Comhlan Consart Oigridh Leodhais agus na Hearadh a’ buannachadh oir!

San t-Samhainn an-uiridh rinn Còmhlan Consart Òigridh Leòdhais agus na Hearadh, fo stiùir Gavin Woods agus Callum Watt, anabarrach math nuair a fhuair iad tro chuairtean ro-fharpaiseach Fèis Còmhlanan Consart na h-Alba.

Le Disathairne 16mh den Mhàrt 2019 – latha na co-fharpais – gu daingeann air an aire, choinnich an luchd-ciùil òg gu dìcheallach a h-uile Dimàirt, gus obrachadh air prògram a ghabh a-steach measgachadh de stoidhlichean-ciùil, a leithid ‘Fanfare for the common man’, ‘ A million dreams’ agus ‘Cyclone’ leis an neach-sgrìobhaidh ciùil Aimeireaganach Mìcheal Ore.

Air Dihaoine 15mh den Mhàrt dh’fhalbh 38 sgoilear à Sgoil MhicNeacail agus Bun-sgoil Tholastaidh ann an trì busaichean beaga agus bus eile le uidheamachd air an cùlaibh. Bha deireadh-seachdainn trang romhpa is iad a’ cluich aig Eaglais na Trianaid, Sruighlea, an oidhche sin mus do dh’fhuirich iad ann an ostail-òigridh a’ bhaile. An ath mhadainn thàinig iad còmhla ann an Eaglais na Trianaid aon uair eile son a’ chothruim mu dheireadh gleans a chur air na pìosan aca, mus deach iad a Pheairt far an robh na farpaisean air an cumail ann an Talla Consart a’ bhaile.

’S e togalach gu math mòr a th’ ann an Talla Consart Pheairt agus ’s e aon de na h-àiteachean as motha anns an do chluich an còmhlan a-riamh. Mar sin, bha e gu bhith caran eagalach a’ dol air an àrd-ùrlar, gu h-àraidh dhan fheadhainn às òige. A dh’aindeoin sin, chluich Còmhlan Consart Òigridh Leòdhais agus na Hearadh ann an dòigh a sheall nach eil càil den t-seòrsa na chnap-starra dhaibh.

B’ fheudar dhaibh feitheamh son greis fhrionasaich fhad ’s a chluich Còmhlan Consairt Sgoiltean Arcaibh cho math ri àireamh de chòmhlanan morà bho mheadhan na h-Alba, mus tàinig a’ cho-fharpais gu crìch le briathran nam britheamhan. B’ fhiach an obair chruaidh a’ dèanamh oir bha Còmhlan Consart Òigridh Leòdhais agus na Hearadh air òr a bhuannachadh!

An dèidh làimhe, fhuair iad moladh mòr bho Gavin Woods, aon de na stiùirichean-ciùil aca: “Tha comasan a’ chòmhlain air dol am feabhas gu mòr thairis air an dà bhliadhna mu dheireadh mar thoradh air an oidhirp mhòr a rinnear ag ullachadh airson Fèis Còmhlanan Consart na h-Alba. Tha sinn air ar dòigh glan gu bheil sinn air ìre òir a ruigsinn agus nì sinn ar dìcheall cumail aig an ìre seo san àm ri teachd le mar a dh’àrdaicheas ìrean na co-fharpais.”

Cha b’ e obair chruaidh a-mhàin a bha romhpa ge-tà. Le beagan tìde aca ron cho-fharpais, chaidh an còmhlan son geama de bhobhladh nan deich cnag. A dh’aindeoin bragaireachd nan sgoilearan, ’s e Mgh Woods a’ rinn a’ chùis orra. Gum biodh sealbh nas fheàrr orra an ath-thuras!

Bu mhath leis a’ Chòmhlan taing shònraichte a thoirt do Chomhairle nan Eilean Siar, Tolsta Community Development Ltd agus Car Hire Hebrides. Cha bhiodh an soirbheas seo air a bhith comasach às aonais na taic san.