Uaireadair Pòcaid bhon Iolaire

Iolaire uaireadair pòcaid

Tha uaireadair pòcaid, air a chleachdadh gu minig mar chomharra air call na h-Iolaire, gu bhith air a thaisbeanadh aig Museum nan Eilean anns an Dàmhair mar phàirt den taisbeanadh airson Call na h-Iolaire.

Chaill Malcolm Macleòid, 3 Griomsiadar eadar, a bheatha, nuair a bhuail an t-soitheach air na creagan aig Tolm, ach chaidh uaireadair, am measg rudan eile a bhuineadh dha, a thoirt air ais dhan an teaghlach, agus tha iad air a bhith aca bhon uairsin.

Fhuair Ruairidh MacNeacail an uaireadair bho uncail, agus tha e air aontachadh a thoirt don taigh-tasgaidh air iasad, gus an tèid fhaicinn leis a’ mhòr-shluagh Chaill dà sheanair Mgr. MacNeacail, bràithrean, nuair a chaidh an Iolaire a chall.

Thuirt Nick Mac a’ Ghobhainn, Manaidsear Dualchais na Comhairle, "Chaidh dealbhan dhan uaireadair a chleachdadh mu thràth ann an òraidean agus foillsichidhean, agus le sin, bidh daoine a tha eòlach air call na h-Iolaire, eòlach air an uaireadair. Tha sinn taingeil gun do dh’aontaich Ruairidh MacNeacail an uaireadair a thoirt don taigh-tasgaidh air iasad, gus am faic luchd-turais e san Fhoghar. Tha sinn cuideachd airson taing a thoirt dha Malcolm Dòmhnallach bho Chomann Eachdraidh Steòrnabhaigh a’ rannsaich cò bu leis a bha an uaireadair."