Sgeama Greis Gnìomhachais nan Oileanach 2019

Ann an co-bhonn le Bòrd na Gàidhlig, tha Comhairle nan Eilean Siar a’ tabhann cothruim do dh’oileanaich le sgilean Gàidhlig a bhith a’ cosnadh airson deich seachdainean as t-samhradh 2019 aig buidhnean a tha a’ cleachdadh Gàidhlig mar mheadhan obraich gu làitheil.  Faodar na deich seachdainean a ruith aig àm sam bith thairis air an t-samhradh, ach feumaidh an greis gnìomhachais a bhith deiseil ro 31 Lùnastal, 2019.

Tha an Sgeama seo air a bhith a’ ruith airson iomadh bliadhna, agus tha e air a bhith air leth soirbheachail ann a bhith a’ toirt cothrom dha na h-oileanaich an sgilean Gàidhlig a leasachadh, agus eòlas a thoirt dhaibh air a bhith ag obair ann an àite-obrach proifeiseanta.  Bho thaobh nam buidhnean, tha an Sgeama a’ toirt cothrom dhaibh oileanach fhastadh gus obair air pròiseact sònraichte a dhèanamh, obair ‘s dòcha nach b’ urrainn dhaibh a dhèanamh gun an cuideachadh seo bhon oileanach. 

Fiosrachadh mun Sgeama:

  • Feumaich na h-oileanaich a bhith ann am foghlam aig ìre adhartach, (ann an oilthigh no ann an colaiste);
  • Feumaidh comas labhairt, leughadh agus sgrìobhadh Gàidhlig gu ìre air choreigin a bhith aig na h-oileanaich;
  • Feumaidh na h-oileanaich a bhith an dùil tilleadh gu foghlam adhartach as t-fhoghar 2019;
  • Feumaidh na buidhnean Gàidhlig a bhith deònach an Tuarastal Bith-beò a phàigheadh do na h-oileanaich (£8.75 gach uair);
  • Feumaidh na h-oileanaich a bhith ag obair airson, co-dhiù, 30 uair a thìde gach seachdain a’ greis gnìomhachais, agus;
  • Ma ghabhas e a dhèanamh, thathas a’ moladh gun toireadh na buidhnean prìomhachas do dh’oileanaich nach robh air sgeama ron seo. 

Ma ‘s e ‘s gur e oileanach a th’ annad, le ùidh san Sgeama, an lìon thu a-steach am foirm-iarrtais gu h-ìosal 

1) cuir lethbhreac eileagtronaigeach air ais gu: p.scott@cne-siar.gov.uk

AGUS 

2) cuir lethbhreac eile tron phost, le dà theisteanas bho dhithis a tha glè eòlach ort, ach nach eile càirdeas dhut gu:

Sgeama Greis Gnìomhachais nan Oileanach
Sgioba na Gàidhlig
Comhairle nan Eilean Siar,Rathad Shanndabhaig
Steòrnabhagh
HS1 2BW

‘S e 29 Mart, 2019 an ceann-latha airson iarrtasan a bhith a-staigh.