Sgiobaidhean Iar-Chuairt Deireannach Deasbad Naiseanta Gàidhlig 2017 Air An Ainmeachadh

B’ ann aig e-Sgoil ann an Steòrnabhagh a ghabh a’ chiad agus an dàrna cuairt de Dheasbad Nàiseanta nan Sgoiltean àite air Dimàirt agus Diciadain an t-seachdain-sa. Bha dùbhlan mòr mu choinneamh na britheamhan; Iain Stephen Moireasdain, Cairistiona Walker agus Aonghas Dòmhnallach.  Ach chaidh aca air sia-deug sgioba a lùghdachadh sìos gu ceithir sgiobaidhean.  Is iad na sgiobaidhean a thèid troimhe chun na h-iar chuairtean deireannach: Sgoil MhicNeacail A, Àrdsgoil Gheàrrloch, Àrdsgoil Lochabair agus Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu. 

‘S ann aig Cidhe Phacific, togalach a’ BhBC ann an Glaschu a bhios na h-iar chuairtean deireannach a’ gabhail àite aig 6.30f air Dimàirt 28 Samhain 2017.  Thèid a’ chuairt mu dheireadh a chumail ann am Pàrlamaid na h-Alba an oidhche an dèidh sin, Diciadain 29 Samhain agus bi seo ri chluinntinn beò air BBC Radio nan Gàidheal.

Chaidh na cuspairean a thoirt do na sgiobaidhean agus bidh Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu a’ deasbad an aghaidh Àrdsgoil Lochabair.  ‘S e an cuspair air am bith iad a’ deasbad "Thathas a’ toirt cus àite dha spòrs anns an dùthaich seo." Bidh Sgoil MhicNeacail A an aghaidh Àrdsgoil Gheàrrloch agus iad a’ beachdachadh air a’ chuspair "Feumaidh sinn gabhail ris gu bheil fiosrachadh mionaideach mu ar deidhinn gar cumail sàbhailte agus fallain ann an saoghal an latha an-diugh."  Bidh an sgioba a bhuannaicheas Deasbad A an aghaidh an Sgioba a bhuannaicheas Deasbad B agus bidh a’ deasbad air a’ chuspair "Bu chòir Glaschu ainmeachadh mar phrìomh bhaile na h-Alba seach Dun Èideann."