Leas-Phrìomh Mhinistear a’ toirt làn thaic dha e-Sgoil ann an ath-sgrùdadh a’ Chiad Bhliadhna.

Tha e-Sgoil air làn thaic fhaighinn bho Leas-Phrìomh Mhinistear na h-Alba ann am pàipearan ath-sgrùdaidh a’ chiad bliadhna, a chaidh a chuairteachadh gu Stiùirichean Foghlaim ann an Alba.

Thuirt an Leas-Phrìomh Mhinistear, John Swinney, BPA: “Tha e na thoileachas dhomh fàilte a chur air pàipearan ath-sgrùdaidh a’ chiad bhliadhna aig e-Sgoil.  Tha mi cuideachd toilichte dha rìribh taic a thoirt do leasachadh pròiseact e-Sgoil, a tha air a stèidheachadh anns na h-Eileanan an Iar, `s a tha ag obrachadh air feadh Alba, le taic bho Pàrlamaid na h-Alba. 

“Tha mi air faicinn iomadach turas, cho ùr-ghnàthach agus cho ruigsinneach `s a tha an t-seirbheis airson barrachd chothroman a thoirt do luchd-ionnsachaidh thairis air a’ churraicealam.  Gun teagamh sam bith, `s e stòras nàiseanta cudromach a tha seo agus tha barrachd agus barrachd sgoiltean a’ gabhail brath air na cothroman agus na buannachdan co-cheangailte ri e-Sgoil.

“Tha e-Sgoil a’ dèanamh feum de GLOW, an eadra-lìon foghlam nàiseanta, agus a’ cleachdadh seo gu èifeachdach airson tidsearan agus luchd-ionnsachaidh a thoirt còmhla, ge bith càite a bheil iad.  Tha mi airson meal an naidheachd a’ chur air oifigearan Chomhairle nan Eilean Siar airson an cuid lèirsinn, dealas agus dìcheall ann a bhith a’ toirt am pròiseact seo air adhart ann an ùine cho goirid.   

“Ann an co-dhùnadh, bu mhath leam am pàipear seo a mholadh dhuibh agus tha mi an dòchas gun tèid ur brosnachadh leis an t-soirbheas ann na duilleagan a’ leanas.”

Thuirt an Comhairliche Aonghas MacCarmaig, Cathraiche Comataidh Foghlam, Spòrs agus Seirbheisean Chloinne: “Chan ann dhan na h-Eileanan an Iar a-mhàin a tha e-Sgoil, ach dha Alba air fad.  `S e ar n-amas, gum faigh luchd-ionnsachaidh oideachadh is foghlam le taic bho theicneòlas didseatach, agus tha sinn taingeil dha rìribh airson an taic a tha sinn air fhaighinn bho Riaghaltas na h-Alba.

“Tro e-Sgoil, tha sinn daonnan a’ lorg dhòighean ùr air foghlam a’ lìbhrigeadh, dòighean nach b’ urrainn dhuinn a chleachdadh roimhe seo.  Tha pàipearan ath-sgrùdaidh a’ chiad bliadhna a’ dearbhadh gu bheil an ùr-ghnàthas agus an teicneòlas a’ leasachadh agus a’ leudachadh ar lèirsinn. Tha sinn am beachd làn fheum a dhèanamh den sin airson sgilean agus teisteanasan a thoirt do dhaoine òga a bhios feumail dhaibh nam beatha obrach.

Tha pàipearan ath-sgrùdaidh a’ chiad bliadhna aig e-Sgoil ri lorg aig: pàipearan ath-sgrùdaidh e-Sgoil (»)

Ann an co-dhùnadh, tha an ath-sgrùdadh a’ mìneachadh: “Tha buaidh eacanomaigeach e-Sgoil mar tha follaiseach agus tha tòrr den obair a thathar air a dhèanamh suas chun na h-ìre seo air cothroman a chruthachadh a stiùireas bhuaidhean san àm ri teachd.”