Dreach Poileasaidh Gàidhlig Compàirteachas Plana Coimhearsnachd Innse Gall

Tha dreach Poileasaidh Gàidhlig Compàirteachas Plana Coimhearsnachd Innse Gall a-muigh airson co-chomhairleachaidh.

Tha Compàirteachas Plana Coimhearsnachd Innse Gall ag aithneachadh gu bheil Gàidhlig cudromach dha rìribh ann an dualchas, fèin-aithne nàiseanta agus beatha chultarail na h-Alba, agus dealasach ann a bhith a’ dìon agus a’ togail inbhe agus cleachdadh a’ chànain. Dh’aontaich a’ Bhòrd aig a’ choinneamh air 22 Samhain 2017, gum biodh e iomchaidh Poileasaidh Gàidhlig a stèidheachadh gus taic a chur ri poileasaidhean nam buidhnean fa leth. Chaidh dreach poileasaidh mu choinneamh a’ Bhùird air 16 Màrt 2018 a’ sireadh aonta fhoillseachadh airson co-chomhairleachadh poblach.

Tha cothrom aig a’ phoball beachdan a chur gu ohcpp@cne-siar.gov.uk ro 27 Giblean 2018 agus thèid beachdan sam bith chun choinneamh sa Chèitean nuair a thèid aontachadh ris a’ Phoileasaidh Gàidhlig.

Thoiribh sùil air http://www.ohcpp.org.uk airson barrachd fiosrachaidh agus airson an dreach Poileasaidh fhaicinn.