Department of Technical Services
Phròiseact Còmhdhail Co-fhillte airson Caolas Bharraigh
Eileanan a Chailleadh
Tarasaigh
Bho chionn ceud gu leth bliadhna tha an sluagh air mòran de eileanan Innse Gall fhàgail. Bha sin uaireannan a' ciallachadh gun robh cultur air a chall a bha air fàs na nì gu math sònraichte leis mar a bhuineadh e do aon àite iomallach fad linntean.
Is e na dhà mu dheireadh dhiubh sin an Sgarp agus Tarasaigh. Tha Tarasaigh ainmeil a-nis mar an t-àite san robh an t-sreath phrògraman Castaway 2000 aig a BhBC stèidhichte.
Ach bho thuath gu deas, bho Leòdhas gu Barraigh, tha an sluagh air a bhith a' tarraing air ais bho na h-iomallan. Bha sin uaireannan ri linn gun robh galaran bho muigh a' gabhail brath orra. Aig amannan cha b'urrainn dhaibh a' chùis a dhèanamh an dèidh do chuid den t-sluagh falbh a dhùthchannan thall thairis, no an dèidh do chuid a bhith air an call aig muir. Aig amannan eile cha b'urrainn iad cur suas na b'fhaide leis cho iomallach agus a bha iad. Chaidh cuid de choimhearsnachdan a sgrios le uachdarain a dh'fhuadaich an sluagh gus caoraich a chur nan àite.
Ma bheirear cead airson aiseag-charbad air Caolas Bharraigh bidh am Pròiseact Còmhdhail Co-fhillte airson Caolas Bharraigh a' ciallachadh gum bi a h-uile eilean sna h-Eileanan Siar far a bheil sluagh a' fuireach air an ceangal le cabhsair no drochaid no aiseag-charbad.
Aig cridhe poileasaidh còmhdhail nan Eilean Siar tha e mar amas nach tachair do eileanan mar Bhatarsaigh, Beàrnaraigh Mòr, Beàrnaraigh Uibhist, Scalpaigh agus Eirisgeigh mar a thachair do iomadh eilean eile às an do dh'fhalbh an sluagh.
A' tòiseachadh deas air Barraigh, seo eileanan do na thachair sin:-
Beàrnaraigh (chan fhaodar iomrall a dhèanamh le Beàrnaraigh Uibhist): seo far a bheil an taigh-solais rin canar Ceann Bharraigh. Tha e 54 mìle bho thìr-mòr na h-Alba agus 95 mìle bho Eirinn. Cha robh ach trì teaghlaichean an seo ann an 1794. Ann an 1881 bha sin air a dhol suas gu 57. Ann an 1961 cha robh a' fuireach san eilean ach luchd-gleidhidh an taigh-sholais agus tha an solas a-nis fèin-ghluasadach.
Miughalaigh: tha nithean a bhuineas do Linn an Umha air an eilean seo. Ann an 1764 bha 52 a' fuireach ann. Ann an 1881 bha 150 ann. Dh'fhalbh an dithis mu dheireadh às ann an 1934.
Pabaigh (aon de ghrunn eileanan den aon ainm): ann an 1794 bha 20 a' fuireach ann agus bha sin air a dhol gu 26 ann an 1881. Chan eil duine a' fuireach ann bho 1911.
Sanndraigh: bha naoi tacannan an seo ann an 1794 ach bha seo air a dhol sìos gu naoinear dhaoine ann an 1861. Chaidh sin suas gu 20 ann an 1930. Chan eil duine san eilean bho 1934.
Ann an Caolas Bharraigh eadar Eirisgeigh agus Barraigh tha na h-eileanan a leanas:-
Healasaigh: bha 108 de shluagh an seo ann an 1841, is dòcha ri linn gun robhas a' fuadach dhaoine bho eileanan faisg air làimh. Chan eil duine a' fuireach ann bho 1891.
Giogha: tha sgeul gun robh daoine an seo ann an 1549 agus suas chun ochdamh-linn-deug. Chan eil duine ann bhon uair sin.
Fuideigh: is e seachdnar an àireamh as motha air a bheil cunntas a bhith a' fuireach san eilean seo. Chan eil duine ann bho 1901.
Mu thimcheall Bheinn na Faoghla tha na h-eileanan seo:-
Rònaigh: ann an 1826 bha còrr air 180 de shluagh san eilean ach chaidh am fuadach leis an uachdaran. Bha eadar ceathrar agus naoinear ann bhon àm sin ach cha robh duine air fhàgail ann nuair a rinneadh an cunntas-sluaigh ann an 1931.
Eilean Bhia: bha sianar san eilean ann an 1861. Chan eil duine ann bho goirid an dèidh 1901.
Mu thimcheall Uibhist a Tuath tha na h-eileanan seo:-
Na h-Eileanan Mònach agus Heisgeir: tha na còig eileanan seo air buidheann cho mòr agus a tha ann de na h-eileanan às an do dh'fhalbh an sluagh. Tha iad mu chòig mìle a-mach bho Uibhist a Tuath. Bha co-dhiù ceud neach orra ann an 1595 agus tha eachdraidh ag innse gun robh sluagh orra cho fad air ais ri 500 bliadhna ron sin. Ann an 1810 chuir an sluagh cùl riutha an dèidh foghar neo-chumanta bochd a bha mar thoradh air a bhith a' cumail cus stuic air an fhearann. Thill an sluagh a-rithist agus ràinig an àireamh 135 ann an 1891. Dh'fhalbh na teaghlaichean mu dheireadh ann an 1943 an dèidh don taigh-sholais a bhith air a dhùnadh. Tha eachdraidh ag innse gun robh solais do shoithichean air na h-eileanan seo bho chionn linntean agus manaich gan cumail a' dol. Thill aon teaghlach ann an 1945 ach cha do dh'fhuirich iad ach trì bliadhna.
Boraraigh: bha sluagh a' fuireach san eilean seo bho chian agus chithear tursachan agus seann seapail ann. Bha 181 de shluagh ann ann an 1841 ach bha sin air a dhol sìos gu 63 ann an 1921. Cha robh ann ach seachdnar ann an 1951 agus mun àm a rinneadh cunntas-sluaigh 1981 cha robh duine san eilean.
Bhàlaigh: is e 59 an àireamh sluaigh as àirde air a bheil cunntas san eilean seo. Bha sin ann an 1841. Mun àm a rinneadh cunntas-sluaigh 1981 cha robh duine ann.
Pabaigh: bha ainm aig an eilean seo uaireigin mar shìol-lann na Hearadh. Bha mu cheud neach air an eilean ann an 1800. Bha seo air a dhol gu 338 ann an 1841. Dh'fhuadaich an uair sin an t-uachdaran an sluagh. Chaidh na daoine an sgapadh gu eileanan eile agus chaidh cuid a-null thairis. Ann an 1858 cha robh duine a' fuireach ann ach cìobair agus a theaghlach.
Mu thimcheall na Hearadh tha na h-eileanan seo:-
Easaigh: tha an t-eilean seo ann an Caolas na Hearadh. Ann an 1861 bha còig-duine-deug a' fuireach air. Bho 1951 chan eil duine a' fuireach san eilean ach bidh dithis chìobairean a' dol ann nuair a bhios feum orra.
Cilleagraigh: tha an t-eilean seo cuideachd ann an Caolas na Hearadh. Bho 1861 gu 1931 bha aon teaghlach san robh eadar triùir agus còignear aig diofar amannan a' fuireach san eilean. Cha robh duine a' fuireach ann bhon uair sin. Aig an àm a rinneadh cunntas-sluaigh 1971 bha dithis a' cur seachad ùine ghoirid ann.
Scotasaigh: tha an t-eilean seo ann an Loch Sear an Tairbeirt. Bha fichead san eilean ann an 1911. Chan eil duine air a bhith a' fuireach ann mar dhachaigh bho uaireigin ron chunntas-sluaigh a rinneadh ann an 1931.
An Sgarp: bha àireamh an t-sluaigh an seo aig àirde ann an 1881 le 213 a' fuireach ann. Bha seo air tuiteam gu 74 ann an 1951 agus cha robh duine ann ann an 1971.
Ghlac e aire an t-saoghail mhòir dà uair ann an 1934. Air 14 Faoilleach rugadh leanabh do Chairistiona NicIllinnein air an eilean. An ath là bha a suidheachadh na adhbhar imcheist agus cha robh fòn san eilean. Bha seachd-mìle-deug de rathad lùibeach bho cheann an aiseig chun dotair a b'fhaisge. Mu dheireadh chaidh i air an aiseag agus an dèidh sin thugadh i air làr bus agus càr gu Steòrnabhagh a bha grunn uairean a thìde air falbh. Rugadh an dara leanabh den chàraid aice san ospadal dà là an dèidh a' chiad leanaibh.
San Iuchar 1934 chaidh oidhirp a dhèanamh san eilean air gnothaichean puist a chur air falbh le rocaid. Cha do shoirbhich leis an seo idir ach chaidh an Gearmailteach a dhealbh an innleachd air adhart gu bhith a' cuideachadh le prògram rocaidean-V nan Nàsach san Dara Cogadh.
Tarasaigh: tha cunntas air sluagh a bhith a' fuireach ann an Tarasaigh cho fad air ais ri 1549. Is e an àireamh as àirde mum bheil fiosrachadh 76 ann an 1911. Ann an 1971 cha robh ach aon teaghlach de thriùir air an eilean. An dèidh 1974 thòisich na daoine a bha air am fàgail ann a' cur a' gheamhraidh seachad ann an Seileabost air tìr-mòr na Hearadh. Chaochail an duine mu dheireadh den teaghlach mu dheireadh ann an 1994
Hiort
Hiort: chuir an sluagh an cùl ri Hiort san Lùnastal 1930. Chosg seo £1000 do Riaghaltas Bhreatainn. Thug seo gu ceann eachdraidh linntean de dhaoine a bhith a' fuireach san eilean. Bha na linntean sin air iomadh àmhghar fhaicinn le nithean mar ghalaran air an toirt a-steach le luchd-tadhail, long-bhrisidhean agus galar marbhtach nan ochd là a bha fad mòran den naoidheamh-linn-deug a' toirt bàis do dhithis naoidhean a-mach às a h-uile triùir. Ràinig an àireamh-sluaigh 200 ann an 1810. Bha e a' dol sìos bhon sin àm agus ann an 1921 is e 73 a bha san eilean.
Na h-Eileanan Mòra: bha 16 a' fuireach an seo nuair a bha an àireamh-sluaigh aig àirde. Bha sianar ann aig cunntas-sluaigh 1821; ann an 1891 bha ochdnar ann; ann an 1901 bha ochdnar ann cuideachd. Ach dh'fhalbh an teaghlach mu dheireadh do na Hearadh ann an 1901. Nam measg sin bha nighean bliadhna air fhichead nach robh a-riamh gu sin air falbh bho na h-Eileanan Mòra.
Bhon àm sin thathas air a bhith a' feurach bheathaichean air na h-eileanan seo.
Mu thimcheall Leòdhais tha na h-eileanan seo:
Na h-Eileanan Flanach: chan eil cuimhne ann an eachdraidh air daoine bhith a' fuireach làn-ùine air na h-eileanan seo ged a chaidh seapal a bha coisrigte do Naomh Flanan air a thogail an seo bho chionn còrr is mìle bliadhna. San Dùbhlachd 1900 bha tachartas an seo do nach d'fhuaireadh a-riamh freagairt cinnteach. Chailleadh an triùir a bha a' gleidheadh an taigh-sholais gun sgeul sam bith orra. Thachair sin cho obann agus gun do dh'fhàg iad biadh de dh'fheòil agus buntàta air a' bhòrd gun bhlasad air. Tha na notaichean a bha iad air a sgrìobhadh ag innse gun robh stoirm cho uabhasach air a bhith ann agus gun do sguabadh an talamh bho mhullach creige a b' àbhaist a bhith 200 troigh os cionn uachdar na mara. Thathas den bheachd gun deach an glacadh gun fhiosda le sùmainn neo-chumanta mòr a lean an stoirm anns a' chaolas far a bheil acarsaid siar an eilein.
Rònaigh a Tuath: is e seo an t-eilean as fhaide tuath ann an Innse Gall san robh daoine a' fuireach gu cunbhalach agus bha daoine a' fuireach air Rònaigh a Tuath fad iomadh linn. Tha e 44 mìle tuath air Rubha Robhanais agus nas fhaide bho thìr na Hiort. Ann an 1549 bha coimhearsnachd bheothail ann. Anns a' chumantas bhiodh mu 30 a' fuireach ann agus nam biodh an àireamh a' dol cus os cionn sin bhiodh iad dualtach a bhith a' gluasad a Leòdhas. Ann an 1680 chaidh biadh an eilein gu lèir a sgrios eadar plàigh de radain agus spùilleadh a rinn soitheach san dol seachad. Bhàsaich an sluagh gu h-iomlan. Dh'fheuch feadhainn ri fuireach air an eilean bhon uair sin ach thàinig sin gu crìch le bàthadh mu 1695. Bhon uair sin cha robh a' fuireach ann ach cìobair agus a theaghlach agus chuir daoine cùl ris an eilean ann an 1844.