Tubaist na h-Iolaire

Thadhal oileanaich Freya NicLeòid agus Katie NicAonghais air Sgoil Mhicneacail gus innse dha sgoilearan Eachdraidh air AS1 agus AS2 mun obair rannsachaidh a tha iad air a dhèanamh mu na ceanglaichean a tha aig na teaghlaichean aca fhèin ri tubaist na h-Iolaire.  Tro mhìosan an t-samhraidh bha Freya ag obair aig a’ chompanaidh foillsichidh Acair, a tha ag obair an-dràsta air leabhar ùr a tha a’ comharrachadh ceud bliadhna on a thachair an tubaist.  Bha Katie aig obair aig Aonad Ioma Mheadhain na Comhairle agus a’ cumail taic ri pròiseactan Dìleab agus Freumhan.  Bha an dithis mar phàirt de Sgeama Greis Gnìomhachais Chomhairle nan Eilean Siar.

Bhruidhinn Freya mu sean seanair, Iain F MacLeòid à Nis, a chaidh gu tìr leis an ròpa agus a shàbhail mòran fhireannaich air an oidhche sin, nam measg, Pàdraig Aonghas Moireasdain, uncail dha seanair Katie.