Tiogaidean airson Consairt Dìleab

Tha Sgoil MhicNeacail agus Roinn an Fhoghlaim aig Comhairle nan Eilean Siar toilichte ainmeachadh gum bi cothrom aig a’ phobaill tiogaidean a ghlèidheadh airson Sgoil MhicNeacail a’ Taisbeanadh Dìleab  –  A’ Cuimhneachadh air an Iolaire, bho 9m air Diluain 29 Dàmhair 2018.

Dileab

Gabhaidh tiogaidean am faighinn air loidhne no le bhith a’ tadhal air Talla a’ Bhaile, Steòrnabhaigh. Ged a bhios tiocaidean an asgaidh, chan fhaighear ach ceithir tiocaidean gach duine agus bidh cothrom air an oidhche airgead a thoirt seachad dha iomairtean leasachaidh agus cultair na Gàidhlig sna sgoiltean.

Bidh an tachartas fhèin a’ gabhail àite aig 7:30f air Dihaoine 14 Dùbhlachd 2018 aig Ionad Spòrs Leòdhais. Tha sgoiltean air feadh nan Eilean Siar air a bhith ag obair air pròiseact Dìleab ann an 2018 agus bidh tòrr dhiubh a’ gabhail pàirt air an oidhche. Bidh luchd-ciùil ionadail agus sgoilearan Sgoil MhicNeacail a’ comharrachadh ceud bliadhna bho chall an Iolaire tro ceòl, dràma, dannsa agus òran. Tha dùil gum bi 15 sgoilearan à Sgoil Bhàgh a’ Chaisteil, Còmhlan Pìobaireachd Sgoil Lionacleit agus Còisir Sgoil Sir E Scott an làthair cuideachd.

Tha an tachartas mar phàirt de dh’iomairt Bliadhna na h-Òige aig Comhairle nan Eilean Siar agus `s e seo cothrom aig Sgoil MhicNeacail ceud bliadhna bho chall an Iolaire a chomharrachadh. Tha dùil gum bi fèill mhòr air na tiogaidean, agus thathas a’ moladh an glèidheadh cho tràth `s a ghabhas air 9m air Diluain 29 Dàmhair.

Thuirt Cathraiche Comataidh Foghlam, Spòrs agus Seirbheisean Chloinne, Aonghas MacCarmaig: “Tha e iomchaidh dha rìribh gu bheil an cothrom aig ar n-òigridh na tàlantan aca a thaisbeanadh agus cuimhneachadh air an Iolaire a thug buaidh mòr air ar coimhearsnachdan agus sgoiltean. Bidh ceanglaichean làidir aig tòrr de na sgoilearan a bhios a’ gabhail pàirt ris an tubaist agus tha e cudromach gum bi eòlas aig an òigridh air ar n-eachdraidh. Tha an tachartas seo a’ toirt cruinn còmhla òigridh thàlantach nan Eilean Siar agus tha sinn cinnteach gur e oidhche air leth a bhios ann dhan a h-uile duine a bhios an làthair. Leis an fhèill mhòr a chunnaic sinn a thaobh tiogaidean airson Cuirm-cuimhneachaidh Call an Iolaire, mholadh sinn dha daoine bucadh cho tràth `s a ghabhas.”

Thuirt Frances Mhoireach, Ceannard Sgoil MhicNeacail: "Tha e cho cudromach gu bheil na sgoilearan againn eòlach air a bhuaidh mhòr a bh’ aig A’ Chiad Chogadh agus gu h-àraidh Tubaist an Iolaire air ar n-eileanan. Tha sinn toilichte gum bi luchd-ciùil tàlantach na sgoile an sàs anns an tachartas freagarrach seo gus cuimhneachadh air an fheadhainn a chaidh a chall."

TNI

Bidh BBC Radio nan Gàidheal a’ clàradh an tachartais mar phàirt de phrograman a’ cuimhneachadh air Call an Iolaire.

Gabhaidh tiogaidean an glèidheadh bho 9m air Diluain 29 Dàmhair ann an dà àite:

Air loidhne: Dìleab Tickets

Le bhith a’ tadhal air Talla a’ Bhaile, Steòrnabhagh.