Deasbad Gàidhlig Nàiseanta nan Àrd-sgoiltean 2018 – Iar-chuairtean agus Cuairt Dheireannach

Thèid Iar-chuairtean dheireannach Deasbad Gàidhlig Nàiseanta nan Àrd-sgoiltean an cumail Dimàirt sa tighinn aig 6.30f, 27 Samhain, aig Ionad na Sgeulachdan ann an Dun Èideann. 

Sa chiad Iar-chuairt, bidh Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis A a’ deasbad an aghaidh Acadamaidh Rìoghail Inbhir Nis B air a’ chuspair ‘Tha tuigse-innleachdach (A.I) na chunnart do mhac an duine.”   Bidh Àrdsgoil Gheàrrloch an uairsin a’ deasbad an aghaidh Sgoil MhicNeacail A agus iad a’ beachdachadh air a’ chuspair “Bu chòir drugaichean a dhèanamh laghail gus bailtean-mòra Bhreatainn a dhèanamh nas sàbhailte.” 

Bidh an dà sgioba a bhuannaicheas na h-Iar-chuairtean a’ coinneachadh sa Chuairt Dheireannach a chumadh am Pàrlamaid na h-Alba an ath oidhche a-rithist, 7f Diciadain 28 Samhain, far am bi iad a’ deasbad air a’ chuspair “Mur a biodh an dà chogadh mhòr cha bhiodh sinn an-diugh cho adhartach `s a tha sinn.” 

A’ coimhead air adhart ris a’ chuairt deireannach, thuirt Oifigear Riaghlaidh aig Pàrlamaid na h-Alba, Ken Mac an Tòisich:

“Tha Gàidhlig cudromach. Tha e cudromach gun tèid a faicinn, a cluinntinn agus a cleachdadh taobh a-staigh Pàrlamaid na h-Alba.

“Sin as coireach gu bheil sinn moiteil a bhith a’ cumail cuairt deireannach an Deasbaid aig a’ Phàrlamaid agus fàilte a chur air feadhainn de na sgoilearan as sgileil air deasbad ann an Alba.

“Tha cuspair na bliadhna-sa cho inntinneach `s a ghabhas. ‘Gura math thèid leibh’ dhan h-uile duine agaibh!”

Thuirt Calum Iain MacLeòid, Cathraiche air Comataidh Rianachd Deasbad Gàidhlig Nàiseanta nan Àrd-sgoiltean: “Tha sinn dha rìribh toilichte leis mar a chaidh dhuinn leis a’ chiad chuairtean ann an Steòrnabhagh. Bha na britheamhan a’ moladh an ìre de sgilean cànain agus deasbaid a bh’ aig na sgoilearan a ghabh pàirt agus dh’fhàg sin gu robh dùbhlan mhòr mun coinneamh a thaobh taghadh na ceithir sgiobaidhean a dheidheadh troimhe. Tha sinn gu mòr a’ coimhead air adhart ris na h-iar-chuairtean dheireannach aig Ionad na Sgeulachdan agus a’ chuairt dheireannach aig Pàrlamaid na h-Alba.

“Mar as àbhaist tha sinn fada an comainn ar luchd-taic agus bu mhath leam an cothrom seo a ghabhail taing a thoirt do Bhòrd na Gàidhlig, Riaghaltas na h-Alba, Comhairle nan Eilean Siar, Comhairle Baile Ghlaschu, Comhairle na Gàidhealtachd, Leasachadh Sgilean na h-Alba, Foghlam Alba agus Urras Theisteanas na h-Alba.  Bu mhath leam cuideachd, às leth na Comataidh, taing a thoirt dhan britheamhan Agnes Rennie, Boyd Robasdan agus Iain S Moireasdan. Chan e idir obair fhurasta a th’ aca!”

Thèid a’ Chuairt Dheireannach a craoladh beò air BBC Radio nan Gàidheal.  Tha gach tachartas fosgailte don phoball ach, ri linn tèarainteachd aig Pàrlamaid na h-Alba, feumar fios fhàgail ro-làimh. Ma tha sibh an dùil a’ Chuairt Dheireannach a fhrithealadh, cuiribh fios gu Calum Iain MacLeòid calumiain43@gmail.com ro 5f air Dihaoine 23 Samhain 2018.

Thèid a’ Chuairt Dheireannach cuideachd a craoladh beò air làrach-lìn a’ Phàrlamaid. Tadhal air www.scottishparliament.tv aig 7f air Diciadain 28 Samhain airson fhaicinn beò.