Deasbad Nàiseanta nan Àrd-sgoiltean 2017

Tha an obair ullachaidh mu choinneamh Deasbad Nàiseanta nan Àrd-sgoiltean 2017 air tòiseachadh agus tha a’ chomataidh rianachd air ainmeachadh cò bhios a strì an aghaidh a-chèile sa chiad chuairt den fharpais.   Tha a h-uile coltas ann gur e deagh bhliadhna a bhios ann don Deasbad!   Thèid a’ chiad dà chuairt a chumail aig e-Sgoil ann an Steòrnabhagh air Dimàirt agus Diciadain 7mh agus 8mh Samhain.  Airson a’ chiad turas bidh cuairtean Steòrnabhaigh ri fhaicinn beò air-loidhne, tro sianal e-Sgoil air You Tube agus leis a ghluasad adhartach dh’ fhaodadh e a bhith air fhaicinn air feadh an t-saoghail!

Bidh sia sgiobaidhean deug a’ gabhail pàirt ann am farpais 2017 agus tha a’ chomataidh toilichte fàilte a chur air ais air Acadamaidh Ualais agus Acadamaidh Dhrochaid an Easbaig!.   Thèid na ceithir sgiobaidhean le na comharran as àirde troimhe chun na h- iar-chuairtean deireannach.   Bidh na cuairtean deireannach air an cumail ann an Glaschu agus Dùn Èideann air Dimàirt agus Diciadain 28mh agus 29mh  Samhain.  Tha a’ chomataidh a’ cur fàilte air ais do dh’ Aonghas Dòmhnallach agus Cairistiona Walker a bhios nam britheamhan a-rithist agus còmhla riutha, airson a’ chiad uair, bidh Iain Stephen Moireasdain. 

Bu mhath leis a’ chomataidh co-fhaireachdainn a’ nochdadh an-dèidh Dòmhnall MacIlleathain agus Seonaidh Ailig Mac a’ Phearsain caochladh o chionn ghoirid.  ‘B’ iadsan a thàinig suas leis a’ bheachd farpais an Deasbad a stèidheachadh sa chiad dol a-mach.  Tha a’ chomataidh a’ smaoineachadh air na teaghlaichean aig an àm dhoirbh a tha seo.

Chaidh an taghadh airson a’ chiad chuairt mar a leanas:

Sgoil Lionacleit V Sgoil Mhicneacail
Sgoil Choimhearsnachd Bhàgh a’ Chaisteil V Wallace High School
Acadamaidh Rìoghail Bhaile Dhubhthaich V Àrdsgoil Phort  Rìgh
Àrdsgoil an Òbain V Sir E Scott
Àrdsgoil Dhùn Omhain V Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu
Acadamaidh Hazlehead V Àrdsgoil Mhalaig
Acadamaidh Dhrochaid an Easbaig V Àrdsgoil Gheàrrloch
Àrdsgoil Lochabair V Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis

Thuirt Calum Iain MacLeòid, Stiùiriche Leasachaidh aig Comunn na Gàidhlig, agus a tha na Chathraiche air Comataidh Rianachd Deasbad Nàiseanta nan Àrd-sgoiltean:

"Tha naoi bliadhna deug on a ghabh a’ chiad deasbad àite agus tha sinn ga fhaicinn a’ dol bho neart gu neart.  Bu mhath leam gu sònraichte taing a thoirt do na buidhnean a leanas airson maoineachadh a thoirt seachad dhuinn air a’ bhliadhna seo:  Bòrd na Gàidhlig, Riaghaltas na h-Alba, Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle na Gàidhealtachd, Leasachadh Sgilean na h-Alba, Stòrlann agus  Comhairle Baile Ghlaschu.   An-dèidh soirbheachas do Eilidh Nic a’ Phì agus Alix Aburn bho Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis an-uiridh tha sinn a’ coimhead air adhart gu farpais a bhios a-rithist aig sàr àrd ìre.

Bha sinn duilich cluinntinn mu dheidhinn bàs dithis den bhuill a stèidhich an Deasbaid - Dòmhnall MacIlleathain, à Uibhist a Tuath a bha na Chomhairliche dha Loch nam Madadh eadar 1994 agus 2007. `S ann aig Dòmhnall a bha am beachd an toiseach gus Deasbad Sgoiltean Gàidhlig a stèidheachadh agus dh’obraich e gu cruaidh airson an lèirsinn sin a thoirt gu buil. Bha e ainmeil airson na sgilean òraid aige fhèin ann an Gàidhlig is Beurla. Cuideachd, Seonaidh Ailig Mac a’ Phearsain a chaochail ann an Canada far an robh air a bhith airson grunn bhliadhnachan. Bha Seonaidh taiceil dha rìribh dhan an Deasbaid agus bha e na bhritheamh iomadach uair. Tha sinn glè thaingeil airson na rinn iad thairis air na bliadhnachan agus bu mhath leinn ar co-fhaireachdainn a nochdadh air na teaghlaichean agus caraidean."