stèidh a' chabhsair le creagan mòra a-nis 65% deiseil. Tha 51 ag obair air an làraich, dithis dhiubh bho Chomhairle nan Eilean Siar. Tha 62% den luchd-obrach a' fuireach sna h-Eileanan Siar.

17 Gearran 2001: tha na leasachaidhean a leanas am measg na h-obrach a bha a' dol air an t-seachdain an àirde gu 17 Gearran. Chaidh tòiseachadh air barrabhalla a bhios ris a' chabhsair a thogail. Thòisich seo aig ceann Eirisgeigh. Chaidh tòiseachadh air sparran na drochaid a chur nan àite. Bhathas ag obair air a' ghearradh-creige mu dheireadh airson an rathaid a bhios a' dol gu Eirisgeigh.

Tha 53 a-nis ag obair air an làraich, dithis dhiubh bho Chomhairle nan Eilean Siar. Tha 66% dhiubh a' fuireach sna h-Eileanan Siar.

 

Page Last Modified : 29/09/2011 13:37:38