Còmhlan Pìoba Sgoil Lionacleit ann an New York

Air Diardaoin 5 Giblean 2018 bha còmhlan pìoba Sgoil Lionacleit air Eilean Ellis ann an New York agus iad a' taisbeanadh na sgilean aca gu luchd-èisteachd mar phàirt de Sheachdain Tartain NYC.  Chaidh cuireadh a thoirt dhaibh le Raibeart MacMhuirich, a tha os cionn Clann MacMhuirich.  Chluich agus sheinn na sgoilearan agus gu dearbha chòrd e ris an luchd-èisteachd a bha an làthair.

Bha na sgoilearan cuideachd a' dèanamh luaidh air Eilidh NicLeòid, a bha i fhèin na pàirt dhen bhuidheann, ach a chaochail san ionnsaigh cheannairc ann am Manchester an uiridh.

Chithear an consairt a chaidh a chlàradh le Aonad an Ioma-Mheadhan aig Comhairle nan Eilean Siar Air-Loidhne (Opens in a new window or downloads a file)