World Earth Hour 2018

Bidh a’ Chomhairle a’ gabhail pàirt ann am World Earth Hour airson an naoidheamh bliadhna ann an sreath.

An-uiridh ghabh còrr is 10 millean daoine ann am Breatainn, 172 dùthchannan, agus 7,000 bailtean agus bailtean mòra, pàirt anns an tachartas as motha san t-saoghal. Chaidh solais feadhainn de na toglaichean as ainmeile san t-saoghal a thionndadh dheth airson Earth Hour, leithid Big Ben, An Sydney Opera House agus Tùr Eiffel. Chomharraich Alba an uair a’ thìde le sgoiltean, daoine fa leth, gnìomhachasan, buidhnean coimhearsnachd agus toglaichean ìomhaigheachd uile a’ gabhail pàirt. Aig 8:30f air Disathairne 24mh den Mhàirt 2018, bidh a’ Chomhairle a’ cur dheth solais a’ Chuimhneachan Chogaidh a tha air iomall Steòrnabhaigh.

Ann an 2011, b’ e Alba a’ chiad dùthaich san t-saoghal far an robh a h-uile ùghdarras ionadail a’ gabhail pàirt ann an Earth hour, rud a chaidh a’ mholadh anns gach ceàrnaidh den t-saoghal. Chaidh a’ chliù seo a ghlèidheadh agus thèid a chumail am bliadhna-sa a-rithist leis a h-uile ùghdarras ionadail an dùil a bhith a’ gabhail pàirt.

Chan ann do dh’ùghdarrasan ionadail a-mhàin a tha World Earth Hour; bidh mìltean de dhaoine an Alba a’ tionndaidh an cuid solais dheth mar shamhla mhòr den taic airson adhartas a dhèanamh air atharrachadh an aimsir agus àm ri teachd nas seasmhaiche. Dh’fhaodadh gun cleachd sibh an ùine a’ coimhead na rionnagan no fiù `s a’ cluich geamannan le solas bho choinneal, `s e cothrom a th’ ann an Earth Hour ur pàirt fhèin a dhèanamh gus ur planaid a dhìon.

Airson ur n-ùidh a chlàradh an Earth Hour, soighnibh an àirde (Opens in a new window or downloads a file)