Skip Navigation
Follow us on twitter...

Department of Technical Services

Phròiseact Còmhdhail Co-fhillte airson Caolas Bharraigh

Eirisgeigh

Eirisgeigh

Eirisgeigh

Is mòr mar a dh'atharraich cùisean.

Seo sùil air ais air trioblaidean Eirisgeigh mar a chuir neach-deasachaidh Gasaet Steòrnabhaigh an cèill iad air 20 Màrt 1997.

Feumar rudeigin a dhèanamh. Sin an co-dhùnadh gus am feumar a thighinn mu na trioblaidean a tha aig muinntir Eirisgeigh gus faighinn chun an eilein aca agus gus faighinn dheth.

Feumar barrachd a chosg air seirbheisean aiseig; ach feumar cuideachd luchd-cleachdaidh na seirbheis a dhìon bho bhuaidh na h-aimsire agus na tìde-mhara aig laimrig an Lùdaig ann an Uibhist a Deas.

Tha suidheachadh an sin nach bu chòir a bhith mu choinneimh duine sam bith.

Tha seo fìor aig an dearbh àm a tha Coimisean Cidhe agus Cala Steòrnabhaigh gu math moiteil gu bheil bealach còmhdaichte a' dol bhon chidhe ùr aca chun bhàta. Tha seo a' ciallachadh nach tèid boinneag uisge air duine eadar am bàta agus tìr.

Agus fhathast tha daoine ann an Eirisgeigh an urra ris an tìde-mhara agus ris a' ghaoith agus eagal orra gur e an aon bhuaidh a bhios aig aire a tharraing gu cunnartan a' chidhe gun tig lùghdachadh air na seirbheisean a tha a' tighinn thuige.

Chan fhaodar gabhail ri dàil gus an tigear gu co-dhùnadh mu aiseag Bharraigh. Chan fhaodar fuireadh ri tubaist mus togar doirlinn-fasgaidh.

Eirisgeigh

Eirisgeigh

Air ceist còmhdhail san fharsaingeachd chan eil e gu math sam bith a bhith a' bruidhinn mu na trioblaidean do-sheachainnte a tha an lùib a bhith beò air eilean agus gun na trioblaidean sin aig eileanan den t-seòrsa seo ann an àiteachan eile.

Tha drochaid aig Beàrnaraigh Mòr; tha cabhsair aig Bhatarsaigh; tha aiseag-charbad a tha a' ruith tòrr nas trice aig Scalpaigh agus tha dùil aca ri drochaid; tha aiseag Bheàrnaraigh mar a tha i an dràsta gus an togar an cabhsair fada nas fheàrr na tè Eirisgeigh, ged a thathas a' gearan oirre; agus an Sgarp . . . . ach tha fios nach eil feum aig an Sgarp air aiseag-charbad a-nis ann.

Chan eil duine sna h-Eileanan Siar nach eil eòlach gu leòr air dàil le itealain, agus droch aimsir, agus trioblaidean aiseig.

Ach ma bhios na pàipearan-naidheachd fada gun thighinn, no sgeilpichean nam bùithtean greis gun bhainne no gun mheasan, chan e an aon rud a tha sin ris an troimhe-chèile làitheil a tha aig muinntir Eirisgeigh leis a' chòmhdhail ri bheil iad an ura.

Agus feumas gu bheil ceangal dìreach eadar cho truagh agus a tha an t-seirbheis aiseig agus cho beag agus a tha de ghnìomhachas san eilean.

Tha e soilleir cuideachd gur e ceangal stèidhichte - cabhsair - an aon nì a nì feum.

Feumar co-dhùnadh poilitigeach a dhèanamh gus airgead a chosg agus sin a shocrachadh air a' phrionnsabal gu bheil e deatamach gun seachnar tuilleadh fàsachaidh de dh'eileanan iomallach.

Tha an t-àm ann beachdachadh a-rithist air cabhsair mus tèid na milleanan de notaichean a ghealltainn do sheirbheis aiseig nach tugadh cus de phiseach air an t-suidheachadh.

 

Page Last Modified : 29/09/2011 14:06:26