Dìleab an t-Siorraidh
Tha e-Sgoil an sàs ann am pròiseact ùr, Dìleab an t-Siorraidh, a chaidh a stèidheachadh leis an t-Siorraidh Cailean Scott MacCoinnich mar thoradh air an ùidh mhòr a th’ aige gu pearsanta ann an Gàidhlig.
’S e amas a’ phròiseict a bhith a’ brosnachadh sgoilearan Gàidhlig gus na comasan-labhairt aca a leasachadh agus an cànan a thoirt gu àrd-ìre tro cho-fharpais do chloinn ann an clas 7 bho bhun-sgoiltean air feadh Leòdhais agus na Hearadh.
Bidh aig na sgoilearan ri òraid ghoirid ullachadh mu chuspair a tha iad gu bhith rannsachadh san sgoil no rudeigin anns a bheil ùidh shònraichte aca. An dèidh làimhe, bidh aca ri còmhradh ri dithis luchd-measaidh airson greis. Le bhith a’ cur goireasan teicneolais e-Sgoile gu feum, thèid aig an luchd-measaidh air ceangal a-steach do gach sgoil, is mar sin faodaidh na sgoilearan fuireach ann an àrainneachd air a bheil iad eòlach agus far a bheil iad cofhurtail.
Gheibh an sgoilear leis na comasan-labhairt as fheàrr sa cho-fharpais £50 agus gheibh na sgoiltean suim airgid airson a h-uile neach a ghabhas pàirt. Bu chòir dhaibh an t-suim a chleachdadh gus duais a thoirt dhan sgioba co-fharpais aca. Bheir na foirmichean measaidh slat-tomhais dha na tidsearan airson dè cho math ’s a tha an cuid chloinne fa leth agus mar bhuidheann, agus gabhaidh an cur ri PPR gach sgoilear.
Thèid am pròiseact seo a chur air bhog ann an e-Sgoil sa Ghearran agus thathar an dùil na measaidhean a chumail anns na seachdainean mu dheireadh den treas teirm sgoile, gach bliadhna.
Airson barrachd fiosrachaidh, no ma tha sibh airson a bhith an sàs, cuiribh fios gu Mira Byrne air mbyrne1u@gnes.net no 01851 822 850.